Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

FIOS NAIDHEACHD

CFIN004/2005g | 14 Dùbhlachd 2005

AITHISG BUIDSEIT AIR A FOILLSEACHADH LE COMATAIDH AN IONMHAIS

Chuir Comataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba teagamh ann an dèiligeadh “mì-chothromach” Riaghaltas na h-Alba ri ùghdarrasan ionadail na aithisg air a Dreachd de Bhuidseat a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Gheibhear càineadh mionaideach air an Riaghaltas anns an aithisg agus an dòigh anns an do làimhsich e a chlàr mu Riaghaltas Èifeachdach agus mar a làimhsich e riaghaltas ionadail.

Ged a bha a’ chomataidh toilichte le atharrachaidhean a chaidh a dhèanamh air pròiseas a’ bhuidseit am-bliadhna, tha i air cuideam a chur air ceistean mun bhuidseat fhèin:

  • Chaidh iarraidh air roinnean Riaghaltais nas lugha de chaomhnadh èifeachdachd a dhèanamh na riaghaltas ionadail agus slàinte. Cuideachd, leigeadh le roinnean Riaghaltais airgead sam bith a chaomhnas iad a thasgadh a-rithist ach chaidh cuibhreann den airgead a ghlèidh riaghaltas ionadail a thoirt a-mach às a’ bhuidseat aige.
  • Dh’fhaodadh beàrn a nochdadh ann an ionmhas riaghaltais ionadail a dh’fhaodadh buaidh fhàgail air an dara cuid seirbheisean ionadail no cìs-comhairle
  • Cha do nochd an Riaghaltas am fiosrachadh a tha a dhìth gus sùil a chumail air lìbhrigeadh caomhnadh èifeachdach;
  • Tha a’ chomataidh airson gun tèid cunntachalachd choimiseanairean a chaidh ainmeachadh leis a’ phàrlamaid agus ombudsman (mar eisimpleir, Coimiseanair na Cloinne, Coimiseanair Saorsa an Fhiosrachaidh agus Ombudsman nan Seirbheisean Poblach) a neartachadh, gu sònraichte a thaobh a bhith a’ socrachadh bhuidseatan

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Des Mac an Ultaigh:

“Tha a’ chomataidh againn air ceistean a thogail an gabh sùil a chumail gu ceart air lìbhrigeadh caomhnadh èifeachdach agus mun làimhseachadh mhì-chothromach a chaidh a dhèanamh air riaghaltas ionadail.

“Tha sinn ag iarraidh air an Riaghaltas sealltainn a-rithist air a’ chaomhnadh èifeachdach a shocraich e airson nan roinnean aige agus sealltainn a-rithist air an dòigh sam bi e a’ sparradh ghearraidhean buidseit air na seirbheisean as cudromaiche mar riaghaltas ionadail agus slàinte.

“Air ceist nan coimiseanairean – tha sinn den bheachd nach fhuilear neo-eisimeileachd a dhìon ach tha e a cheart cho cudromach nach bi neach sam bith a’ smaoineachadh gum faod iad seic bhàn a sgrìobhadh gus an cuid obrach a tharraing a-mach.”

Tha a’ chomataidh air caochladh mholaidhean a dhèanamh mu dhòighean anns am faodar aghaidh a chur air na ceistean seo agus nam measg seo tha:

  • gun toir Audit Scotland soilleireachadh poblach mu na ghabhas dèanamh a-nis nam beachd gus a dhearbhadh gum bi pròiseas trìd-shoilleir ann, gum bi crìochan bunaiteach ann agus gum faodar sùil a chumail air an iomairt mu Riaghaltas Èifeachdach anns an ùine romhainn agus mu na tha iomchaidh san ùine fhada nam beachd.
  • ath-bhreithneachadh air na cumhachdan seòlaidh mu na coimiseanairean àraidh a chaidh ainmeachadh gu poblach agus mun ombudsman anns an reachdas a chuir air bhonn iad. A’ gabhail ris gu bheil beàrn anns an reachdas mu smachd buidseit, bu chòir na ceumannan riatanach a ghabhail an uair sin gus cumhachdan buidseit na SPCB a neartachadh mu na buidhnean a bhios gam maoineachadh aige.

Nì a’ Phàrlamaid deasbad mu aithisg na comataidh air 21 Dùbhlachd 2005.

Cùl-fhiosrachadh

Tha Dreachd a’ Bhuidseit  a’ nochdadh nam planaichean caiteachais aig an Riaghaltas don £29 billean de am bheil am buidseat aige airson 2006-07 air a dhèanamh suas. Tha Comataidh an Ionmhais an urra ris an sgrùdadh mu dheireadh air a’ Bhuidseat agus a bhith a’ co-òrdanachadh nam freagairtean bho chomataidhean cuspair na Pàrlamaid mu na planaichean caiteachais airson nan cùram roinne.

Is e an ath cheum ann am pròiseas a’ bhuidseit nuair a bheir an Riaghaltas a Bhile Buidseit bliadhnail air adhart anns an Fhaoilleach a reachdaicheas airson caiteachais ann an 2006-07.

Airson barrachd fiosrachaidh, is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan:

Sally Coyne: 0131 348 6265  Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte

Post-d: sally.coyne@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh do na meadhanan anns a' Ghàidhlig, cuiribh fios gu:
Alasdair MacCaluim: 0131 3485395

Post-d: alasdair.maccaluim@scottish.parliament.uk

Cuiribh fios gu Comataidh an Ionmhais

Airson  cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:

0131 348 5000 or 0845 278 1999 (ìre ionadail)

Post-d: sp.info@scottish.parliament.uk

Nach tadhail sibh air an làraich-lìn againn: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig