Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 02 Ògmhios 2008.

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba anns an t-seachdain seo a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach do na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal)

Tha e comasach cùisean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìn aig www.holyrood.tv

Dihaoine 6 Ògmhios

Bidh clann-sgoile bho àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba a’ tighinn còmhla aig Pàrlamaid na h-Alba an Dùn Èideann air Dihaoine 6 Ògmhios gus faighinn a-mach an do bhuannaich iad farpais Iris Sgoile Bliadhnail na h-Alba 2008. Thèid aithne a thoirt do thàlant fàsail òg agus bheirear duaisean seachad aig deas-ghnàth sònraichte air an fheasgair ann am broinn togalaich bhrosnachail Pàrlamaid na h-Alba an Dùn Èideann. Cuiridh Leas-àrd Oifigear Trish Godman BPA fàilte air timcheall air 200 sgoilear agus luchd-aoigheachd agus bheir Maureen Watt BPA, Ministear Sgoiltean is Sgilean na duaisean seachad. A’ toirt aoigheachd do dheas-gnàth nan duaisean bidh Cathaidh Dhòmhnallach bho BBC Alba.

Diluain 9 Ògmhios

Aig co-labhairt a thèid a chumail aig a’ Phàrlamaid air 9 Ògmhios, foillsichidh Fòram Alba Air Thoiseach aithisg a bhios a’ suidheachadh mar as urrainn do dh’Alba leitheach ìre de lughdachadh a thoirt air an sgrios a tha ga dhèanamh air an t-sluagh mar thoradh air deoch làidir agus drugaichean ro 2025. Tha an aithisg seo na cheann-uidhe air sgrùdadh fad-ùine de dh’fhianais a chaidh a thional bho chuid de dh'eòlaichean adhartach na cruinne ann a bhith a’ dèiligeadh ri ana-cleachdadh dheoch-làidir agus dhrugaichean.

Ath-choinneamhan na Pàrlamaid

Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:


Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.30f air Diciadain 04 Ògmhios.

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 28 Cèitean 2008

Diciadain 04 Ògmhios 2008


2.30f Àm Cnuasachaidh – An t-Urr. Stìobhan Mac an Tàilleir, Eaglais Aonaichte Naomh Nicholas, Obar Dheathain


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Ro-innleachd Dhrugaichean


Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le
Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1923 Bill Butler: 60mh Ceann-bliadhna den t-Seirbheis Slàinte Nàiseanta (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 19 Cèitean 2008)


Diardaoin 5 Ògmhios 2008


9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Cùram Slàinte Iomallach agus Dùthchail


11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 29 Cèitean)


12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil


Ceartas agus na h-Oifigearan Lagha;


Cùisean Dùthchail agus an Àrainneachd (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 29 Cèitean 2008)


2.55f
Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Tasgadh ann am Bun-structair na h-Alba


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1960 Jackson Carlaw: Foghlam Holocaust ann an Alba (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 27 Cèitean 2008)


Diciadain 11 Ògmhios 2008


2.30f Àm Cnuasachaidh

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball

 

Diardaoin 12 Ògmhios 2008

9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 29 Cèitean 2008)

12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Ionmhas agus Fàs Seasmhach (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den

Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 29 Cèitean 2008)

2.55f Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le Gnothaichean Ìre 3: Bile Slàinte a’ Phobaill 7c. (Alba)


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball

 

Tursan foghlaim taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh air 02 Ògmhios:

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Clàr-ama de Thachartasan Pàrlamaideach

 

Diciadain
Àrd-sgoil Chinn Rois, Ceann Ros
Bun-sgoil Morningside a-Deas, Dùn Èideann

Diardaoin

Bun-sgoil Naomh Cuthbert, Dùn Èideann
Bun-sgoil Pàirce Hermitage, Dùn Èideann
Bun-sgoil a’ Chrùin, Inbhirnis
Jewel & Esk Valley, Dail Chè

 

Coinneamhan Comataidhean

 

DIMÀIRT 03 ÒGMHIOS

Comataidh a' Cheartais
3 Ògmhios 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspair 1:

