Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

FIOS NAIDHEACHD

  

suaicheantas na Fèise Poileataigs

09 Lùnastal 2006

LUCHD-GNÌOMHACHAIS GUS CEISTEAN A CHUR AIR BPA MUN T-SEALLADH A THA ACA MUN EACONOMAIDH

A bheil na tha dhìth aig luchd-poileataigs Taigh an Ròid gus a thoirt air luchd-gnìomhachais an cuid airgid a thasgadh ann an iomairtean gnìomhachais Albannach?

Cuiridh luchd-gnìomhachais agus luchd-iomairt ceistean air luchd-poileataigs nuair a chuireas iad an sealladh a tha aca mu eaconomaidh na h-Alba am follais aig tachartas air leth aig an Fhèis Phoileataigs air Diciadain 23 Lùnastal.

Bidh Rachel Elnaugh, a choisinn cliù air a’ phrògram aig a’ BhBC mu thàlant gnìomhachais air a bheil Dragon’s Den, air pannal nan eòlaichean a’ bheir sùil gu math biorach air na planaichean eaconomach agus iomairt a tha aig luchd-poilteataigs airson na h-Alba.

Bidh am neach-tionnsgain (entrepreneur) Albannach Chris Gorman OBE, an còcaire iomraiteach Tony Singh aig a bheil an taigh-bidhe Oloroso a choisinn iomadh duais agus Amanda Boyle, a stèidhich Caledonia Contracts còmhla ri feadhainn eile mar a’ chuid eile den phannal a tha a’ feitheamh gus beachdan eaconomach aig feadhainn de luchd-poileataigs na h-Alba a chluinntinn.

Thèid an deasbad – a fhuair goistidheachd bho Standard Life agus air a bheil mar ainm Could you Make a Fortune in Scotland? – a chumail air 23 Lùnastal mar phàirt den Fhèis Phoileataigs ceithir latha aig Pàrlamaid na h-Alba agus bidh e ga stiùireadh le deasaiche eaconomach a’ BhBC Evan Davis, bhon phrògram Dragon’s Den.

Fa chomhair a’ phannail bidh na BPA Cairistíona May, Murchadh Friseal, Seumas Mather, Seumas Stone and Marc Ballard.  Bidh an Co-neach-gairm air a’ Bhuidhinn Thar-phàrtaidh mun Eaconomaidh aig a’ Phàrlamaid, Ailig Nèill BPA sa chathair aig an deasbad.

Thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh Seòras Reid BPA:

“Tha sinn air cuireadh a thoirt do chuid den luchd-iomairt as ainmeile tighinn gu Taigh an Ròid gus pàirt a ghabhail ann an deasbad, a bhios beothail agus na shoillseachadh.

“Bidh e inntinneach fhaicinn am faod na bhios an luchd-poileataigs againn ag ràdh toirt air an luchd-iomairt stòlta na h-ath iomairtean gnìomhachais aca a stèidheachadh an seo.”

Agus i a-mach air an deasbad, thuirt Rachel Elnaugh:

"Tha e na thoileachas mòr dhomh a bhith an sàs san Fhèis Phoilitigs agus tha togail agam ris a’ chothrom barrachd iomairt a bhrosnachadh. Tha sealladh, dìoghras agus diongbhaltas a cheart cho cudromach ann an gnìomhachas agus a tha iad ann am poileataigs – mar sin, bidh an deasbad seo gu math inntinneach.

Thuirt Chris Gorman OBE:

“Is e tionnsgnadh dha-rìribh a tha san Fhèis Phoileataigs agus tha mi cinnteach gum brosnaich i gach cuid luchd-iomairt agus luchd-pàrlamaid.

“Tha mi gu math toilichte a bhith a’ cur ris an deasbad agus tha mi an dòchas gun toir e iomadh teachdaireachd dheimhinneach a bhuaileas air luchd-gnìomhachais ùr air feadh na h-Alba.”

Thuirt Tony Singh:

"Saoilidh mi gu bheil an Fhèis Phoileataigs na meadhan dha-rìribh gus daoine à diofar àiteachan a thoirt còmhla gus deasbad a dhèanamh mun dòigh as fheàrr gus riochd a chur air an dùthaich againn.

"Tha e gu math deatamach gun tèid àrainneachd thaiceil a chruthachadh a leigeas le luchd-tionnsgain ann an Alba na beachdan gnìomhachais aca a dhèanamh nan companaidhean prothaideach agus soirbheachail agus tha togail agam ri bhith a’ faighinn a-mach ciamar a tha e fa-near don luchd-phàrlamaid seo a bhrosnachadh.”

Bidh gnìomhachas air clàr-gnothaich na fèise air 24 Lùnastal cuideachd nuair a bheir an neach-naidheachd, craoladair agus Ceannard Cholaiste Exeter, Oilthigh Àth nan Damh sùil air mar a tha atharrachaidhean luath ann an teicneolas a’ bualadh air an t-saoghal sam beò sinn, air poileataigs agus air an eaconomaidh.

 

Gheibhear tiocaidean:

  • Air-loidhne bho:  www.festivalofpolitics.org.uk.  Faodar tiocaidean a chur air dòigh air-loidhne fad 24 uairean a thìde suas gu 4f air an latha ron tachartas fhèin.
  • Le fòn: 0131 473 2000 (fònaichean tro RNID Typetalk: 018001 0131 473 2000).  Facs:  0131 473 2003.
  • Tron phost:  gu Fèis Poileataigs, Ticeadan An Hub, An Hub, Cnoc a’ Chaisteil, Dùn Èideann, EH1 2NE.
  • Le bhith a’ nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba no aig An Hub. 

Ged a tha a’ chuid as motha de na tachartasan an-asgaidh, cosgaidh àireamh bheag thachartasan £5.00 (£3.00 lùghdachadh) agus thathar a’ moladh do dhaoine a tha ag iarraidh am frithealadh àiteachan a chur air dòigh ro làimh.

Faodaidh daoine a bhios a’ tadhal air an Fhèis crèche na Pàrlamaid a chleachdadh an-asgaidh. Dh’fhosgail an crèche ann an 2004 do dhaoine a’ tadhal air a’ Phàrlamaid agus bidh e a’ toirt seachad suas ri ceithir uairean a thìde de chùram-cloinne an-asgaidh do chloinn suas gu 5 bliadhna dh’aois. Airson fiosrachaidh, cuiribh fios gu: 0131 348 6192.

Gus a dhèanamh cinnteach gum bi cothrom aig na h-uile air tachartasan na Fèise, nach innis sibh dhaibh mu riachtanais shònraichte sam bith a dh’fhaodadh a bhith agaibh. Ged a thathar a’ toirt seachad Cànan Chomharraidhean Bhreatainn aig cuid de na tachartasan, faodar iarraidh aig tachartasan eile cuideachd. Tha sinn a’ cur fàilte air coin-threòrachaidh agus tha na h-ionad eile freagarrach do luchd-cleachdaidh chathraichean-cuibhleach.

Tha prògram na Fèise ri fhaighinn sa Ghàidhlig air-loidhne.

Fònaichean RNID Type Talk dì-beathte

Post-d: elaine.mitchell@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh do na meadhanan anns a' Ghàidhlig, cuiribh fios gu:

Alasdair MacCaluim: 0131 348 5395

Post-d: alasdair.maccaluim@scottish.parliament.uk

Barrachd naidheachd air an Fhèis Poileataigs 

Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig