Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 14 Faoilleach 2008.

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba anns an t-seachdain seo a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach do na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal)

Tha e comasach cùisean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìn aig www.holyrood.tv

Ath-choinneamhan na Pàrlamaid

Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

An clàr-gnothaich don tug a’ Pharlamaid a taic air 09 Faoilleach 2008


Diciadain 16 Faoilleach 2008


2.00f Àm Cnuasachaidh – An Canan Anndra Mann, Eaglais Chaitligeach Naoimh Chalum Chille, Beannchar


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Aithris Mhinistreil: Ionadan Iasgaich


Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Aithisg OECD a thaobh Foghlam na h-Alba: Deasachd agus Co-ionannachd Sgoilearachd ann an Alba


Air a leantainn le
Gluasad Ghnothaichean


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuapair S3M-1074 Cathaidh Peattie: Daoine Òga san Àite-obrach (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dihaoine 21 Dùbhlachd 2007)


Diardaoin 17 Faoilleach 2008


9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Lùths


11.40m
Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D)


12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil


Slàinte agus Maitheas (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D)


2.55f
Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Ceartas


Air a leantainn le
Gluasad Cead Reachdais: Bile Cunntasan Banca agus Buidhnean Togail Gun Ghluasad – Reachdas RA (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1087 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 7 Faoilleach 2008)


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f
Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-969 Ròsanna Choineagan: Buidheann Dìon Adhair agus Càraidh, Almondbank – Cur às to Prìomhachais (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 8 Faoilleach 2008)


Diciadain 23 Faoilleach 2008


2.00f Àm Cnuasachaidh


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Deasbad Ìre 1: Bile a’ Bhuidseit (Alba)


Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

6.00f Àm Co-dhùnaidh


Diardaoin 24 Faoilleach 2008


9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


11.40m
Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D)


12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil


Ceartas agus na h-Oifigearan Lagha;


Cùisean Dùthchail agus an Àrainneachd (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D)


2.55f
Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball

 

Gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid


Bidh gnothaichean san t-seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.00f air Diciadain 16 Faoilleach.

Tursan foghlaim taobh a-staigh an t-seachdain seo:

Dimàirt
Bun-sgoil Sciennes, Dùn Èideann

Diciadain
Colaiste Adhamh Mac a’ Ghobhainn, Cathair Challdainn
Bun-sgoil Sciennes, Dùn Èideann
Acadamaidh Tòraidh, Obar Dheathain

Tursan Seirbheisean Coimhearsnachd

An t-seachdain seo, tadhailidh sgioba Coimhearsnachd na Pàrlamaid air:

Dimàirt

Bun-sgoil Forthview, Dùn Èideann a-Tuath agus Lìte
Bun-sgoil Coaltown of Wemyss, Cathair Challdainn

Diciadain
Bun-sgoil Naomh Joachim, Carmyle, Glaschu Baillieston
Bun-sgoil Juniper Green, Dùn Èideann Pentlands

Diardaoin
Bun-sgoil Howdenburn, Roxburgh & Siorrachd Bhearaig

Dihaoine
Bun-sgoil Parson's Green, Dùn Èideann

Clàran-ama nan Comataidhean

Dimàirt 15 Faoilleach 2008

 

Comataidh a' Cheartais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Seòmar Comataidh 6
Prìomh chuspair: 1

1. Bile Ceartas Eucoir agus In-imrich (Reachdas Pàrlamaid na RA): Beachdaichidh a' Chomataidh air a’ mheòmhrachan cead reachdais a chuir Coinneach MacAsgaill BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartas (LCM(S3) 7.1).


Comataidh Co-ionannachd Chothroman

Coinnichidh a' Chomataidh aig 11.00m ann an Seòmar Comataidh 2
Prìomh chuspairean: 3 & 4

3. Àm ri teachd dhuinn uile: A’ dealbhadh airson Alba le sluagh aosmhor: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba, Àm ri teachd dhuinn uile: A’ dealbhadh airson Alba le sluagh aosmhor, bho—
Shona Robison BPA, Ministear airson Slàinte Poblach, Iain Storey, Ceannard, Sgioba Daoine nas sine agus Aois agus Pàdraig MacIlleRuaidh, Sgioba Daoine nas sine agus Aois, Riaghaltas na h-Alba.
4. Roi-innleachd Co-ionannachd Chothroman air a mholadh leis a’ Choimiseanair airson Dreuchdan Poblach an Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Karen Carlton, Coimiseanair airson Dreuchdan Poblach an Alba.

