parliament badge
spacer.gif (41 bytes)
Fios naidheachd bho Phàrlamaid na h-Alba

 

Bileagan Gàidhlig air Uisge Beatha na Pàrlamaid

 

00-02 14/12/2000

Tha uisge beatha Pàrlamaid na h-Alba a nis air chothrom le bileagan Gàidhlig air na botail. Aig cuirm a' foillseachadh nam bileagan ùra chuir Ministeir na Gàidhlig Alasdair Moireasdan fàilte air a' naidheachd ag ràdh gun dèanadh an leithid feum do dh'ìomhaigh na cànan.

Hamish Martin, Alasdair Moireasdan, Ailig O'Hianlaidh

" Chan eil teagamh nach dèan seo feum do dh'ìomhaigh na Gàidhlig, an dà chuid sa Phàrlamaid ach cuideachd a measg a' mhòr-shluaigh. Tha mi làn chinnteach nach e mhàin Gàidhil fhèin a bhios a' gabhail brath air a' chothrom sa ach gum bith e tarruingeach cuideachd do mhuinntir na h-Alba san fharsuingeachd, a thuilleadh air luchd turuis bho dhùthchannan eile ".

A' rèir Oifigear Gàidhlig na Pàrlamaid Ailig O Hianlaidh 'se ceum eile a tha seo air an t-slighe gus barrachd ghnothaichean co-cheangailte ris a' chànan fhaicinn timcheall na Pàrlamaid.

"Tha mi toilichte ga-rìreabh gun do dh'aontaich Buidheann Corporra na Pàrlamaid gum bu chòir bileagan Gàidhlig a bhith air an uisge bheatha againn. Tha e cudtromach gum bith stuthan mar seo air chothrom le sanasachd Gàidhlig an uair a thadhlas Gàidhil air a' phàrlamaid agus bith mi coimhead ri barrachd stuth a dhealbh a bhios tarruingeach do gach aois is ginealach."

'Se uisge beatha measgaichte a bhios air chothrom sa chiad dhol a mach agus chaidh a ghrùdadh le Seilearan Inbhiraradaidh Earranta ann an Duneideann. Tha gach botal a cosg £13.99 agus ma tha sibh airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn neo òrdan a dheanamh cuiribh brath gu Oifigear Gàidhlig na Pàrlamaid Ailig O Hianlaidh neo gu Manaidseir Bùth na Pàrlamaid Alison Nic an Tuairneir.

Tha Bùth na Pàrlamaid fosgailte bho leth uair as dèidh naoi sa mhaduinn gu còig uairean feasgar air Dimàirt, Diciadaoin agus Diardaoin agus eadar deich uairean sa mhaduinn agus còig uairean feasgar gach Diluain agus Dihaoine. Aig amannan an uair nach eil a' Phàrlamaid a suidhe bith a bhùth fosgailte eadar deich uairean sa mhaduinn agus còig uairean feasgar bho Dhiluain gu Dihaoine.

Pàrlamaid na h-Alba
Duneideann EH99 1SP

Fòn 0131 348 5000

Up