Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Resources
Pàrlamaid na h-Alba: Dè a’ bhuaidh a th’ aice air do bheatha? (Cartùn do bhunsgoiltean)

Dealbh Baile (pdf)
Dè na cùisean a tha fo smachd Pàrlamaid na h-Alba agus dè na cùisean a tha fo smachd Pàrlamaid Westminster? Chì sibh air a' phostair dhà-chànanach seo do sgoiteltaen

'Buinig an Taghadh' - Geama 'nathraichean is fhàraidhean'
Is e amas a’ gheama ‘nathraichean is fàraidhean’ seo a bhith air do thaghadh mar bhall de Phàrlamaid na h-Alba agus a bhith ag ionnsachadh mun Phàrlamaid agus mu thaghaidhean.

Dèanamaid Deamocrasaidh Deanamaid Deamocrasaidh: Bhideo airson sgoiltean mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Alba.

Faigh a-mach dè a tha dol air adhart ann an Seòmar Deasbaid na Pàrlamaid. Seo do chothrom sùil a thoirt air cùl gnothaichean.

Tog do Ghuth!

Mar is urrainn do dhaoine òga am beachdan a chur air adhart agus a dhol an sàs ann an obair Pàrlamaid na h-Alba

Ceisteachain Ionad Tadhail

A bheil sibh am beachd tadhal air Pàrlamaid na h-Alba? Carson nach toir sibh sùil air na ceisteachain shònraichte sa a dh'fhaodas sibh a chleachdadh anns an Ionad Tadhail.

Ceisteachan1 Freagarrach airson P 6/7 - S 1/2

Ceisteachan2 Freagarrach airson S 3/4 - S 5/6

POSTAIR TORAIDHEAN TAGHAIDH 2003

Thathar air postair mòr le mìneachadh air toraidhean taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2003 a chur gu gach bunsgoil is àrdsgoil Ghàidhlig air feadh na dùthcha. Tha fiosrachadh ann mun a h–uile BPA agus mun roinn no sgìre taghaidh a tha iad a’ riochdachadh cho math ri staitistearachd fheumail mu thoraidhean an taghaidh. Tha am postair saor is an asgaidh. Tha am postair cuideachd ri fhaighinn sa Bheurla.

Cuideachadh (pdf)

Dèanaibh cinnteach gur e an tionndadh as ùire de dh' Acrobat Reader a th' agaibh. Luchdaichear an tionndadh làithreach a-nuas bho: http://www.adobe.com/.

Thèid trioblaidean ann a bhith a' faicinn faidhlichean pdf fhuasgladh ma chleachdas sibh Internet Explorer 5.5 no Netscape Navigator 4 ; no tionndaidhean nas sine no le atharrachadh nan roghainnean ann an Acrobat Reader. Ann an tionndadh 5.0 rachaibh gu Edit / Preferences / Options agus cuiribh dheth "Display PDF in Browser" agus cuiribh air "Allow Background Downloading". Airson tionndadh 4: Fo "options" cuiribh dheth "Web Browser Integration".

Ma tha an tionndadh làithreach de dh' Acrobat Reader agaibh agus ma tha sibh fhathast ann an staing a thaobh fosgladh fhaidhlichean, feuchaibh an ceangail a-rithist le "bruthadh deas" air (ann am Windows ) no bruthadh air putan na lucha" (ann am Macintosh ) agus cleachdaibh an roghainn ann: "Save Target As" ( Internet Explorer ) no "Save Link As" ( Netscape ) a leigeas leibh am faidhle a shàbhaladh ann am pasgan iomchaidh air ur coimpiutair. Faodar am faidhle a bhith air fhosgladh le bruthadh dùbailte air no ga fhosgladh bho thaobh a-staigh Acrobat Reader.