Ath-choinneamhan na Pàrlamaid
Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:
Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd
An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 27 Gearran 2008
Diciadain 05 Màrt 2008
2.00f Àm Cnuasachaidh – Sìne Bentley, Comataidh Stiùiridh Òigridh Comhairle Eadar-chreideamh na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Ceangal Rèile nan Criochan
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Aithisg Buidheann-obrach Tabhartas Ball-cuirp
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1028 Trish Godman: Luchd-cleachdaidh Cathair-cuibhle na h-Alba agus na Còraichean Daonna aca (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 17 Dùbhlachd 2007)
Diardaoin 6 Màrt 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Ath-leasachadh air Ospadal na Stàite
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Aithisg Coimisean Lagha na h-Alba a thaobh Èigneachadh agus Eucoirean Feise
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 28 Gearran 2008)
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Ionmhas agus Fàs Seasmhach (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 28 Gearran 2008)
2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Lèirmheas OECD air Poileasaidh Dùthchail na h-Alba
Air a leantainn le Deasbad Comataidh air Inbhean, Cùrsan-obrach agus Dreuchdan Poblach: Aithisg a thaobh co-chomhairleachaidh air an Ro-innleachd ri mholadh airson Àrdachadh Co-ionnanachd Chothroman mu Chùrsa-obrach Cur an dreuchd Ministearan na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1331 Coinneach Gibson: Anorexia agus Bulimia (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 26 Gearran 2008)
Diciadain 12 Màrt 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 13 Màrt 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Libearalaich Dheamocratach na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 28 Gearran 2008)
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Foghlam agus Ionnsachadh Fad-beatha;
Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 28 Gearran 2008)
2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid
Bidh gnothaichean san t-seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.00f air Diciadain 05 Màrt.
Tursan foghlaim taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh air 18 Gearran:
Diluain
Bun-sgoil Craigie, Peàirt
Diardaoin
Bun-sgoil Kirknewton, Lodainn an Iar
Acadamaidh Lìte, Lìte
Acadamaidh Inbhir Àir, Inbhir Àir
Acadamaidh Rosshall, Glaschu
Tursan Seirbheisean Coimhearsnachd
An t-seachdain seo, tadhaiIidh sgioba Coimhearsnachd na Pàrlamaid air:
Diluain
Bun-sgoil Tweedbank
Acadamaidh Dollar
Sgoil Ghràmair Phàislig
Bun-sgoil Daneston
Bun-sgoil Dunbarney
Diciadain
Bun-sgoil Knockbreack
Bun-sgoil Newmilns
Diardaoin
Acadamaidh Miller
Bun-sgoil Mount Pleasant
Bun-sgoil Alves
Dihaoine
Bun-sgoil Achadh an Todhair gu h-àrd
Bun-sgoil Laurieknowe
Bun-sgoil Williamston
Clàran-ama nan Comataidhean
Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh
4 Màrt 2008
5mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1
1. Roi-innleachd Eadar-nàiseanta Riaghaltas na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Lucy Watkins, Ciad Rùnaire Riaghaltas na h-Alba, Gnothaichean na h-Alba an Beijing; agus Deborah Nic a’ Ghobhainn, Leas-stiùiriche, Seirbheis Stiùiridh na h-Eòrpa, Gnothaichean taobh a-muigh agus Cultar, Riaghaltas na h-Alba.
5. Sgrùdadh a thaobh leasachadh eadar-nàiseanta: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Karen Gillon BPA, Ball, Comataidh Riaghlaidh, Comann Pàrlamaideach na Co-fhlaitheis, Meur na h-Alba agus Co-chathraiche, Buidheann Thar-phàrtaidh air Malawi
Patricia NicFhearghais BPA, Neach-gairm agus Des Mac an Ultaigh BPA, Ionmhasair, Buidheann Thar-phàrtaidh air Leasachadh Eadar-nàiseanta
Agus an uair sin bho—
Cailean Camshron, Consal Urramach airson Malawi
Coinneach Ros, Ball agus a bha na Chlàrc don Bhòrd, Com-pàirteachas Alba Malawi
Magnus Macfarlane-Barrow, Àrd-oifigear, Cobhair Eadar-nàiseanta na h-Alba
Mhairi Owens, Ceannard, Dragh Thar-chruinne an Alba
Comataidh Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar
5 Màrt 2008
6mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4
1. Sàr-chlàr Oideachaidh: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Daibhidh Camshron, Leas-cheann Suidhe, Comann Stiùirichean Foghlaim na h-Alba; Sìne Liddell, Ceannard Deasachd is Leasachaidh Foghlaim, Comhairle Siorrachd Lànnraig a Tuath; agus Linda Kinney, Ceannard Ionnsachaidh agus Leasachaidh, Seirbheisean Chloinne, Comhairle Shruighlea;
Agus an uair sin bho—
Larry Flanagan, Neach-gairm Comataidh an Fhoghlaim, Institiud Foghlaim na h-Alba; Brian Cooklin, Ceann-suidhe, Comann Cheannardan-sgoile na h-Alba; agus Gòrdan Mac a’ Ghobhain, a bha na Cheann-suidhe air Comann Cheannardan-sgoile ang Leas-cheannardan Sgoile na h-Alba.
