Bhideo Dèanamaid Deamocrasaidh
Bhideo Dèanamaid Deamocrasaidh
Briogaibh an-seo gus coimhead air
Is e bhideo fad 20 mionaid a tha ann an Dèanamaid Deamocrasaidh a tha a' mìneachadh dleastanas Phàrlamaid na h-Alba. Tha a' bhideo ag amas gu mòr air òigridh eadar 10 agus 14 bliadhna a dh' aois, ged a bhios e feumail do bhuidhnean eile agus don t-sluagh air fad aig a bheil ùidh barrachd ionnsachadh mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Alba.
Tha a' bhideo a' sealltainn grunn dhòighean anns an urrainn dhan òigridh a bhith an sàs anns a' phròiseas deamocratach, mar eisimpleir tro bhith a' coinneachadh ri BPAn gus beachdachadh air cuspairean ionadail, agus tro bhith a' cur athchuinge phoblach a-steach.
Tha Dèanamaid Deamocrasaidh air a choimiseanadh le Pàrlamaid na h-Alba agus le Ionnsachadh agus Teagasg na h-Alba agus air a riochdachadh le SCOPE Productions. Chaidh a' bhideo a chur air bhog gu h-oifigeil ann an Seòmar Deasbaid Phàrlamaid na h-Alba air 28 Dàmhair 2002.
Thug an Leas-oifigear Riaghlaidh Seòras Reid BPA aoigheachd don tachartas agus am measg an fheadhainn a fhuair cuireadh a bhith an làthair bha sgoilearan bho na trì sgoiltean a ghabh pàirt ann am fiolmadh a' bhideo. Chaidh na trì dreachan (Beurla, Gàidhlig agus Cànan Soidhnidh Breatannach [BSL]) a shealltainn.
Fhuair a h-uile sgoil ann an Alba leth-bhreac de Dhèanamaid Deamocrasaidh.
Thathas fhathast a' leasachadh goireasan taic airson teagaisg. Airson barrachd fiosrachaidh, tilleabh air ais chun na duilleige seo an ceann beagan sheachdainean.
Faodaidh sibh a' coimhead air a' bhideo air loidhne.
Airson fiosrachadh sam bith eile mun bhideo, cuiribh fios chun na Seirbheis Foghlaim aig Education.service@scottish.parliament.uk no cuiribh fòn gu 0131 348 5405 no gu Seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air 0131 348 5395, post-D: Gaidhlig@scottish.parliament.uk
|