![]() |
|
| Fios naidheachd bho Phàrlamaid na h-Alba | |
|
A' CHIAD AITHISG BHLIADHNAIL AIG PĀRLAMAID NA H-ALBA GA FOILLSEACHADH AN DIUGH
|
|
| 00-03 | Dubhlachd 21, 2000 |
|
'Se coileanadh na chaidh a ghealltainn a thaobh Pàrlamaid fhosgailte a tha aig cridhe a' chiad aithisg bhliadhnail de Phàrlamaid na h-Alba a thathar a foillseachadh an diugh. Tha an aithisg anns a bheil 32 duilleag a' dèanamh sgrùdadh air a' chiad bhliadhna den bhuidheann, bho na taghaidhean sa Chèitean 1999 gu meadhain a' Chèitean am bliadhna. Tha Leabhran Àireamhail an cois na h-aithisg far am faighear fiosrachadh farsaing mu dheidhinn obair na Pàrlamaid. Tha geàrr-chunntas Gàidhlig den aithisg ga fhoillseachadh cuideachd. Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Sir Daibhidh Steel: "Tha sinn air an t-uamhas a dheanamh ann an ùine glè ghoirid. Mar Oifigear Riaghlaidh agus cathraiche na Buidhne Corporra, tha deagh fhios agamsa air an obair mhòr a bh'againn a stèidheachadh sa stiùireadh Pàrlamaid ùr. "Bha cruaidh fheum air dealas, dìcheall agus ro-innleachd bhon h-uile duine a bha na luib. Ach a nis bliadhna air adhart bho na làithean brosnachail sin aig an fhìor thoiseach, chan eil teagamh nach eil a' Phàrlamaid stèidhichte mar bhuidheann reachdail agus mar bhuidheann a ni sgrùdadh air obair an Stiùireachais agus buidheannan poblach eile. "Tha sinn cuideachd air ar gealladh a choileanadh a thaobh a bhith fosgailte agus so-ruigsinneach. Tha fèill mhòr air an làrach-lìn againn, tha mòran ùidh aig daoine ann a bhith faicinn obair na Pàrlamaid agus tha na h-ionadan tadhail agus foghlaim againn air leth trang. "Tha sinn a nis a' dèanamh adhartas math ann a bhith cruthachadh togalach Pàrlamaid fhreagarrach aig Holyrood. "Chan urra dhuinn gabhail air ur socair ge ta agus cha dèan sinn sin. Tha mòran againn ri dheanamh fhathast. Ach tha sinn soilleir mun t-slighe air adhart agus toilichte na tha san amharc againn a chur a mach sa chiad aithisg bhliadhnail sa." Tha sia caibideilan san Aithisg Bhliadhnail:
Tha cruinneachadh farsaing de dh'fhiosrachadh san Leabhran Àireamhail mu gach taobh de gnothach na Pàrlamaid, eadar fiosrachadh taghaidh, clàr de gnothach na làn-phàrlamaid, mar a tha ùine na làn-phàrlamaid air a roinn, iarrtasan agus Ceistean Pàrlamaid, aithisgean fa leth airson gach Comataidh, cuibhreann-bhall BPA, fiosrachadh poblach agus luchd-tadhail oifigeil. Tha na h-aithisgean air chothrom air làrach-lìn na Pàrlamaid agus gheibhear iad cuideachd tro Oifis a' Phàipeireachd aig £8.50 airson an Aithisg Bhliadhnail agus £11.80 airson an Leabhran Àireamhail. Tha an geàrr-chunntas Gàidhlig air chothrom saor san asgaidh. Airson
tuilleadh fiosrachaidh dha na meadhainean cuireabh fios gu: Airson
ceistean poblach, cuireabh fios gu: 0131 34 8500
|
|