Mun Phàrlamaid
An t-Oifigear-riaghlaidh
Ailig MacFhearghais BPA
Fàilte gu Làrach-Lìn Oifigeil Pàrlamaid na h-Alba agus gu seisean pàrlamaideach 2007-2011.Tha ar bun-phrionnsabalan: fosgarrachd, cunntachalachd, co-roinn a’ chumhachd agus cothroman co-ionnan aig cridhe gach nì a tha sinn a’ dèanamh. Tha mi an dòchas gum meas sibh gu bheil an làrach-lìn seo a’ cur nam prionnsabalan sin an gnìomh.
Is e amas na làraich againn gum faigh an luchd-cleachdaidh gach pìos fiosrachadh, gach sgrìobhainn agus gach ceangal a tha a dhìth orra. Tha goireas lìon-chraolaidh againn a tha cho math ri dad de a sheòrsa fon ghrèin, www.holyrood.tv, far am faic agus an cluinn sibh gach nì a tha dol air adhart anns an t-Seòmar agus anns na prìomh seòmraichean Comataidh againn.
Tha mi an dòchas gun còrd bhur cuairt air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba ruibh.
|