Cùisean Tiomnaichte - briathrachas
Tha an liosta seo de dh' fhaclan ann gus do chuideachadh nuair nach eil thu a' tuigsinn fhaclan ann an stuthan foghlaim na Pàrlamaid. Bidh e freagarrach dhut nuair a leughas tu na comaigean Holaidh agus stuthan foghlaim eile leis a' Phàrlamaid. Bidh e cuideachd feumail dhut mas e neach-ionnsachaidh a th' annad.
àiteachas – agriculture – tuathanachas, a’ cleachdadh fearainn gus luibhean a chur agus a dh’fhàs
an àrainneachd – the environment – an talamh, an adhar agus an uisge / an t-sàil a tha gad chuirtachadh
coilltearachd – forestry – a’ fàs agus a’ coimhead as dèidh mòran chraobh ri chèile
còmhdhail – transport – togail rathaidean do charaichean agus rathaidean iarann agus smachd a chumail air cleachdadh charbadan; agus treanaichean, busaichean, tacsaidhean agus pleanaichean a tha airson cleachdadh a h-uile daoine a tha a’ ceannachd tiocaid
cùirtean lagha – law courts – àiteachan far am bi daoine a rinn eucoir (mi-mhodh) a’ dol airson breitheanais
na h-ealain – the arts – dealbhan, iomhaighean snaidhte, bardachd, ceòl, nobhailean, is mar sin air adhart
foghlam – education – eòlas no sgil a tha thu ag ionnsachadh
iasgach – fisheries – iasg a ghlacadh às a’ mhuir no a’ coimhead as dèidh iasg ann an tuathanas èisg
riaghaltas ionadail – local government – a’ bhuidheann de dhaoine a tha a’ riaghladh roinn na dùthcha
seirbheisean poileis is smàlaidh – police and fire services – taic a tha feachd a’ phoileis agus an luchd smalaidh a’ toirt dhuinn
siostam lagha – legal system – an dòigh a tha sinn a’ deanamh agus a’ cleachdadh riaghailtean airson Alba
slàinte – health – a bhith slàn is fallain
spòrs – sport – cluich gheamanan mar bhall-coise, iomain, tenis, golf; ruith, snamh is mar sin air adhart
taigheadas – housing – na taighean a tha comhairlean a’ cur air mhàl do dhaoine a tha a’ fuireach san sgìre
|