Coimisean Albannach an Sgrùdaidh Phoblaich (SCPA)
Tha Pàrlamaid na h-Alba air a chur mu sgaoil an-drasta. Mar sin, chan eil comataidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an-dràsta.
Thèid comataidhean ùra a stèidheachadh anns na seachdainnean a leanas taghadh Pàrlamaid na h-Alba, a thèid a chumail air Diardaoin 3 Cèitean. Thèid fiosrachadh a thaobh nan comataidhean ùra fhoillseachadh air an duilleag seo cho luath ‘s a bhios sin ri fhaighinn."
Ballrachd
An dèidh an sgaoilidh, cumaidh neach-gairm na Comataidh Sgrùdaidh a bha ann roimhe a’ dol san dreuchd mar bhall den Choimisean gus an tèid Neach-gairm ùr na Comataidh Sgrùdaidh a chuir san dreuchd an dèidh an taghaidh choitchinn.
B’e buill a’ choimisean ann an Seisean 2 Màiread NicSheumais (Neach-gairm), Cathaidh Peattie, Mgr Anndra Welsh, Mgr Brian Monteith (tro dhreuchd Neach-gairm na Comataidh Sgrùdaidh) agus Màiread Nic a’ Ghobhainn.
Airson ballrachd a’ Choimisein anns a’ chiad seisein den Phàrlamaid, faicibh:
‘ SCPA 1st Report 2003, Report on the Functions of the Commission’.
Dòighean-obrach
Tha an Coimisean an dùil coinneachadh 4 no 5 tursan sa bhliadhna. Thathar a’ cumail nan coinneamhan ann am prìobhaideachd, ach thathar a’ foillseachadh aithisgean air a’ Choimisean. Geàrr-chunntasan agus Aithisgean a’ Choimisein
Fios bho:
Is e Rùnaire a’ Choimisein Roz Wheeler. Gus fios a chur chun na Comataidh, cuiribh post-D gu: rosalind.wheeler@scottish.parliament.uk
Sgrùdadh Alba
Bidh Sgrùdadh Alba a’ toirt seachad taic is cuideachadh sam bith a thèid iarraidh orra leis an Ard-Neach Sgrùdaidh agus le Coimisean nan Cunntasan mar phàirt den obair aca.
|