Poileasaidh Cànain Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba
RO-RÀDH
Tha am poileasaidh seo a’ tighinn bho Bhuidhinn Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB) agus tha e na fhreagairt don t-suidheachadh ioma-chànanach a tha againn ann an Alba. Tha am poileasaidh:
- a’ toirt dhuinn frèam airson na h-obrach a tha a’ Phàrlamaid a’ dèanamh tron Ghàidhlig, gus fiosrachadh a thoirt seachad agus leigeil le daoine a bhith an sàs ann an obair na Pàrlamaid tron chànan seo.
- air a dhealbh gus cur às do na cnapan-starra cànain a dh’fhaodadh bacadh a chur air daoine a tha a’ fuireach ann an Alba, ach nach eil fileanta anns a’ Bheurla, bho bhith a’ gabhail pàirt ann an obair na Pàrlamaid no a bhith a’ faighinn a-mach tuilleadh mun dòigh anns a bheil a’ Phàrlamaid ag obair.
- a’ mìneachadh nan ceumannan a tha an SPCB air a ghabhail gus fiosrachadh a thoirt seachad mun Phàrlamaid agus mun dòigh-obrach aice do luchd-tadhail don dùthaich seo, nach eil fileanta anns a’ Bheurla, agus
- a’ tighinn a rèir an fhiosrachaidh air cleachdadh chànanan a tha clàraichte anns na Gnàth-riaghailtean.
Is e beachd an SPCB gu bheil adhbharan làidir eachdraidheil agus cultarail ann airson a’ Phàrlamaid a bhith ag obair tron Ghàidhlig - a thuilleadh air a bhith a’ brosnachadh Scots - agus gu bheil adhbharan làidir ann a thaobh chothroman, airson obair a dhèanamh tro chànanan eile, leithid cànan-soidhnidh Bhreatainn.
Bu chòir beachdan air a’ phoileasaidh seo an cuir gu Ceannard nan Gnothaichean Poblach.
PÀIRT 1: GNOTHACH NA PÀRLAMAID
GNOTHACH NA PÀRLAMAID – Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA)
- Is i a’ Bheurla an cànan gnàthach airson obair na Pàrlamaid.
- Tha a’ Phàrlamaid a’ reachdachadh anns a’ Bheurla a-mhàin. Mar sin feumaidh gach bile agus gach reachdas agus na sgrìobhainnean a thig nan cois a bhith anns a’ Bheurla. Nuair is mhiann le BPA no comataidh gun dèan an SPCB eadar-theangachadh air bile a tha iad a’ toirt a-steach, agus/no na sgrìobhainnean a tha na chois, feumaidh iad cead fhaighinn bho SPCB ro-làimh.
- Le aonta an Oifigeir-riaghlaidh ro-làimh, faodaidh Buill Pàrlamaid cànan sam bith a chleachdadh ann an deasbadan na Pàrlamaid. An uair a chleachdas Buill Pàrlamaid cànan sam bith seach Beurla no Scots, cuiridh am SPCB eadar-theangachadh air dòigh.
- Le aonta an Oifigeir-riaghlaidh ro-làimh, faodaidh duine sam bith a fhuair cuireadh oifigeil gus òraid a thoirt seachad don Phàrlamaid sin a dhèanamh ann an cànan sam bith. Nuair a chleachdas iad cànan sam bith seach Beurla no Scots, cuiridh an SPCB eadar-theangachadh air dòigh.
- Feumaidh gluasadan, atharrachaidhean air gluasadan agus ceistean a bhith ann am Beurla, ach faodaidh eadar-theangachadh leis a’ BhPA ann an cànan eile, a bhith nan cois. An uair a bhios eadar-theangachadh air a thoirt seachad mar seo nì an SPCB ullachadh airson fhoillseachadh anns an Iris Ghnothaichean, còmhla ris an teacs Beurla den ghluasad, atharrachadh, no ceist.
- An uair a bhios a’ Bheurla, mar chànan gnàthach na Pàrlamaid, ag adhbharachadh cnap-starra do Bhall ann a bhith a’ gabhail pàirt ann an gnothaichean na Pàrlamaid, gabhaidh an SPCB ceumannan gus taic-conaltraidh iomchaidh a sholarachadh.
- An uair a bhios comataidh a’ cur a-mach aithisg agus i den bheachd gu bheil adhbharan math ann airson a foillseachadh ann an cànan eile seach Beurla, feumaidh a’ chomataidh cead fhaighinn ro-làimh bhon SPCB.
