Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 25 Gearran 2008.

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba anns an t-seachdain seo a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach do na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal)

Tha e comasach cùisean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìn aig www.holyrood.tv

Ath-choinneamhan na Pàrlamaid

Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

An clàr-gnothaich don tug a’ Pharlamaid a taic air 20 Gearran 2008

Diciadain 27 Gearran 2008


2.30f Àm Cnuasachaidh – An t-Urr. Màrtainn Fair, Eaglais Naomh Anndrais, Obar Bhrothaig


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Aithris Mhinistreil: Sgrùdadh Thubaist is Shuidheachadh Èiginn


Air a leantainn le
Deasbad ìre 1: Bile Geamachan Co-fhlaitheis Ghlaschu (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1366 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 19 Gearran 2008)


Air a leantainn le Gluasad Ionmhais: Bile Geamachan Co-fhlaitheis Ghlaschu (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1062 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diciadain 19 Dùbhlachd 2007)


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1096 Iain Scott: Iasgach-slaite Mara mar Chur-seachad (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dihaoine 21 Dùbhlachd 2007)


Diardaoin 28 Gearran 2008


9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Làbarach na h-Alba


11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 21 Gearran 2008)


12meadhan-latha
Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil


Gnothaichean Dùthchail agus an Àrainneachd;
Ceartas agus na h-Oifigearan Lagha (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 21 Gearran 2008)


2.55f Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le
Gnothaichean aig Ìre 3: Bile Cur às do Chìsean Luchd-ceuma (Alba) (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1367 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 19 Gearran 2008)


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le
Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1065 Cathaidh NicSheumais: Dùnadh Sgoiltean Dùthchail ri Mholadh (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 20 Dùbhlachd)


Diciadain 5 Màrt 2008


2.30f Àm Cnuasachaidh


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball


Diardaoin 6 Màrt 2008


9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D)


12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil


Ionmhas agus Fàs Seasmhach (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D)


2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball

Gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid


Bidh gnothaichean san t-seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.30f air Diciadain 27 Gearran.


Tursan foghlaim taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh air 18 Gearran:

Diciadain
Bun-sgoil Naomh Muire, Dùn Bhlathain
Àrd-sgoil Whitehill, Glaschu

Diardaoin
Àrd-sgoil Naomh Pòl, Glaschu
Acadamaidh Lìte, Dùn Èideann
Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne, Baile Dhùn Lèibhe
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Tursan Seirbheisean Coimhearsnachd

An t-seachdain seo, tadhailidh sgioba Coimhearsnachd na Pàrlamaid air:

Diciadain
Bun-sgoil Wellwood, Dùn Phàrlain

Diardaoin
Bun-sgoil Cnoc na h-Eaglaise, Obar Dheathain a-Deas

Clàran-ama nan Comataidhean

 

Dimàirt 19 Gearran 2008

Comataidh Co-ionannachd Chothrom

26 Gearran 2008

3mh Coinneamh, 2008

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.30m ann an Seòmar Comataidh 1


1. Sgrùdadh Ciorram: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh na molaidhean anns an aithisg A’ cur Chnapan-starra gu aon taobh agus a’ cruthachadh Chothroman, air fhoillseachadh le Comataidh Co-ionannachd Chothroman anns an dàrna seisean den Phàrlamaid, bho—
Fiona Hyslop BPA (Rùnaire Caibineit airson Foghlaim is Ionnsachadh Fad-beatha), Victoria Beattie, Àrd-neach Poileasaidh, Sgioba Taic Oileanach Dachaigheil is Eile, Ealasaid Catterson, Co-òrdanaiche Ionnsachadh Ciorram agus; Iòsaf Dowd, Manaidsear Leasachaidh, Sgioba Sàr Luchd-obrach, Riaghaltas na h-Alba.

 

Comataidh Sgeama Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba
26 Gearran 2008
2mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 3.00f ann an Seòmar Comataidh 4

1. Sgrùdadh Sgeama Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Chad Dawtry, Stiùiriche Poileasaidh, Ro-innleachd agus Leasachadh, Cairistiona Marr, Manaidsear Poileasaidh agus Daibhidh Lauder, Manaidsear Poileasaidh, Buidheann Peinnseanan Poblach na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Sir Iain Butterfill BP, Neach-gairm nan Urrasairean, Ionmhas Peinnseanan Pàighte Pàrlamaid Westminster agus Ailean Cairns AM, Neach-gairm nan Urrasairean, Sgeama Peinnseanan Còmhdhail Nàiseanta na Cuimrigh.


Comataidh Sgrùdaidh
27 Gearran 2008
4mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2


1. Co-dhùnadh a thaobh gnothaichean ann an dìomhaireachd: Beachdaichidh a' Chomataidh am bu chòir dhaibh cuspair 5 air a’ chlàr-gnothach a ghabhail ann an dìomhaireachd.
2. Aithisg Earrann 22 a thaobh Bòrd Slàinte na h-Eileanan an Iar: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh an sgrùdaidh aca air aithisg Earrann 22 bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh Sgrùdadh 2006/07 air Bòrd Slàinte na h-Eileanan an Iar bho —
Dick Manson, a b’àbhaist a bhith na Àrd-oifigear agus Dàibhidh Currie, a bha na Neach-gairm air NHS nan Eilean Siar.

 

Comataidh Slàinte is Spòrs
27 Gearran 2008
6mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1

2. Sgrùdadh Slighean gu Spòrs: Gheibh a' Chomataidh fianais bho Rhona Mhàrtainn MBE.


Comataidh Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar
27 Gearran 2008
5mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6


1. Clàr-oideachaidh airson Sàr-sheirbheis: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Alison Coull, Leas-stiùiriche, Roinn a’ Chlàr-oideachaidh, Seirbheis-stiùiridh nan Sgoiltean, Riaghaltas na h-Alba; Chris McIlroy, Àrd-neach Sgrùdaidh, HMIE; agus Ailean Armstrong, Stiùiriche Adhartas Foghlaim, Ionnsachadh agus Teagasg na h-Alba
Agus an uair sin bho—
Cairistiona Carlin, Leas-stiùiriche, Roinn Teisteanais is Sgilean, Seirbheis-stiùiridh nan Sgoiltean, Riaghaltas na h-Alba; agus Gill Stiùbhart, Leas-stiùiriche, Teisteanasan Nàiseanta, Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba.

 

Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan
27 Gearran 2008
6mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4


2. Bochdain connaidh: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Iain MacIlleDhuinn, Àrd-oifigear, Solas na h-Alba, Howard Marshall, Stiùiriche, Cumhachd BEST agus Seumas Ramsay, Manaidsear Gnìomh, McSense Heatwise Earranta.

 

Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:

  • Sgrùdadh  - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/audit/index.htm
  • Coimhearsnachdan - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/communities/index.htm
  • Foghlam - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/education/index.htm
  • Iomairt agus Cultar - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/enterprise/index.htm
  • An Àrainneachd agus an Leasachadh Dùthchail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/environment/index.htm
  • Co-ionannachd Chothroman - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/equal/index.htm
  • Eòrpach agus Dàimhean Taobh A-muigh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/europe/index.htm
  • Ionmhas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/finance/index.htm
  • Slàinte - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/health/index.htm
  • Ceartas 1 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice1/index.htm
  • Ceartas 2 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice2/index.htm
  • Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/lg/index.htm
  • Dòighean-obrach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/procedures/index.htm
  • Athchuingean Poblach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/petitions/index.htm
  • Inbhean - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/standards/index.htm
  • Fo-reachdas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/subleg/index.htm

Comataidhean airson Bilean Prìobhaideach