Comataidh an Fho-reachdais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 11.00m ann an Seòmar Comataidh 4


Comataidh an Ionmhais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 5
Prìomh chuspair: 1

1. Bile Slàinte Poblach 7c. (Alba): Beachdaichidh a' Chomataidh air tuilleadh fianais a fhuair iad a thaobh a’ Mheòmhrachain Ionmhais.


Comataidh nan Athchuingean Poblach

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2
Prìomh chuspairean: 1 & 2

1. Beachdachadh air athchuingean ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean ùra a leanas—
PE1100 Solarachadh goireasan motar-bhaidhsagal
Bheir Bob MacIlleRuaidh òraid ghoirid seachad don Chomataidh a’ toirt taic don athchuinge aige còmhla ri Eric Jones.
PE1108 Solarachadh druga Cetuximab thar Bùird NHS
Bheir Tina McGeever òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aice còmhla ri Mìcheal Gray agus Seòras Darroch.
2. Beachdachadh air athchuingean gnàthaichte: Nì a’ Chomataidh tuilleadh beachdachaidh air na h-athchuingean gnàthaichte a leanas—
PE535 agus PE888 Mì-ghnàthachadh cloinne stèidhichte
PE867 Leigheas dìomhair


Comataidh na Còmhdhail, Fo-structar agus Atharrachadh Clìomaid

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 6
Prìomh chuspair: 2

2. Cur an-àite Dol Thairis na Fortha: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh cur an-àite dol thairis na Fortha bho—
Iain MacSuibhne BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas agus Fàs Seasmhach.


Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach


Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 4


Diciadain 16 Faoilleach 2008


Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan

Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.00m ann an Seòmar Comataidh 1
Prìomh chuspairean: 2, 3 & 4

2. Bile Geamachan Co-fhlaitheis Ghlaschu: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh prionnsabalan coitcheann a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Stiùbhart MacSuail BPA, Ministear nan Coimhearsnachdan agus an Spòrs, Iain Caimbeul, Sgioba Ghlaschu 2014 agus Lunnainn 2012, Daibhidh MacThòmais, Comhairliche Poileasaidh agus Beth Elliot, Seirbheisean Lagha, Riaghaltas na h-Alba.
3. Cùrsan tagraidh dealbhaidh (Oighreachd Menie): Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Gun a bhith ro 9.30m
Ailean Caimbeul, Àrd-oifigear, Comhairle Obar Dheathain
Gun a bhith ro 10.30m
bho—
Seumas Moireasdan, Àrd-oifigear Dealbhaidh agus Dàibhidh MacFhearghais, Ceannard Co-dhùnaidhean Dealbhaidh, Riaghaltas na h-Alba
Gun a bhith ro 11.30m
bho—
Iain MacSuibhne BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas agus Fàs Seasmhach agus Dàibhidh MacFhearghais, Ceannard Co-dhùnaidhean Dealbhaidh, Riaghaltas na h-Alba
Gun a bhith ro 12.30f
Agus an uair sin bho—
Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear agus Dàibhidh MacFhearghais, Ceannard Co-dhùnaidhean Dealbhaidh, Riaghaltas na h-Alba

