AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA
Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh
07 Iuchar 2008
Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-seachdain a’ tighinn.
Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach gu na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal).
Tha e comasach gnotaichean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìon aig www.holyrood.tv
Tha a’ Phàrlamaid na fosadh gu 31 Lùnastal. Is e Diciadain 3 Sultain an ath latha suidhe a tha clàraichte san t-Seòmair.
Ath-choinneamhan na Pàrlamaid
Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:
Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 9.30m air Diciadain 3 Sultain agus bidh làn-làithean de ghnothaichean san t-Seòmair air gach cuid Diciadain agus Diardaoin.
Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd
An clàr-gnothach don tug a’ Phàrlamaid a taic air 25 Ògmhios 2008
Diciadain 3 Sultain 2008
9.30m Àm Cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
2.30f Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 4 Sultain 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris-ghnothaichean airson Diardaoin 26 Ògmhios 2008)
12 meadhan-latha Àm-Cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Gnothaichean Dùthchail is Àrainneachd;
Ceartas is na h-Oifigearan Lagha (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 26 Ògmhios 2008)
2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Coinneamhan nan Comataidhean
DIHAOINE 4 IUCHAR
Comataidh Inbhean agus Dhreuchdan Poblach
4 Iuchar 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2
1. Gearan (ann an dìomhaireachd): Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd den aithisg aice.
Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:
|