Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 09 Ògmhios 2008

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-seachdain a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach gu na meadhanan gach feasgar Haoine.  Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal).

Tha e comasach gnotaichean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìon aig www.holyrood.tv

Tachartasan sa Phàrlamaid an t-seachdain seo

Ath-choinneamhan na Pàrlamaid

Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:


Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.30f Diciadain 11 Ògmhios.

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 04 Ògmhios 2008

Diciadain 11 Ògmhios 2008

2.30f Àm Cnuasachaidh – Juliet NicUilleim, Buidheann Daonnachais na h-Alba

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le Aithris mhinsitreil: Structar Gnìomhachais Eile air Proifeasan Lagha

Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Buaidh Sgeama Bònas nan Gnìomhachas Beaga

Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1787 Seumas Hume: A’ dèiligeadh ri cus còmhdach (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 28 Giblean 2008)

Diardaoin 12 Ògmhios 2008

9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 5 Ògmhios 2008)

12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

12.30f Deasbad Buidheann Corporra Pàrlamaid na h-Alba: Sgeama Cosgaisean

2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Ionmhas agus Fàs Seasmhach (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 5 Ògmhios 2008)

2.55f Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le Gnothaichean Ìre 3: Bile Slàinte a' Phobaill 7c. (Alba) (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-2018 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 2 Ògmhios 2008)

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2021 Lewis Dòmhnallach: Sgrùdadh Luach as Fheàrr air Comhairle Baile Obar Dheathain (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 2 Òg Mhios 2008)

Diciadain 18 Ògmhios 2008

2.30f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

 

Air a leantainn le Deasbad Ìre 1: Bile Alba Chruthachail (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-2028 ann an Earrann F den Iris

Ghnothaichean airson Diluain 2 Ògmhios 2008)

Air a leantainn le Gluasad Ionmhais: Bile Alba Chruthachail (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1776 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 28 Giblean 2008)

Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball

Diardaoin 19 Ògmhios 2008

9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

 

Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

 

11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 5 Ògmhios 2008)

 

12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

 

2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar;

 

Foghlam agus Ionnsachadh Fad-bheatha (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 5 Ògmhios 2008)

2.55f Deasbad Ìre 1: Bile Clàr Bhreacain na h-Alba (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-2072 ann an Earrann F)

 

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

 

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball

 

Tursan foghlaim taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh air 02 Ògmhios:

 

Dimàirt
Oilthigh Ghlaschu PGDE Àrd-sgoil

Diciadain

Oilthigh Ghlaschu PGDE Àrd-sgoil
Bun-sgoil Kippen, Kippen
Bun-sgoil Mayfield, Saltcoats

Diardaoin

Bun-sgoil Pàirce Hermitage, Dùn Èideann
Bun-sgoil Baile Sheumais, Alexandria
Bun-sgoil Muilleann Lundin, Lundin Links

Coinneamhan nan Comataidhean

DIMÀIRT 10 ÒGMHIOS

Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh

Prìomh chuspairean: 2 & 3:

2. Seachdain na h-Alba: Bheir Ailig Nèill BPA iomradh air ais a thaobh Seachdain na h-Alba.
3. Seachdain na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Lorna Jack, Stiùiriche, Americas, Leasachadh na h-Alba Eadar-nàiseanta;
Denise Hill, Ceannard Margaidheachd Eadar-nàiseanta, agus Eòghann Colville, Manaidsear Margaidheachd Eadar-nàiseanta Ameireaga a-Tuath, VisitScotland;
Màiri McCluskey, Stiùiriche Ealain (Àrd-oifigear), Cleasachd Òigridh na h-Alba.