4. Cùrsan tagraidh dealbhaidh (Oighreachd Menie): Beachdaichidh a' Chomataidh air an fhianais a fhuair iad.


Comataidh Eaconomaidh, Lùths agus Turasachd

Coinnichidh a' Chomataidh aig 09.30m ann an Seòmar Comataidh 6


Prìomh chuspairean: 1 – 4

1. Co-dhùnaidhean a thaobh gabhail cuspairean ann an dìomhaireachd: Beachdaichidh a' Chomataidh am bu chòir cuspairean 3 agus 4 a ghabhail ann an dìomhaireachd.
2. Fiosrachadh air ais bhon cho-labhairt a chumar leis an STUC: Thèid iarraidh air a’ Chomataidh fiosrachadh air ais a thoirt seachad bhon cho-labhairt a chumar leis an STUC a thaobh “Àit’-obrach na h-Alba agus Dùbhlan Cinneasachd”.
3. Sgrùdadh Turasachd – Piantan Fàs: an faigh sinn fàs 50% ann an ionmhas turasachd ro 2015?: Beachdaichidh a' Chomataidh air pàipear bhon chomhairliche turasachd aca a’ stèidheachadh prògram-obrach airson an sgrùdaidh.
4. Stèidheachadh Institiud Teigneòlasan Cumhachd agus cothroman airson Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de dh’aithisg.

Comataidh Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2
Prìomh chuspair: 1

1. Dualchas togail na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Iain Greumach, Àrd-oifigear, Alba Eachdraidheil, Greumach U’ren, Stiùiriche, Fòram Àrainneachd Togail na h-Alba, Diana Mhoireach, Rùnaire (Àrd-oifigear), Coimisean Rìoghail Càrnan Eachdraidheil na h-Alba agus Marc Adderley, Àrd-oifigear, Urras Nàiseanta na h-Alba.


Comataidh Slàinte is Spòrs

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 5
Prìomh chuspairean: 1 & 2

1. Fo-reachdas: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-ionnstramaidean àicheil a leanas—
Riaghailtean Fòil (Cosgaisean Smachd Oifigeil) (Alba) (Àir.2) 2007 (SSI 2008/538);
Riaghailtean Formala Leanaibh agus Formala Leantainneach (Alba) 2007 (SSI 2007/549);
Agus is dòcha gum faigh iad fianais a thaobh na h-ionnstramaidean bho Susan Pryde agus Stiòbhan Hendry, Buidheann Inbhean a’ Bhidhe.
2. Bile Slàinte Phoblach 7c. (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais, timcheall a’ bhiùrd, bho—
Anndra Riley, Stiùirichean Buidheann Slàinte Poblach na h-Alba;
An t-Ollamh Teàrlach Saunders, Neach-gairm, Comataidh Comhairlichean na h-Alba, BMA na h-Alba;
Ron Culley, Manaidsear Poileasaidh, COSLA;
Garrick Mac a’ Ghobhainn, Manaidsear Poileasaidh, COSLA;
Màrtainn Donaghy, Stiùiriche Leigheil, Dìon Slàinte na h-Alba;
Rona Broom, Rùnaire Mionaidean, Buidheann na h-Alba, Buidheann Casg nan Galair;
An t-Ollamh Eric Baijal, Stiùiriche Slàinte Poblach agus Poileasaidh Slàinte, NHS na Gàidhealtachd;
Tòmas Bell, Rùnaire, Institiud Slàinte Àrainneachd Rìoghail na h-Alba;
Coinneach Jones, Ceannard Slàinte Àrainneachd, Comhairle Criochan na h-Alba;
Raibeart Howe, Ceannard Seirbheisean Àrainneachd agus Ro-innleachdail, Comhairle Siorrachd Lannraig a-Deas; agus
Friseal MacThòmais, Buidheann Àrd-oifigearan Slàinte Àrainneachd na h-Alba.

 

Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:

  • Sgrùdadh  - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/audit/index.htm
  • Coimhearsnachdan - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/communities/index.htm
  • Foghlam - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/education/index.htm
  • Iomairt agus Cultar - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/enterprise/index.htm
  • An Àrainneachd agus an Leasachadh Dùthchail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/environment/index.htm
  • Co-ionannachd Chothroman - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/equal/index.htm
  • Eòrpach agus Dàimhean Taobh A-muigh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/europe/index.htm
  • Ionmhas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/finance/index.htm
  • Slàinte - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/health/index.htm
  • Ceartas 1 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice1/index.htm
  • Ceartas 2 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice2/index.htm
  • Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/lg/index.htm
  • Dòighean-obrach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/procedures/index.htm
  • Athchuingean Poblach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/petitions/index.htm
  • Inbhean - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/standards/index.htm
  • Fo-reachdas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/subleg/index.htm

Comataidhean airson Bilean Prìobhaideach