Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB)
Bidh a’ Bhuidheann Chorporra a’ solarachadh don Phàrlamaid an luchd-obrach, na togalaichean agus na seirbheisean a dh’fheumas i. Is e sìor-phrìomhachas na Buidhne Corporra dèanamh cinnteach gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ ruith gu h-èifeachdach agus gun urrainn do na BPA na dleastanasan aca a choileanadh.
Bidh a’ Bhuidheann Chorporra a’ beachdachadh agus a’ co-dhùnadh air raon farsaing de chùisean a’ buntainn ri ruith na Pàrlamaid, a’ gabhail a-steach maoineachadh na Pàrlamaid agus riarachadh a’ bhuidseit aice, solarachadh luchd-obrach na Pàrlamaid, togalaichean, agus cleachdadh is tèarainteachd goireasan na Pàrlamaid aig Taigh an Ròid.
Is iad buill Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA):
Ailig MacFhearghais (Oifigear-riaghlaidh), Ailig MacIain BPA, Tom Mac an Aba BPA, Tricia Marwick BPA agus Mìcheal Pringle BPA
Buill BCPA – Eagrachadh Cùraim
Tha dùil gun cùm BCPA a’ chiad choinneamh anns an t-seachdain a’ tòiseachadh 28 Cèitean nuair a bheachdaicheas iad air grunn chùisean rianachd a’ gabhail a-steach eagrachadh cùraim. Thèid an duilleag seo ath-ùrachadh le co-dhùnaidhean sam bith a thèid a dhèanamh aig a’ choinneimh sin.
Rùnaireachd BCPA
Bidh rùnaireachd BCPA a’ toirt taic rianachd don Bhuidhinn Chorporra agus tha iad toilichte bruidhinn air cùisean sam bith a bhuineas do BCPA. Cuiribh fios, anns a’ chiad àite, gu:
Judith Proudfoot Fòn: 0131 348 5307
Post-d: judith.proudfoot@scottish.parliament.uk
Linda Smith Fòn: 0131 348 6222
Post-d: linda.smith@scottish.parliament.uk
|