Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 23 Ògmhios 2008

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-seachdain a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach gu na meadhanan gach feasgar Haoine.  Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal).

Tha e comasach gnotaichean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìon aig www.holyrood.tv

Ath-choinneamhan na Pàrlamaid

Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:


Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.00f air Diciadain 18 Ògmhios.

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 11 Ògmhios 2008

Diciadain 25 Ògmhios 2008


2.00f Àm Cnuasachaidh – An Rabbi Nancy Morris, Sinagog Ath-leasachaidh Ghlaschu


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le
Aithris Mhinistreil: Taigheadas


Air a leantainn le
Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Ana-cleachdadh Deoch Làidir


Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1645 Karen Whitefield: Aois Milis 16?: Aois fàgail cùraim ann an Alba (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 31 Màrt 2008)

Diardaoin 26 Ògmhios 2008


9.00m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Deasbad Comataidh Sgeama Peinnsean Pàrlamaid na h-Alba: 1mh Aithisg 2008, Sgeama Peinnsean Pàrlamaid na h-Alba (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-2068 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 9 Ògmhios 2008)


Air a leantainn le Deasbad Comataidh Chùisean Dùthchail is Àrainneachd: 2mh Aithisg 2008, Tuiltean agus Dèiligeadh ri Tuiltean (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-2208 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 19 Ògmhios 2006)


11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 19 Ògmhios 2006)


12meadhan-là Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2014 Iain Park: Seirbheis Aisig Rosyth gu Zeebrugge (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 2 Ògmhios 2008)


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil


Slàinte agus Sàr-mhaitheis (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 19 Ògmhios 2006)


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


2.55f Àm Co-dhùnaidh


Diciadain 3 Sultain 2008


2.30f Àm Cnuasachaidh

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba


Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le
Gnothaichean nam Ball


Diardaoin 4 Sultain 2008


9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


11.40m
Àm nan Ceistean Coitcheann


12meadhan-là
Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil


Gnothaichean Dùthchail is Àrainneachd;


Ceartas agus na h-Oifigearan Lagha


2.55f
Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le
Gnothaichean nam Ball


Tursan foghlaim taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh air 23 Ògmhios:

Dimàirt
Àrd-sgoil Naomh Roch, Glaschu

Diciadain
Bun-sgoil Westerton, Obar Dheathain

Diardaoin
Bun-sgoil Ar Neach-saoraidh Naomh, Bruach Chluaidh

Coinneamhan nan Comataidhean

DIMÀIRT 24 ÒGMHIOS


Comataidh a' Cheartais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspair: 1

1. Sgrùdadh a thaobh obair poileis sa choimhearsnachd: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Sir Ronnie Flanagan, Àrd-neach Sgrùdaidh nam Poileas, Seirbheis Poileis na Ban-rìgh;
Agus an uair sin bho—
Àrd Chonnstabal Stìobhan House, agus Àrd Stiùireadair Anna NicGuaire, Ceannard Coileanaidh Seirbheis Coimhearsnachd nam Poileis, Poileis Shrath Chluaidh;
Agus an uair sin bho—
Coinneach MacAsgaill BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartas;
Alastair Merrill, Leas-stiùiriche, Cumhachdan, Coileanaidh agus Goireasan Poileis, Riaghaltas na h-Alba.

 

Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh

Coinnichidh a' Chomataidh aig 11.00m ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspair: 2

2. Lèirmheas Buidseit an EU: Gheibh a' Chomataidh fianais tro cho-labhairt bhideo bho—
Gary Titley, BPE, Taobh Ear-thuath Shasainn.
Comataidh an Ionmhais
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspair: 1

1. Lèirmheas air pròiseas a’ bhuidseit: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Iain Swinney BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is Fàs Seasmhach, agus Iain MacUilleim, Ceannard Co-òrdanachaidh Ionmhais, Riaghaltas na h-Alba.

Comataidh nan Athchuingean Poblach


Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Talla a’ Bhaile, 17 Sràid a’ Chaisteil, Dùn Bheatainn