2. Sgrùdadh cànain Panjabi: Beachdaichidh a' Chomataidh air litir bhon Ollamh Manjit Singh Devgun, Ceann-suidhe Teampall Guru Nanak Sikh ann an Glaschu, a thaobh solarachadh sgrùdadh cànain Panjabi aig ìre A1-A6 ann an sgoiltean na h-Alba.
Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd
5 Màrt 2008
4mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6
1. Sgrùdadh turasachd – Piantan Fàis: am faigh sinn àrdachadh de 50% ann an ionmhas luchd-turais ro 2015?: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh furastachd tasgaidh agus gnothaichean nas fharsainge mar phàirt den sgrùdaidh turasachd aca, bho—
Sandy Orr, Neach-gairm Gnìomh, City Inn Earranta;
An t-Ollamh Maurice Mac an Tàilleir, Àrd-oifigear, Chardon Leisure;
Jerome Mayhew, Stiùiriche leasachaidh Gnìomhachd agus Riaghladh Cunnart, Go Ape!;
Coinneach Mac a' Chlèirich, Ceannard Turasachd, Leasachadh Eadar-nàiseanta na h-Alba;
Stiùbhart Selbie, Manaidsear Sgìreil, Làrach Westin Turnberry;
Dàibhidh T G MacIlleRuaidh, Com-pàirtiche, Knight Frank LLP.
Comataidh Slàinte is Spòrs
5 Màrt 2008
7mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.45m ann an Seòmar Comataidh 5
2. Athchuingean: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean a leanas:
PE789 bho Eric MacIlleDhuinn a’ gairm air Pàrlamaid na h-Alba beachd a ghabhail am bu chòir reachdas a thoirt a-steach gus dèanamh cinnteach gun gabh euslàintich òrdachaidhean methadone fo chùram dhotair le teisteanas iomchaidh.
PE808 Lillian Lawson, as leth Comhairle Bodhrachd na h-Alba, a' gairm air Pàrlamaid na h-Alba impidh a chur air Riaghaltas na h-Alba aonad slàinte-inntinn sònraichte a leasachadh agus a stèidheachadh dha daoine a tha bodhar agus ball-bodhar agus goireasan a sholarachadh (m.e. trèanadh) airson seirbheisean saic-eòlaichean sruthail anns a’ choimhearsnachd gus am bi iad nas ruigsinneach dha daoine bodhar agus ball-bodhar ann an Alba.
Comataidh Inbhean is Dhreuchdan Poblach
4 Màrt 2008
4mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 1.00f ann an Seòmar Comataidh 5
1. Sgrùdadh a thaobh puingean òrdugh: Gheibh a' Chomataidh fianais bho
Brian MacAdhamh BPA, Àrd-chuip Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba;
Jackie Baillie BPA, Manaidsear Gnìomhachd Pàrtaidh Làbaraich na h-Alba;
Dàibhidh MacIllÈidich BPA, Manaidsear Gnìomhachd Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidh na h-Alba;
Raibeart MacIlleDhuinn BPA, Manaidsear Gnìomhachd Pàrtaidh Libearalaich Dheamocratach na h-Alba;
Robin Harper BPA, Pàrtaidh Uaine na h-Alba;
Margo Dhòmhnallaich BPA; agus
Dàibhidh McGill, Ceannard Oifis an t-Seòmair, Pàrlamaid na h-Alba.
Comataidh Còmhdhail, Bun-structar agus Atharrachadh Clìomaid
4 Màrt 2008
5mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 1.30f ann an Tallaichean a’ Chorrain, An t-Òban
1. Sgrùdadh air Seirbheisean Aiseig an Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh an sgrùdaidh aca mu sheirbheisean aiseig ann an Alba bho—
An t-Ollamh Amanda Currie, Rùnaire, Comhairle Choimhearasnachd Liosmhòr, An Comhairliche Len Scoullar, Caidreachas Eileanan na h-Alba, Sandy Brunton, Ceann-suidhe, Seòmar Malairt Mhuile agus Eilean Ì agus Fionnlagh Dòmhnallach, Neach-gairm, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean Innse Gall;
Agus an uair sin bho –
Blair Fletcher, Manaidsear Còmhdhail agus Fo-structar, Comhairle Earra-ghàidheal agus Bhòid, An Comhairliche Roy Pederson, Comhairle na Gàidhealtachd agus An Comhairliche Dòmhnall Manford, Comhairle nan Eilean Siar;
Agus an uair sin bho –
An Comhairliche Alistair MacBhàtair, Neach-gairm agus Rodney Mortimer, Stiùiriche Poileasaidh agus Ro-innleachd, Com-pàirteachas Shrathchluaidh airson Còmhdhail agus Donnchadh Mac an t-Saoir, Neach-gairm agus Raghnall MacDhonnchaidh, Manaidsear Com-pàirteachas, HITRANS.
Comataidh nan Athchuingean Poblach
4 Màrt 2008
4mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2
2. Beachdachadh air athchuingean ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean ùra a leanas—
PE1124 Toirmeasg air ribeachan
Bheir Louise NicDhonnchaidh òraid ghoirid seachad don Chomataidh a' toirt taic don athchuinge aice còmhla ri Libby NicAnndrais.
PE1127 Mathanas an dèidh bàs do dh’Eilidh NicDhonnchaidh
PE1128 Maithanasan an dèidh bàs fo reachdas Buidseachd |