AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA
Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh
01 Sultain 2008
Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-seachdain a’ tighinn.
Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach gu na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal).
Tha e comasach gnotaichean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìon aig www.holyrood.tv
Ath-choinneamhan na Pàrlamaid
Ma dh’aontaicheas a’ Phàrlamaid, bidh mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:
Diciadain 03 Sultain 2008
9.30m Àm Cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Aithris a’ Phrìomh Mhinisteir: Prògram Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Prògram Riaghaltas na h-Alba
2.30f Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Prògram Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 4 Sultain 2008
9.00m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gluasad Comataidh Inbhean agus Dhreuchdan Poblach a thaobh Achd Briseadh Ùidh Bhuill Pàrlamaid na h-Alba 2006
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: A bhith ga fhaighinn ceart airson gach leanabh
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Coitcheann
Gnothaichean Dùthchail is an Àrainneachd;
Ceartas is Oifigearan Lagha
2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Plana-gnìomh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Coinneamhan nan Comataidhean
Dimàirt 2 Sultain
Comataidh
Cùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Corn Exchange, Am Maol Ros.
Prìomh chuspair: 4
4. Sgrùdadh taigheadas dùthchail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Stìobhan Vickers, Ceannard Seilbh Dùthchail, Oighreachdan Buccleuch;
Laurence Cox, Stiùiriche Seirbheisean Teignigeach, Comann Taigheadais Eildon;
Gerry Begg, Manaidsear Ro-innleachd Taigheadais, agus Màrtainn Wanless, Manaidsear Dealbhaidh is Sgrùdaidh, Comhairle
Crìochan na h-Alba;
Greumach MacDhòmhnaill, Neach-gairm, Lìonra Comhairle Choimhearsnachd Crìochan na h-Alba;
Dàibhidh Weber, Manaidsear Clàraidhean Ro-innleachdail, Uisge na h-Alba;
Angela Foss, Manaidsear an Aonaid (Galashiels), SEPA;
Andy Pearson, Stiùiriche Gnìomh, Dachaighean Tweed;
Agus an uair sin bho—
Ailean MacThòmais, Ceannard Gnothaichean Coimhearsnachd, Uisge na h-Alba;
Màrtainn Marsden, Manaidsear Aonad Uisge, SEPA.
Comataidh a' Cheartais
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Seòmar Comataidh 1.
Prìomh chuspair: 4
4. Bile Airgead-dìolaidh (Tinneasan Ceangailte ri Asbestos) (Alba): Gheibh a' Chomataidh a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Gilbert MacAndrais, Riochdaire Roinneil airson Alba, agus An t-Ollamh Pamela Abernethy, Fòram Luchd-lagha Àrachais;
Nick Starling, Stiùiriche Àrachais Coitcheann agus Slàinte, Comann Luchd-àrachais Bhreatainn;
Dominic Clayden, Stiùiriche Thagraidhean Teignigeach, Àrachas Norwich Union Earranta;
Stìobhan MacThòmais, Manaidsear Thagraidhean Teignigeach, Àrachas Zurich Earranta;
Agus an uair sin bho—
An t-Ollamh Màrtainn Hogg, Oilthigh Dhùn Èideann;
An t-Àrd Ollamh Anthony Seaton, Oilthigh Obar Dheathain;
Agus an uair sin bho—
Frang MacGuaire, Luchd-lagha MhicThòmais;
Phyllis Nic na Creige, Prìomh-oifigear Còraichean Sochaireach agus Eanruig McCluskey, Rùnaire, Gnìomh Taobh Chluaidh a thaobh Asbestos.
Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.30m ann an Seòmar Comataidh 6.
Prìomh chuspair: 5
5. Bile Àiteachan Phàircidh Chiorramaich (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Mgr Eòghann Page, Manaidsear Gnothaichean Pàrlamaideach is Riaghlaidh, Coimisean Co-ionannachd is Còraichean Daonna na h-Alba.
Comataidh Foghlaim, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1.
Comataidh Inbhean is Cur-an-dreuchd Poblach
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 4.
Prìomh chuspair: 3
3. Lèirmheas air Leabhar 2, Earrann 8 den Chòd Giùlain: Beachdaichidh a' Chomataidh air an fhianais sgrìobhte a fhuair iad.
Comataidh an Fho-reachdais
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 5.
Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:
|