 

Comataidh an Ionmhais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspair 2:

2. Lèirmheas air cùrsa a’ Bhuidseit: Gheibh a' Chomataidh fianais, timcheall a’ bhùird, bho—
An t-Ollamh Pàdraig Collings, a bha na Neach-gairm air Buidheann Comhairleachaidh Gnothaichean Ionmhais;
An t-Àrd Ollamh Dàibhidh Heald, a bha na bhall den Bhuidheann Comhairleachaidh Gnothaichean Ionmhais;
Alf Young, a bha na bhall den Bhuidheann Comhairleachaidh Gnothaichean Ionmhais;
Des Mac an Ultaidh BPA, a bha na Neach-gairm air Comataidh an Ionmhais;
Alasdair Morgan BPA, a bha na Leas-neach Gairm air Comataidh an Ionmhais;
Eddie Frizzell, Comhairliche Buidseit do Chomataidh an Ionmhais, pròiseas a’ Bhuidseit 2008-09;
Jan Polley, Comhairliche Buidseit do Chomataidh Leasachadh Dùthchail is na h-Àrainneachd, Pròiseas a’ Bhuidseit 2008-09;
An t-Àrd Ollamh Dàibhidh Bell, Comhairliche Buidseit do Chomataidh an Ionmhais.

 

Comataidh nan Athchuingean Poblach

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2

 

1. Beachdachadh air athchuingean ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean ùra a leanas—
PE1150 Taic do phrìosanan coimhearsnachd
Bheir Dàibhidh Wemyss òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aige còmhla ris a’ Chomhairliche Gòrdan Lesley.
PE1158 Gearraidhean ann an seirbheisean poblach is saor-thoileach
Bheir Caoimhin Hutchens òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aige còmhla ri Anndra Laing bhon Aonaidh Coimhearsnachd, Glencraft agus Caoimhin McCahery bho Roghainnean agus Roghainnean san Àm ri Teachd.
PE1162 Sgeama Siubhal Lasaichte Nàiseanta
Bheir Sally Ann Elfverson òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aice còmhla ri Ian Hood agus Collen Menabny bho Chom-pàirteachas Ionnsachaidh Ciorram na h-Alba.
PE1160 Referendum air Fèin-riaghlaidh ionmhais
PE1161 Clàradh claisneachd de ghnothaichean cùirt
PE1163 Sgrùdadh air oifis Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba
PE1164 Cleachdadh embryothan beò agus measgaichte
PE1165 Còraichean athraichean bith-eòlasach
2. Beachdachadh air athchuingean gnàthaichte: Beachdaichidh a' Chomataidh nas fhaide air na h-athchuingean gnàthaichte a leanas—
PE1020 Sreath casg-astair air an A90
PE1045 Cùrsaichean trèanaidh do ghruagairean
PE1049 Cumail suas àiteachan fosgailte nach deach an gabhail a-steach
PE1079 Tabhartas cumail suas foghlaim
PE1083 Taighean-tasgaidh ionadail
PE1088 Pàigheadh agus suidheachadh-obrach òraidichean FE
PE1090 Cairt dearbhaidh aois nàiseanta dhaibhsan a tha 12-26 bliadhna a dh’aois
3. Fios mu athchuingean ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air pàipear a sheallas na h-athchuingean a chaidh a chur a-steach bhon choinneamh Comataidh mu dheireadh.
4. Sgrùdadh air an ìre gu bheil drugaichean làimhseachaidh aillse rim faighinn air an NHS (an an dìomhaireachd): Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de dh’aithisg.

 

Comataidh Còmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 4

Prìomh chuspairean 1 & 2:

1. Fo-reachdas: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Òrdugh Atharrachaidh Comataidh Luchd-cleachdaidh Còmhdhail Phoblach na h-Alba 2008 (SSI 2008/186) agus Riaghailtean As-ghairm Comataidh Gluasad is Ruigsinn 2008 (SSI 2008/187) bho —
Stiùbhart MacSteafain BPA, Ministear Còmhdhail, Bun-structair is Atharrachadh Clìomaid; agus
Bill Brash, Prìomh Oifigear Poileasaidh, Diane McLafferty, Ceannard Ro-innleachd Còmhdhail, Seirbheis Stiùiridh Còmhdhail agus Jacqueline Pantony, Prìomh Oifigear Laghail, Riaghaltas na h-Alba.
2. Fo-reachdas: Bidh Cathaidh Peattie a’ gluasad S3M-2022—Gu bheil Comataidh Còmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid a’ moladh gun an còrr a dhèanamh a thaobh Òrdugh Atharrachaidh Comataidh Luchd-cleachdaidh Còmhdhail Phoblach na h-Alba 2008 (SSI 2008/186).

 

DICIADAIN 11 ÒGMHIOS 2008

 

Comataidh Foghlaim, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspairean 1 & 2:

1. An dàrna lèirmheas aig Ofcom air an t-Seirbheis Craolaidh Poblach: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ chiad ìre bho—
Vicki Nash, Stiùiriche, Ofcom na h-Alba; Stiùbhart Purvis, Com-pàirtiche, Prògramannan is Inbhean, Ofcom; Tòmas Prag, Neach-gairm, Comataidh Comhairleachaidh Ofcom na h-Alba agus Joyce Nic an Tàilleir, Ball Albannach, Bòrd Phrògraman Ofcom.
2. Coimisean Craolaidh na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh na trì aithisgean eadarail a dh’ fhoillsich a’ Choimisean bho—
Blàr Jenkins, Neach-gairm, Coimisean Craolaidh na h-Alba.

 

Comataidh Slàinte is Spòrs

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1

 

Prìomh chuspairean 1 & 2:

1. Slàinte-tele: Gheibh a' Chomataidh fianais bho:
An t-Àrd Ollamh Ridseard Wootton, Stiùiriche, Ionad Slàinte-tele na h-Alba.

Gun a bhith ro 11.00m —

2. Seirbheisean slàinte inntinn do dhaoine bodhar agus balbh-bodhar: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Shona Robasdan BPA, Ministear Slàinte a’ Phobaill

 

Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4

 

Prìomh chuspairean 1 & 2:

1. A’ buileachadh cur-thairis telebhisean digiteach: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Linda Fabiani, Ministear na h-Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar;
Greig Chalmers, Stiùiriche Sgioba, agus Anna Dagg, Oifigear Poileasaidh, Sgioba Alba Chruthachail agus Craolaidh, Riaghaltas na h-Alba.
2. Buidheann Cumail sùil air Dìth Dachaigh: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Mìcheal Foulis, Stiùiriche Taigheadais is Ath-ghinealachaidh, Riaghaltas na h-Alba;
An Comhairliche Harry McGuigan, Neach-labhairt airson sàr-mhaitheis coimhearsnachd agus sàbhailteachd, COSLA;
Gilleasbuig Stoddart, Stiùiriche, Fasgadh na h-Alba;
Anndra Young, Comhairliche Deagh Chleachdadh, Caidreachas Bhuidhnean Taigheadais na h-Alba.

 

Comataidh Leasachadh Dùthchail is na h-Àrainneachd

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6

Prìomh chuspair 1:

1. Sgrùdadh Taigheadais Dùthchail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Jacqui Watt, Àrd-oifigear agus Ailean Stokes, Comhairliche Deagh Chleachdadh, Caidreachas Bhuidhnean Taigheadais na h-Alba.
Marion Notman, Neach-gairm, Fòram Buidheann Taigheadais Dùthchail agus nan Eilean;
Tormod Peutan, Neach-gairm agus Alastair MacGriogair, Àrd-oifigear, Comann Taigheadais Earra-ghàidheal
agus beachdaichidh iad am bu chòir dhaibh comhairliche fhastadh.

Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:

  • Sgrùdadh  - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/audit/index.htm
  • Coimhearsnachdan - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/communities/index.htm
  • Foghlam - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/education/index.htm
  • Iomairt agus Cultar - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/enterprise/index.htm
  • An Àrainneachd agus an Leasachadh Dùthchail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/environment/index.htm
  • Co-ionannachd Chothroman - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/equal/index.htm
  • Eòrpach agus Dàimhean Taobh A-muigh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/europe/index.htm
  • Ionmhas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/finance/index.htm
  • Slàinte - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/health/index.htm
  • Ceartas 1 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice1/index.htm
  • Ceartas 2 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice2/index.htm
  • Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/lg/index.htm
  • Dòighean-obrach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/procedures/index.htm
  • Athchuingean Poblach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/petitions/index.htm
  • Inbhean - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/standards/index.htm
  • Fo-reachdas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/subleg/index.htm

Comataidhean airson Bilean Prìobhaideach