GNOTHACH NA PÀRLAMAID - Fianaisean
- Faodaidh fianaisean fianais a thoirt seachad do chomataidh ann an cànan sam bith. Feumaidh fianaisean a tha airson cànan sam bith seach Beurla no Scots a chleachdadh sin innse cho fada ron àm agus is urrainn dhaibh, gus cothrom a thoirt don SPCB seirbheisean eadar-theangachaidh a chur air dòigh, mas urrainn dhaibh sin a dhèanamh. Bu chòir do dh’fhianaisean fios a chur gu clàrc na comataidh ris a bheil an gnothach a’ beantainn.
- An uair a bhios fianais a’ cleachdadh cànan seach Beurla, Gàidhlig no Scots, bheir an SPCB eadar-theangachadh de dh’Aithisg Oifigeil na coinneimh dhaibh, anns a’ chànan a chleachd iad. An uair a chleachdas fianais Cànan-soidhnidh Bhreatainn (BSL) no cànan-soidhnidh eile, thèid gnothaichean a chur air dòigh a rèir an t-suidheachaidh.
GNOTHACH NA PÀRLAMAID – An dòigh anns an tèid aithris
- An uair a thèid Gàidhlig a chleachdadh ann an coinneamhan na Pàrlamaid no ann an coinneamhan comataidh, nochdaidh a’ Ghàidhlig anns an Aithisg Oifigeil ron eadar-mhìneachadh anns a’ Bheurla.
- An uair a thèid Scots a chleachdadh ann an coinneamhan na Pàrlamaid agus ann an coinneamhan comataidh, gabhaidh an Aithisg Oifigeil an cànan sin a-steach don teacsa.
- An uair a thèid BSL, no cànan-soidhnidh eile, a chleachdadh ann an coinneamhan na Pàrlamaid no ann an coinneamhan comataidh, cha bhi anns an Aithisg Oifigeil ach an t-eadar-theangachadh Beurla. Seallaidh nota anns an Aithisg Oifigeil nach i a’ Bheurla an cànan a chaidh a chleachdadh air tùs. Far an gabh e dèanamh, thèid gnothach mar seo a chlàradh gus an urrainnear an cànan a chaidh a chleachdadh air tùs a ghlèidheadh air film.
- An uair a thèid cànan eile a chleachdadh seach Beurla, Scots, Gàidhlig no cànan-soidhnidh, cha bhi anns an Aithisg Oifigeil, mar as trice, ach an t-eadar-theangachadh Beurla a-mhàin, le nota a’ sealltainn nach eil an teacsa anns a’ chànan a chaidh a chleachdadh air tùs.
GNOTHACH NA PÀRLAMAID – Athchuingean
- Faodar athchuinge phoblach a chur a-steach ann an cànan sam bith. An uair a thèid athchuinge a chur a-steach ann an cànan seach Beurla, nì an SPCB ullachadh airson eadar-theangachadh dhith gu Beurla, gus an gabh i a sgrùdadh le Comataidh nan Athchuingean Poblach agus duine sam bith eile gum bi a’ chomataidh a’ cur na h-athchuinge.
- Tha an SPCB a’ foillseachadh fiosrachaidh air mar is urrainnear athchuinge a chur a-steach ann an Arabais, Bengali, Sìonais (traidiseanta), Beurla, Gàidhlig, Punjabi agus Urdu.
PÀIRT 2: FIOSRACHADH AGUS COTHROM RUIGHEACHD DON PHOBALL
FIOSRACHADH AGUS COTHROM RUIGHEACHD DON PHOBALL – A’ faighinn a-mach mun Phàrlamaid
- Tha an SPCB air dithis oifigearan a chur an dreuchd aig a bheil dleastanas ceanglaichean a dhèanamh eadar a’ Phàrlamaid agus luchd-labhairt na Gàidhlig. Bidh iad a’ solarachadh sheirbheisean eadar-dhealaichte anns a’ Ghàidhlig agus mun Ghàidhlig do BhPA, luchd-obrach an SPCB agus don mhòr-shluagh. Airson tuilleadh fiosrachaidh thoiribh sùil air a’ bhileig Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba.
- Bidh an SPCB a’ foillseachadh fiosrachadh mun Phàrlamaid anns na cànanan a leanas: Arabais, Bengali, Beurla, Gàidhlig, Punjabi, Sìonais (traidiseanta), Scots agus Urdu. Tha iad seo cuideachd rim faighinn air an làraich-lìn. Bidh a’ Phàrlamaid a’ cur a-mach fiosrachaidh air bhideo ann an Cànan-soidhnidh Bhreatainn. Gheibhear an leithid seo tro Sheirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill anns a’ Phàrlamaid no le bhith a’ coimhead air làrach-lìn na Pàrlamaid.