1. Sgrùdadh mu sheirbheis coimhearsnachd nam poileis: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
An Comhairliche Pòl Rooney, Neach-gairm, Co-bhòrd Poileis Shrathchluaidh agus Neach-gairm Fòram Luchd-gairm Ùghdarrasan Poileis na h-Alba;
An Comhairliche Màrtainn Greig, Neach-gairm, Co-bhòrd Poileis Roinn a’ Mhonaidh agus Ball de Fhòram Luchd-gairm Ùghdarrasan Poileis na h-Alba;
An Comhairliche Iain Macillebhàin, Neach-gairm, Co-bhòrd Poileis Lodainn agus Ball de Fhòram Luchd-gairm Ùghdarrasan Poileis na h-Alba
Dàibhidh Higgins, Neach-gairm, Fòram Luchd-gairm Ùghdarrasan Poileis na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Iòsaph Ghrannd, Rùnaire Coitcheann, Caidreachas Poileis na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Àrd Stiùireadair Val McHoull, Ceann-suidhe, agus Àrd Stiùireadair Matt Hamalton, Comann Stiùireadairean Poileis na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Àrd Chonnstabal Iain Vine, Poileis Thaobh Tatha, Comann Àrd-oifigearan Poileis na h-Alba.

Comataidh Còmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid

3 Ògmhios 2008

Prìomh chuspair: 1

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2

1. Sgrùdadh mu sheirbheisean aisig an Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh an sgrùdaidh aca mu sheirbheisean aisig an Alba bho—
Stiùbhart MacSteafain BPA, Ministear Còmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid.

Comataidh Inbhean is Dhreuchdan Poblach
3 Ògmhios 2008

Prìomh chuspair 6:

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 6

6. Coimiseanair Inbhean Pàrlamaid na h-Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air aithisg bho Choimiseanair Inbhean Pàrlamaid na h-Alba.

DICIADAIN 4 ÒGMHIOS 2008

Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd
4 Ògmhios 2008
Prìomh chuspairean: 2 & 3

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 5

2. Sgrùdadh turasachd – Piantan fàis: am faigh sinn àrdachadh de 50% ann an iomhas turasachd ro 2015?: Beachdaichidh a' Chomataidh air geàrr-chunntas den aithisg turasachd aice.

3. Bile Clàr Bhreacain na h-Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air dreach de dh’ aithisg aig Ìre 1.

Comataidh Slàinte is Spòrs
4 Ògmhios 2008

Prìomh chuspair: 1

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1

1. Seirbheisean slàinte-inntinn do dhaoine bodhar is balbh-bodhar: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Lillian Lawson, Stiùiriche, agus Mandy NicIlleRuaidh, Oifigear Poileasaidh agus Sgrùdaidh, Comhairle Bodhrachd na h-Alba;
Uilleam MacFadyen, Leas-neach Gairm, Comann Slàinte-inntinn is Bodhrachd na h-Alba;
Linda Sharkey, Manaidsear, LINK na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Dick Fitzpatrick, Manaidsear Pròiseact – Prògram Ro-innleachd Slàinte Inntinn, NHS Lodainn;
Delia NicEanraig, Stiùiriche, Institiud Nàiseanta Rìoghail Bodhrachd na h-Alba;
An t-Ollamh Deborah Innes, Colaiste Rìoghail nan Eòlaiche-inntinn;
Anndra McDermott, Leas-stiùiriche, Ionad Nàiseanta airson Slàinte-inntinn is Bodhrachd.

 

Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan
4 Ògmhios 2008

Prìomh chuspair: 2

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4

 

2. A’ coileanadh cur-thairis TV digiteach: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Trisha NicAmhlaigh, Ceannard Goireasan Chorporra, Comhairle Luchd-ceannach na h-Alba;
Agus an uairsin bho—
Sìm Crine, Stiùiriche Gnothaichean Corporra, Iain Askew, Manaidsear Roinneil, Na Crìochan, agus Pòl Hughes, Manaidsear Nàiseanta, Alba, Digital RA;
Wilf MacIlleBhàin, Stiùiriche Poileasaidh, Sgeama Taic Cur-thairis Digiteach Earranta.

Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:

  • Sgrùdadh  - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/audit/index.htm
  • Coimhearsnachdan - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/communities/index.htm
  • Foghlam - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/education/index.htm
  • Iomairt agus Cultar - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/enterprise/index.htm
  • An Àrainneachd agus an Leasachadh Dùthchail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/environment/index.htm
  • Co-ionannachd Chothroman - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/equal/index.htm
  • Eòrpach agus Dàimhean Taobh A-muigh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/europe/index.htm
  • Ionmhas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/finance/index.htm
  • Slàinte - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/health/index.htm
  • Ceartas 1 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice1/index.htm
  • Ceartas 2 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice2/index.htm
  • Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/lg/index.htm
  • Dòighean-obrach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/procedures/index.htm
  • Athchuingean Poblach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/petitions/index.htm
  • Inbhean - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/standards/index.htm
  • Fo-reachdas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/subleg/index.htm

Comataidhean airson Bilean Prìobhaideach