Fios Naidheachd
Comataidh nan Dòighean-obrach ag iarraidh dòigh ùr airson Sgrùdadh Pàrlamaideach
CPROC001g/2006 | 16 Dùbhlachd 2006
Bu chòir dòigh ùr a thoirt a-steach aig Taigh an Ròid airson barrachd cothroim a thoirt do BPA dùbhlain agus do bhuill nam beingean-cùil sgrùdadh a dhèanamh air Ministearan Riaghaltais, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Faic an aithisg (Beurla)
Anns an aithisg a rinn Comataidh nan Dòighean-obrach air an ath-bhreithneachadh aca air Ùine Phàrlamaideach, tha iad a’ moladh ‘ceumannan brisidh a-steach’ a chur air bhonn – siostam de sheiseanan ceist is freagairt agus deasbadan fad uair a thìde - a leigeadh le BPA ceistean làthaireil a thogail a tha cudromach don Phàrlamaid agus a leigeadh le Ministearan freagairt a thoirt seachad.
Tha an siostam a tha ga mholadh stèidhichte air ceumannan brisidh a-steach a tha gan cleachdadh ann am pàrlamaidean Eòrpach eile agus is e seo a’ chiad turas a dheidheadh an cleachdadh anns an RA.
Tha an aithisg cuideachd ag iarraidh gun tèid barrachd brath a thoirt seachad air cuspairean deasbaid gus am faigheadh muinntir a’ phobaill agus luchd-ùidh barrachd rabhaidh a leigeadh leotha barrachd sgrùdaidh a dhèanamh. Tha e cuideachd ga mholadh gun tachradh deasbadan comataidh cho luath ’s a ghabhadh as dèidh aithisgean fhoillseachadh, an tìde as giorra eadar Ìre 2 agus 3 de bhilean a leudachadh, barrachd sùbailteachd ann an clàr-ama deasbadan gnothach Bhall agus barrachd tìde airson Ministearan a cheasnachadh as dèidh dhaibh aithris a dhèanamh.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Dòmhnall Gorrie BPA:
"Sheall an rannsachadh seo ri cùisean bunasach a thaobh amannan suidhe na Pàrlamaid, ciamar a tha gnothach an t-Seòmair ga thaghadh, agus ciamar a tha deasbadan gan ruith.
"Tha e aig cridhe ar molaidhean a bhith a’ toirt barrachd brath seachad air na thèid a dheasbad agus sgrùdadh nas brìgheil a dhèanamh air an Riaghaltas.
"Chan eil sinn airson atharrachadh mòr a dhèanamh air cruth na seachdain phàrlamaidich mar a tha e an-dràsta agus tha sinn a’ cur taic ris a’ phrionnsabal gum bu chòir uairean a bhith goireasach do beatha teaghlaich. Chan eil sinn airson ùine phàrlamaideach a leudachadh ach an ùine sin a chur gu feum ann an dòigh nas èifeachdaiche.”
An Rannsachadh
Thòisich an rannsachadh anns an Ògmhìos 2005, agus bha mòran fianais beòil agus sgrìobhte na lùib. Rinn buill na comataidh tadhal air ceithir pàrlamaidean Eòrpach eile ionnan ri Pàrlamaid na h-Alba, ann an Nirribhidh, Catalunya, Estonia agus an Fhionnlainn, agus bha seiseanan co-labhairt bhidio aca le Pàrlamaidean Sealain Nuaidh agus Queensland.
Tha an aithisg dheireannach a’ toirt fa-near freagairtean don ‘aithisg cho-chomhairleachaidh’ a rinn a’ Chomataidh roimhe (5mh Aithisg, 2006) a chaidh foillseachadh air 19 Sultain agus a dheasbad air 5 Dàmhair 2006. Chaidh seachd de na naoi molaidhean anns an aithisg cho-chomhairleachaidh a thoirt air adhart anns an aithisg dheireannaich.
B’ e prìomh mholaidhean na Comataidh:
- Ceumannan “brisidh a-steach” ùra a chur air bhonn a leigeadh le BPA de gach pàrtaidh sgrùdadh a dhèanamh air Ministearan tro cheistean deuchainneach agus deasbad.
- Barrachd brath ro làimh air deasbadan Seòmair - bu chòir a h-uile gluasad agus atharrachadh airson nam prìomh dheasbadan a bhith an clò ro dheireadh na seachdain romhpa.
- Barrachd tìde airson sgrùdadh bhilean aig Ìre 3– agus bu chòir a h-uile atharrachadh aig Ìre 3 a chur a-steach ro, no air, an Diluain den t-seachdain roimhe.
- Barrachd sùbailteachd ann an clàran-ama deasbadan Gnothach Bhall.
- Barrachd tìde airson ceistean as dèidh aithris Mhinistreil agus bu chòir lethbhreacan cuingichte dhiubh a sgaoileadh don a h-uile BPA (agus chan e dìreach luchd-labhairt nam pàrtaidhean).
- Leudachadh seachdain a thoirt air an ùine as lugha eadar beachdachadh aig Ìre 2 agus Ìre 3.
- Bu chòir do dheasbadan Comataidh tachairt nas luaithe as dèidh aithisgean fhoillseachadh agus barrachd buill neo-chomataidh a thoirt a-steach thuca.
Ceumannan brisidh a-steach (Interpellations)
Is ann mar seo a dh’obraicheadh an siostam ùr a tha ga mholadh airson ceumannan brisidh a-steach:
- faodaidh ball sam bith ceum brisidh a-steach a ghabhail– ach feumaidh e a bhith air cuspair a bhuineas ri cùis nas farsainge na cùisean ionadail a-mhàin, ach a bhith taobh a-staigh ùghdarras an Riaghaltais;
- chan fhaod BPA ach aon cheum brisidh a-steach a ghabhail aig gach àm – agus chan fhaod iad aon a ghabhail agus taic a thoirt do cheum buill eile;
- nuair a thèid tìde a shònrachadh airson ceumannan brisidh a-steach, is e an t-Oifigear Riaghlaidh a cho-dhùnas cò an fheadhainn a thèid air adhart;
- bidh mu leth uair a thìde ann airson gach ceum, a’ gabhail a-steach ceasnachadh a’ Mhinisteir leis an neach-brisidh agus le buill eile as dèidh sin;
- aig an deireadh, faodaidh neach-brisidh ùidh a nochdadh ann an deasbad leantaileach mura h-eil iad sàsaichte le freagairtean a’ Mhinisteir;
- mairidh deasbad leantaileach brisidh a-steach mu uair a thìde agus bidh e stèidhichte air gluasad;
- is e an neach-brisidh a-mhàin a chanas an gabh iad ri atharrachaidhean sam bith air a’ ghluasad, mus faigh BPA cothrom bhòtadh air.
Tha e ga mholadh gun tèid an dòigh-obrach ùr seo a chur gu deuchainn ann an Seisean 3, as dèidh taghaidhean a’ Chèitein. Tha i stèidhichte air an dòigh-obrach a chleachdar anns a’ ghrunn Phàrlamaidean Eòrpach air an do thadhail Buill rè an rannsachaidh.
------------------
Airson barrachd fiosrachaidh, is e Neach-fiosrachaidh nam Meadhanan::
Elaine Mitchell: 0131 348 6245
Post-d: elaine.mitchell@scottish.parliament.uk
Cuir fios don Chomataidh
Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:
0131 348 5395 (Gàidhlig)
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachadh do na meadhanan anns a' Ghàidhlig, cuiribh fios gu:
Alasdair MacCaluim: 0131 348 5395
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig
|