Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 16 Dàmhair 2006.

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba anns an t-seachdain seo a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach do na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal)

.

Tha e comasach cùisean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìn aig www.holyrood.tv


An t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 16 Dàmhair 2006

 
Gabhaibh aire do na puingean a leanas:

13-19 Dàmhair – Turas gu Èirinn gus “Ceanglaichean Ceilteach” Thaigh an Ròid a neartachadh

Bidh fòcas pàrlamaideach air ceanglaichean eadar Alba is Èireann an-diugh agus buidheann de BhPA a’ dèanamh air Èireann air turas-rannsachaidh Còmhla ris an t-Oifigear-riaghlaidh Seòras Reid BPA bìdh sia BPAn air turas gus a bhith a’ sgrùdadh phròiseactan ath-ghinealachaidh, ceanglaichean culturail agus pàrlamaideach. Còmhla ri BPAn Seòna Nic a’ Bhàird, Dennis Canavan, Maureen Nic a’ Mhaoilein, Seumas Mather, Dàibhidh Petrie agus Iain Mac a’ Ghobhain, bidh an t-Oifigear-riaghlaidh a’ dol air an turas seo gus sgrùdadh a dhèanamh air dòighean anns an urrainn Alba agus Èireann a  bhith a’ co-obrachadh ann an raointean co-ùidheil.

Mar phàirt den turas, bheir an t-Oifigear-riaghlaidh seachad prìomh-òraid mu cheanglaichean Alba-Èirinn agus deamocrasaidh san 21mh linn aig Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann, air a cho-aoigheachd le Ionad Sgrùdaidh Èirinn-Alba, Colaiste Trinity, Baile Ath Cliath agus Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann air 17 Dàmhair.

Bìdh a’ Phàrlamaid na fosadh:  9 – 20 Dàmhair 2006

Cliog an-seo airson mion-fhiosrachaidh air ath choinneimh na Pàrlamaid. 

Taobh a-staigh An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba gheibhear ceanglaichean feumail rin làraich-lìn. Faodar an lorg gu h-ìseal.

 

Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:

  • Sgrùdadh  - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/audit/index.htm
  • Coimhearsnachdan - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/communities/index.htm
  • Foghlam - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/education/index.htm
  • Iomairt agus Cultar - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/enterprise/index.htm
  • An Àrainneachd agus an Leasachadh Dùthchail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/environment/index.htm
  • Co-ionannachd Chothroman - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/equal/index.htm
  • Eòrpach agus Dàimhean Taobh A-muigh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/europe/index.htm
  • Ionmhas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/finance/index.htm
  • Slàinte - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/health/index.htm
  • Ceartas 1 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice1/index.htm
  • Ceartas 2 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice2/index.htm
  • Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/lg/index.htm
  • Dòighean-obrach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/procedures/index.htm
  • Athchuingean Poblach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/petitions/index.htm
  • Inbhean - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/standards/index.htm
  • Fo-reachdas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/subleg/index.htm

Comataidhean airson Bilean Prìobhaideach