Prìomh chuspairean: 1, 2

1. Beachdachadh air athchuingean ùra, a’ toirt a-steach:
PE1140 Ùrachadh an A82
Bheir Alasdair MacFhearghais òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aige còmhla ri Stiùbhart MacIlleathain.
PE1148 Leabharlannan coimhearsnachd ionadail
Bheir Sam Coulter òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aige còmhla ris a’ Phrionnsa Obiki agus Seònaid Carson bho Chomhairle Coimhearsnachd Arascain.
PE1159 Cùram slàinte iomchaidh do shaighdearan cogaidh
Bheir Sandra Kozak òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aice.
PE1167 Seirbheisean càirdeis
Bheir Cairistìona McNally òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aice còmhla ri Tòmas Dallas.
2. Beachdachadh air athchuingean gnàthaichte a’ toirt a-steach:
PE812 Loidhnichean sgaoilidh àrd-bholtach
PE932 A’ toirt taic do mhaoineachadh dhaoine
PE960 Suidheachadh cinn mì-nàdurrach
PE988 Cosgais call dachaigh
PE1048 NPPG19 agus clann ro-sgoile
PE1080 Ath-thoirt a-steach rèile iomall-baile

 

Comataidh Còmhdhail, Bun-structar agus Atharrachadh Clìomaid

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 4


Comataidh Inbhean is Dhreuchdan Poblach

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 5

Comataidh an Fho-reachdais


Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 6

 

DICIADAIN 25 ÒGMHIOS


Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd

Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 5

Prìomh chuspairean: 2, 3, 5, 6

2. Frèam-obrach Dealbhaidh Nàiseanta 2: Beachdaichidh a' Chomataidh air mar a sheallas iad air Frèam-obrach Dealbhaidh Nàiseanta 2.
3. Adhartas air sgrùdaidh: Beachdaichidh a' Chomataidh air sgrùdaidh a thaobh buaidh teannachadh creideas air eaconomaidh na h-Alba.
5. Iomairt na h-Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air tuilleadh fianais sgrìobhte a bharrachd a fhuaradh bho Iomairt na h-Alba.
6. Comhairle Chomhairlichean Eaconomaidh na h-Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh a bheil iad airson cuireadh a thoirt do riochdairean bho Chomhairle Comhairlichean Eaconomaidh na h-Alba fianais a thoirt dhaibh as t-foghar.


Comataidh Foghlaim, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar

Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.45m ann an Seòmar Comataidh 4

Prìomh chuspairean: 1, 2

1. Coimiseanar Cloinne is Dhaoine Òga na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Aithisgean Bhliadhnail 2006-07 agus 2007-08 bho—
Caitlin Marshall, Coimiseanair Cloinne is Dhaoine Òga na h-Alba.

Gun a bhith ro 10.30m:
2. Athchuinge PE1046: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh na h-athchuinge bho—
Fiona Hyslop, Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha, Mìcheal Kellet, Leas-stiùiriche, Ceannard Roinn Luchd-teagaisg, Riaghaltas na h-Alba.


Comataidh Sgrùdaidh

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6

Prìomh chuspairean: 2, 3, 4, 5, 6, 7

2. Prìomh phròiseactan calpa: Gheibh a' Chomataidh fianais bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh na h-aithisg aige leis an ainm “Mar a tha Riaghaltas ag obair: lèirmheas air prìomh phròiseactan calpa an Alba”. (AGS/2008/6)
3. Aithisg bhliadhnail Sgrùdadh na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh “Aithisg bhliadhnail Sgrùdadh na h-Alba airson 2007-08”.
4. Prògram-obrach adhartach Sgrùdadh na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh co-chomhairleachaidh Sgrùdadh na h-Alba mun phrògram-obrach adhartach aca.
5. Lèirmheas coileanaidh spòrs an Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air freagairt bhon Oifigear Cunntasach a thaobh aithisg Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba leis an ainm “Lèirmheas coileanaidh spòrs an Alba”. (AGS/2008/4).
6. Riaghladh fiosan poileis: Beachdaichidh a' Chomataidh air freagairt bhon Oifigear Cunntasach a thaobh aithisg Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba leis an ainm “Riaghladh fiosan poileis: lèirmheas tòiseachaidh”. (AGS/2007/8).
7. Lèirmheas air slàinte agus coileanaidh an NHS ann an Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air freagairt bhon Oifigear Chunntasach a thaobh aithisg Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba leis an ainm “Lèirmheas air slàinte agus coileanaidh an NHS ann an Alba 2006/07”. (AGS/2007/10).

Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspairean: 2, 3, 4

2. Fo-reachdas: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-ionnstramaidean àicheil a leanas—
Òrdugh Ainmeachadh Ùghdarras Dealbhaidh Leasachaidh Ro-innleachd (Àir. 1) (Alba) 2008 (SSI 2008/195);
Òrdugh Ainmeachadh Ùghdarras Dealbhaidh Leasachaidh Ro-innleachd (Àir. 2) (Alba) 2008 (SSI 2008/196);
Òrdugh Ainmeachadh Ùghdarras Dealbhaidh Leasachaidh Ro-innleachd (Àir. 3) (Alba) 2008 (SSI 2008/197);
Òrdugh Ainmeachadh Ùghdarras Dealbhaidh Leasachaidh Ro-innleachd (Àir. 4) (Alba) 2008 (SSI 2008/198);
Agus gheibh iad fianais bho—
Stiùbhart MacSteafain BPA, Ministear Còmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid, agus Stìobhan Hall, Àrd Neach-dealbhaidh, Roinn Ùrachaidh Dealbhaidh agus Co-òrdanachaidh, Riaghaltas na h-Alba.
3. A’ dealbhadh airson taigheadais: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Stiùbhart MacSteafain BPA, Ministear a’ Chòmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid, Stìobhan Garland, Ùrachadh Dealbhaidh agus Co-òrdanachadh, Jackie Wilkins, Ceannard Dealbhaidh Ro-innleachdail, Margaidean Taigheadais agus Sòlar, agus Aiden Grisewood, Ceannard na Roinne, Seirbheisean Mìneachaidh Coimhearsnachd, Riaghaltas na h-Alba.
4. Cìs Chosnaidh Ionadail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Angela Scott, Ceannard CIPFA an Alba, agus Don Peebles, Manaidsear Poileasaidh agus Teignigeach, CIPFA.

 

Comataidh Chùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd

25 Ògmhios 2008

13mh Coinneamh, 2008

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspairean: 1, 2, 4

1. Fo-reachdas: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh dreachd de Riaghailtean Ceadachadh Luchd-reic Bheathaichean (Cait is coin òga) (Alba) 2008 bho—
Ridseard Lochhead, Rùnaire a' Chaibineit airson Chùisean Dùthchail isna h-Àrainneachd, Iain Strachan, Ceannard meur Sochair Bheathaichean agus Kirsten Simonnet-Lefevre, Neach-lagha, Roinn Gnothaichean Dùthchail, Riaghaltas na h-Alba.
2. Fo-reachdas: Ridseard Lochhead BPA (Rùnaire a' Chaibineit airson Chùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd) gu bhith a’ gluasad S3M-2067—
Gu bheil Comataidh Chùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd a’ moladh gum bu chòir aonta a thoirt do Riaghailtean Ceadachaidh Luchd-reic Bheathaichean (Cait is coin òga) (Alba) 2008.
4. Sgrùdadh Taigheadas Dùthchail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Veronica Burbridge, Stiùiriche, Institiud Dealbhaidh Baile Rìoghail an Alba
Agus an uair sin bho
Seumas MacFhionghainn, Àrd-neach Dealbhaidh agus Louise Feenie, Roinn Taigheadais is Ath-ghinealachaidh, Riaghaltas na h-Alba


Comataidh Slàinte is Spòrs


Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Pàirce Murrayfield, Dùn Èideann

Prìomh chuspair: 1

1. Slighean gu Spòrs: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Seumas Hamalton, Rugbaidh Dhùn Èideann;
Donna Ceanadach, Neach-trèanaidh, Acadamaidh Aonadh Rugbaidh Mnathan na h-Alba;
Pàdraig Wright, Stiùiriche Rugbaidh, Clamhanan Ghlaschu;
Agus an uair sin bho—
Gòrdan McKie, Àrd-oifigear, Rugbaidh na h-Alba;
Coinneach Moireach, Àrd-oifigear Leasachaidh Spòrs, Comhairle Baile Ghlaschu;
Cailean MacThòmais, Ceannard Rugbaidh Coimhearsnachd, Rugbaidh na h-Alba;
Gregor Townsend


Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:

  • Sgrùdadh  - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/audit/index.htm
  • Coimhearsnachdan - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/communities/index.htm
  • Foghlam - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/education/index.htm
  • Iomairt agus Cultar - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/enterprise/index.htm
  • An Àrainneachd agus an Leasachadh Dùthchail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/environment/index.htm
  • Co-ionannachd Chothroman - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/equal/index.htm
  • Eòrpach agus Dàimhean Taobh A-muigh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/europe/index.htm
  • Ionmhas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/finance/index.htm
  • Slàinte - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/health/index.htm
  • Ceartas 1 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice1/index.htm
  • Ceartas 2 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice2/index.htm
  • Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/lg/index.htm
  • Dòighean-obrach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/procedures/index.htm
  • Athchuingean Poblach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/petitions/index.htm
  • Inbhean - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/standards/index.htm
  • Fo-reachdas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/subleg/index.htm

Comataidhean airson Bilean Prìobhaideach