- Bidh an SPCB cuideachd a’ foillseachadh fiosrachadh mun Phàrlamaid ann am Fraingis, Gearmailtis, Eadailtis, Ruiseanais agus Spàinnis do luchd-tadhail nach eil fileanta anns a’ Bheurla. Tha na cànanan seo rim faighinn air an làraich-lìn.
- Airson math buill Lìonra Chomataidhean Roinneil Pàrlamaideach Eòrpach, tha fiosrachadh ann an Catalànais air ar làraich-lìn.
FIOSRACHADH AGUS COTHROM RUIGHEACHD DON PHOBALL – A’ tadhal air a’ Phàrlamaid
- Ma tha ball den phoball an dùil tadhal air a’ Phàrlamaid agus a’ cur feum air eadar-theangair gus deasbad pàrlamaideach no coinneamh Comataidh a leantainn, nì an SPCB a dhìcheall air seirbheis eadar-theangachaidh a sholarachadh don neach sin, ma ghabhas sin dèanamh. Bu chòir do dhuine sam bith a tha a’ cur feum air an t-seirbheis seo fios a chur gu Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill, a’ toirt seachad rabhadh gu leòr, a chionn agus gu bheil seirbheisean eadar-theangachaidh uaireannan doirbh am faighinn.
- A bharrachd air BSL, chan eil an SPCB, mar as trice, a’ solarachadh sheirbheisean eadar-theangachaidh do luchd-tadhail ann an suidheachaidhean eile. Ge-tà, tha buidhnean riochdachaidh oifigeil a bhios a’ tadhal air a’ Phàrlamaid, di-beathte eadar-theangairean a thoirt leotha agus dh’fhaoidte gun urrainn dhaibh goireasan teicniceach na Pàrlamaid airson eadar-theangachadh mar-aon a chleachdadh. A-rithist bu chòir do bhuidhnean mar seo rabhadh gu leòr a thoirt don Phàrlamaid ma bhios iad a’ cur feum air an t-seirbheis seo.
- Tha na sanasan ann an togalach Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh feum de shamhlaidhean agus de dh’ àireamhan gus cuideachadh a thoirt do luchd-labhairt chànanan sam bith. Tha na sanasan anns na h-àiteachan poblach anns a’ Ghàidhlig cuideachd.
- Tha an SPCB a’ tabhann chuairtean oifigeil de thogalach Pàrlamaid na h-Alba ann an diofar chànanan. Airson tuilleadh fiosrachaidh feuch gum bruidhinn sibh ri Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill.
FIOSRACHADH AGUS COTHROM RUIGHEACHD DON PHOBALL – A’ sgrìobhadh chun na Pàrlamaid
- Tha a’ Phàrlamaid a’ cur fàilte air litrichean ann an cànan sam bith. An uair a dh’fheumas a’ Phàrlamaid litrichean eadar-theangachadh, dh’fhaoidte gun toir e nas fhaide do luchd-obrach am freagairt na aig amannan eile.
.
- An uair a tha e iomchaidh don Phàrlamaid litir a fhreagairt, is àbhaist dhuinn freagairt a chur anns a’ chànan anns an deach an litir a sgrìobhadh.
- Ann an corra chùis, dh’fhaoidte gun cuir e cus cuideam air goireasan an SPCB a bhith a’ freagairt litrichean anns a’ chànan anns an robh iad sgrìobhte – mar eisimpleir, ann an suidheachadh far a bheil neach fa leth a’ sìor sgrìobhadh thugainn. Mar sin, dh’fhaoidte gun tèid dèiligeadh ri suidheachadh den t-seòrsa sin ann an dòigh eadar-dhealaichte.
FIOSRACHADH AGUS COTHROM RUIGHEACHD DON PHOBALL – A’ cur fios gu BPA
- Tha an SPCB a’ toirt chuibhreannan do BhPA gus an urrainn dhaibh an dleastanasan pàrlamaideach a choileanadh. An uair a tha feum aca air seirbheisean eadar-theangachaidh (m.e. airson litrichean no agallamhan), tha na cosgaisean air am pàigheadh tro Chuibhreann Taice nam Ball.
- A thuilleadh air an sin, an uair a tha feum aig BPA air eadar-theangair cànain-làimhe (no seirbheis eile a bheir cothrom ruigheachd co-ionnan do dhaoine ciorramach, leithid luchd-labhairt lipe no stuthan ann am Braille no air teip) gabhaidh na cosgaisean seo am pàigheadh tron Chuibhreann Ciorraim. Tha fiosrachadh nas mionaidiche air cuibhreannan nam Ball ri fhaighinn air ar làraich-lìn.
Chuir an SPCB aonta ris a’ phoileasaidh seo anns an Dàmhair 2004.
|