Foillseachaidhean Gàidhlig
Bidh sinn a' dèanamh fhoillseachaidhean a tha a' mìneachadh mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair, a tha a' brosnachadh daoine gus pàirt a ghabhail ann an obair na Pàrlamaid agus a bhios feumail do dhaoine a tha gu bhith a' tadhal air togalach na Pàrlamaid.
Tha na foillseachaidhean againn uile saor is an asgaidh agus faodar òrdugh a chur a-staigh tro bhith a' cur fios gu Seirbheis na Gàidhlig. No, faodaidh tu an òrdachadh tro fhoirm air loidhne.
Sreath bhileagan "Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair"