Ath-choinneamhan na Pàrlamaid
Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:
An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 05 Màrt 2008
Diciadain 12 Màrt 2008
2.00f Àm Cnuasachaidh – An t-Òirdhearchas, an t-Àrd-easbuig Faustino Sainz Muñoz, Nuncio Abstolach
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Sgrùdadh Neo-eisimeileach
Air a leantainn le Deasbad air Òrdugh Cead Cumail san Dachaigh (Cùmhnantan Inbhe Ainmichte) (Alba) 2008 (SSI 2008/36) agus an dreachd Òrdugh Cead Cumail san Dachaigh (Atharrachadh air Làithean Ainmichte) (Alba) 2008 (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1486 agus S3M-1488 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diciadain 5 Màrt 2008)
Air a leantainn le Gluasad Cead Reachdail: Bile nam Peinnseanan – Reachdas na RA (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1513 ann an Earrann F)
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1000 Dàibhidh MacThòmais: Dèan rathaidean na h-Alba nas sàbhailtiche – Lughdaich Ìre as Àirde airson Dràibheadh le Deoch Làidir (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 10 Dùbhlachd 2007)
Diardaoin 13 Màrt 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Libearalaich Dheamocratach na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaicheanairson Diardaoin 6 Màrt 2008)
12 meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Foghlam agus Ionnsachadh Fad-beatha;
Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar
(airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 6 Màrt 2008)
2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Pàircean Nàiseanta
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1346 Aileen Chaimbeul: Gun sealladh ri fhaicinn air a bhith a’ stad cogadh Iorac (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 18 Gearran 2008)
Diciadain 19 Màrt 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 20 Màrt 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 6 Màrt 2008)
12 meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Slàinte agus Maitheas (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 6 Màrt 2008)
2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid
Bidh gnothaichean san t-seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.00f air Diciadain 05 Màrt.
Tursan foghlaim taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh air 18 Gearran:
Dimàirt
Àrd-sgoil Bhaile Chloichridh, Baile Chloichridh
Diciadain
Bun-sgoil Low Port, Gleann Iuchair
Àrd-sgoil Sheumas Gilleasbuig, Dùn Èideann
Diardaoin
Àrd-sgoil Naoimh Phòil, Glaschu
Acadamaidh Lìte, Lìte
Bun-sgoil Netherlee, Glaschu
Àrd-sgoil Cleveden, Glaschu
Tursan Seirbheisean Coimhearsnachd
An t-seachdain seo, tadhlaidh sgioba Coimhearsnachd na Pàrlamaid air:
Diluain
Bun-sgoil Naoimh Cholm Cille
Dimàirt
Acadamaidh Inbhir Ghòrdain
Diciadain
Bun-sgoil Inbhir Lòchaidh
Diardaoin
Bun-sgoil Meadhan Chaladair
Dihaoine
Bun-sgoil Carmondean
Clàran-ama nan Comataidhean
Comataidh an Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd
10 Màrt 2008
5mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar na Comhairle, Comhairle Obar Dheathain, Obar Dheathain
1. Sgrùdadh Turasachd – Piantan Fàis: am faigh sinn àrdachadh de 50% ann an ionmhas luchd-turais ro 2015?: Gheibh a' Chomataidh fianais timcheall a’ bhùird, bho—
Will Dougherty, Stiùiriche Seirbheisean Luchd-ceannach, Port-adhar Obar Dheathain;
Claire Matthews, Oifigear Foghlaim agus Margaideach, Acquarium Mara Macduff;
Louise Scott, Ceannard Conaltraidh Chorporra, Comhairle Obar Dheathain;
Cè Newton, Manaidsear Sgìreil Formartine, Comhairle Siorrachd Obar Dheathain;
Dàibhidh Workman, Stiùiriche, A’ Cheàrnag; Mìcheal Chandler, Neach-gairm, Iomairt Turasachd Cheann Phàdraig;
Pàdraig Medley, Ball de Chomann Thaighean-òsta Obar Dheathain;
Teàrlach Skene, Neach-gairm, Taigh Skene, Seòmraichean nan Taighean-òsta;
Brian Horsburgh, Leas-mhanaidsear Stiùiridh, Ionad Taisbeanaidh agus Co-labhairtean Obar Dheathain
Comataidh Co-ionannachd Chothroman
11 Màrt 2008
4mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.45m ann an Seòmar Comataidh 2
3. Aois: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh aois, timcheall a’ bhùird, bho -
Ionatan Sher, Stiùiriche Sgrùdaidh, Leasachadh Poileasaidh agus Coileanaidh, Clann ann an Alba;
Sara O’Loan, Manaidsear Sgrùdaidh, Òigridh LGBTna h-Alba; Iain MacThòmais, Fòram Aois LGBT;
Màiread Murdoch, Ball Comataidh Riaghlaidh, Fòram Peinnseanairean na h-Alba;
agus Iain Loughton, Neach-gairm, Pàrlamaid Oigridh na h-Alba.
4. Sgrùdadh Ciorraim: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh molaidhean san aithisg A’ cur às do chnapan-starra agus a’ cruthachadh chothroman, air fhoillseachadh le Comataidh Co-ionannachd Chothroman ann an seisean 2 den Phàrlamaid, bho—
Iain Swinney BPA; (Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas agus Fàs Seasmhach); Bill Brash, Àrd-oifigear Poileasaidh agus Fiona Locke, Ceannard Roi-innleachd agus Poileasaidh, Roinn Ro-innleachd Còmhdhail, Riaghaltas na h-Alba, agus Alastair Young, Inbhean Rèile agus Manaidsear Sàbhailteachd, Còmhdhail na h-Alba.
Comataidh Eòrpach agus Dàimhean Taobh a-muigh
11 Màrt 2008
6mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6
1. Sgrùdadh a thaobh ath-thionndadh stiùiridhean an EU: Bheir Ailig Nèill BPA, Irene Oldfather BPA agus Iain Mac a’ Ghobhainn BPA aithris a thaobh nan turas sgrùdaidh fa-leth aca.
2. Sgrùdadh a thaobh ath-thionndadh stiùiridhean an EU: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Linda Fabiani BPA; (Ministear na h-Eòrpa, Chùisean Taobh a-muigh agus Cultar).
Comataidh a' Cheartais
11 Màrt 2008
7mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1
1. Co-dhùnadh a thaobh gnothaichean ann an dìomhaireachd: Beachdaichidh a' Chomataidh air am bu chòir cuspairean 4 agus 5 a ghabhail ann an dìomhaireachd.
2. Bile Luchd-Breitheach is Chùirtean (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Am Fìor Urr. Am Morair Hamalton, Àrd-mhorair is Àrd-mhorair Coitcheann a’ Cheartais, Am Morair Urramach Hodge agus Mìcheal MacAnndrais, Rùnaire Lagha don Àrd-mhorair;
Agus an uair sin bho—
Am Morair Fìor Urr. Osborne, Am Morair Urramach Reed agus Siorraidh Dickson agus Siorraidh Fletcher, Comann nan Siorraidhean;
Agus an uair sin bho—
Ailean McCreadie, Las-stiùiriche Ath-leasachadh an Lagha agus Seòras Way, Comhairle a’ Chomainn, Comann Lagha na h-Alba agus Ridseard Keen, Deadhan na Roinne, Brus McKain, Stiùiriche Gnothaichean Poblach agus Carole Ferguson-Walker, Neach-lagha Roinne, Roinn nan Tagraidhean;
Agus an uair sin bho—
An Ridire Niall Mac an Tòisich, Neach-gairm agus Mìcheal Scanlan, Ball, Bòrd Dreuchdan Breithneachaidh.
Comataidh an Ionmhais
11 Màrt 2008
7mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1
2. Bile Luchd-breitheach is Chùirtean (Alba): Beachdaichidh a' Chomataidh air fianais sgrìobhte a fhuair iad mun Mheòmhrachan Ionmhais.
3. Cùmhnant Inbhe Shingilte Riaghaltas Ionadail: Beachdaichidh a' Chomataidh air litrichean a fhuair iad bho UNISON a thaobh Cùmhnant Inbhe Shingilte Riaghaltas Ionadail.
Comataidh Sgeama Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba
11 Màrt 2008
3mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 3.00f ann an Seòmar Comataidh 6
2. Sgrùdadh Sgeama Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Grant Ballantine, Àrd Neach-cunntais Comhairleachaidh, Roinn Luchd-cunntais an Riaghaltais.
Comataidh Sgrùdaidh
12 Màrt 2008
5mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 5
1. Co-dhùnadh mu bhith gabhail gnothaichean ann an dìomhaireachd: Beachdaichidh a' Chomataidh am bu chòir dhaibh cuspair 5 a ghabhail ann an dìomhaireachd.
2. Aithisg Roinn 22 mu Bhòrd Slàinte na h-Eileanan an Iar: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh an sgrùdaidh aca mu Aithisg Roinn 22 bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh Sgrùdadh 2006/07 air Bòrd Slàinte na h-Eileanan an Iar bho —
Caoimhin Woods, Àrd-oifigear NHS na h-Alba agus Stiùiriche Slàinte Coitcheann, Ailig Mac a’ Ghobhain, Stiùiriche Ionmhas Slàinte agus Pòl Màrtainn, Prìomh Oifigear Banaltramachd agus Stiùiriche Luchd-obrach Eadarail, Riaghaltas na h-Alba.
3. Ath-shealladh air slàinte na h-Alba agus ìre coileanaidh an NHS: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh aithisg Neach-cunntas Coitcheann na h-Alba leis an t-ainm “Ath-shealladh air slàinte na h-Alba agus ìre coileanaidh an NHS”. (AGS/2007/10) bho —
Caoimhin Woods, Àrd-oifigear NHS na h-Alba agus Stiùiriche Coitcheann na h-Alba, Iain Connaghan, Stiùiriche Coileanaidh agus Ailig Mac a’ Ghobhainn, Stiùiriche Ionmhas Slàinte, Riaghaltas na h-Alba.
4. Coimisean nan Cunntasan: Gheibh a' Chomataidh ullachadh a thaobh ath-shealladh sgrùdaidhean riaghaltasan ionadail 2007 bho —
An t-Àrd Ollamh Iain Baillie, Neach-gairm, Catriona Coull, Rùnaire, Coimisean nan Cunntasan, Caroline Gardner, Leas-neach Cunntais Coitcheann agus Neach-smachd Ionmhais agus Gòrdan Smail, Manaidsear Portfolio, Riaghaltas Ionadail, Sgrùdadh na h-Alba.
Comataidh Slàinte is Spòrs
12 Màrt 2008
8mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2
2. Sgrùdadh ana-ionnanachd na Slàinte: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
An t-Àrd Ollamh Raj Bhopal, Àrd Ollamh Slàinte Poblach ann an Saidheans Clionaigeach agus Slàinte Coimhearsnachd, Oilthigh Dhùn Èideann; An t-Àrd Ollamh Sailidh Nic an t-Saoir, Stiùiriche, Aonad Saidheans Sòisealta agus Slàinte Poblach Comhairle Sgrùdaidh Lèigheil, agus an t-Àrd Ollamh Greumach Watt, Àrd Ollamh Gnìomh Choitcheann, Oilthigh Ghlaschu
|