|
|
Chaidh Ailig
O' Henley a Uibhist a Deas, craoladair, fear-naidheachd agus
sgrìobhadair a bha ag obair air a cheann fhèin, fhasdadh mar
a' chiad Oifigear Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba.
Mar chomharradh
air a' chiad latha aige san obair air Di-Luain 4 Sultain, gheibh
muinntir nam meadhanan cothrom bruidhinn ris agus dealbhan a
thogail dheth aig 2.30f ann an trannsa Dubh agus Geal na Pàrlamaid.
Nuair a
dh'innis e gun d'fhuair Mgr O' Henley an obair, thuirt Iar Oifigear
Riaghlaidh na Pàrlamaid, Seòras Reid:
"Ann a bhith
a' cruthachadh na dreuchd seo tha a' Phàrlamaid a' nochdadh
cho fìor chudromach 's a tha i a meas na Gàidhlig agus a' phàirt
a th'aice ann a bhith a' leasachadh seirbhisean do luchd-labhairt
na cànain. Bidh obair Ailig a' gabhail a-steach:
- a bhith
na fhear-labhairt do na meadhanan Gàidhlig agus do dhaoine
le Gàidhlig a tha a' tadhal air a' Phàrlamaid;
- geàrr-chunntas
Gàidhlig a dheasachadh a h-uile mìos air na rinn a' Phàrlamaid;
- cuideachadh
a thoirt do Bhuill ann a bhith a' toirt freagairt Ghàidhlig
do cheistean anns a' Ghàidhlig;
- pàirt
a ghabhail ann an obair na buidhne riaghlaidh airson Faclair
na Pàrlamaid.
"Bheir Ailig
dhuinn dòigh san urrainn dhan a' Phàrlamaid agus luchd-labhairt
na Gàidhlig bruidhinn ri chèile, agus nì seo cinnteach gu bheil
sinn fìor fhosgailte agus cùnntachail do na coimhearsnachdan
Gàidhlig."
Tha fàilte
ro mhuinntir nam meadhanan uile a thighinn airson dealbhan a
thogail - an fheadhainn aig a bheil teist Pàrlamaid agus an
fheadhainn aig nach eil. Bu chòir do luchd-naidheachd aig nach
eil teist Pàrlamaid fios a chur ro làimh air Eric MacLeòid,
Oifis nam Meadhanan, airson cead faighinn a-steach.
|

Alex O'Henley
|
Ailig
O' Henley - Cùnntas beatha
Tha Ailig air
a bhith ag obair air a cheann fhèin mar chraoladair, neach- naidheachd
agus sgrìobhadair bho 1993, ag obair airson a' BhBC agus companaidhean
neo-eisimeileach.
A measg dreuchdan
eil tha e air obair mar neach-deasachaidh agus neach-aithris naidheachdan
dhan BhBC an Inbhirnis agus mar neach-aithris/neach-naidheachd air
prògram cùisean Eòrpach a' BhBC, 'Eòrpa'. Bho chionn ghoirid tha e
air a bhith cur ri seirbhis 'Radio na Gàidheal' mar neachd-naidheachd
spòrs. Bith e sgrìobhadh gu tric anns an Scotsman agus dhan Ghàidheal
Ùr, a measg irisean eile.
Nas tràithe am
bliadhna choisinn Ailig an duais sgrìobhaidh Gàidhlig aig Duaisean
Naidheachdas Banca na h-Alba . 'S toil leis obair sgrìobhaidh dheth
gach seorsa agus tha cuid dhen bhàrdachd aige air nochdadh ann an
deifir irisean is pàipeirean naidheachd. Tha ùidh mhòr aige cuideachd
ann am ball-coise agus bith e ag aithris gheamachan airson companaidh
Celtic TV.
Oifigear
Gàidhlig - Dealbh Dreuchd
- neach-labhairt
do na meadhanan Gàidhlig
- deasachadh
aithisgean naidheachd anns a' Ghàidhlig
- dèanamh agallamhan
telebhisein agus rèidio anns a' Ghàidhlig
- deasachadh
fiosrachadh agus stiùireadh Pàrlamaid anns a' Ghàidhlig
- sgaoileadh
fiosrachaidh do luchd-tadhail don Phàrlamaid aig a bheil Gàidhlig
- co-òrdanachadh
agus a' sgaoileadh fiosrachaidh do Bhuill, Comataidhean, Seirbheisean
Foghlaim agus Fiosrachadh Poblach a tha a' tadhal air na coimhearsnachdan
Gàidhlig
- deasachadh/sgaoileadh
fiosrachadh Pàrlamaid an co-bhonn le, neo airson, Buill, Comataidhean,
Seirbheisean Foghlaim agus Fiosrachadh Poblach
- gabhail pàirt
ann an obair bhuidhnean mion-chànanan agus cumail sùil air poileasaidh
na Roinn Eòrpa
- co-òrdanachadh
a dhèanamh air obair eadar-theangachaidh sgrìobhte agus eadar-theangachaidh
maraon, a' gabhail a-steach obair a-muigh à Dun Eideann
- gabhail pàirt
anns a' bhuidheann riaghlaidh airson Faclair na Pàrlamaid
- cùmail sùil
air mar a tha Gàidhlig ga cleachdadh ann an togalaichean agus obair
làitheil na Pàrlamaid
- poileasaidh
agus modail a dheasachadh airson seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid
- cur geàrr-chunntas
Gàidhlig air obair na Pàrlamaid air an làrach-lìn a h-uile mìos;
- cuideachadh
a thoirt do Bhuill ann a bhith a' toirt freagairt Ghàidhlig do cheistean
anns a' Ghàidhlig
Airson
tuilleadh fiosrachaidh bu chòir do mhuinntir nam meadhanan bruidhinn
ri: Eric MacLeòid: 0131 348 5605 Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk
Airson
fiosrachadh poblach, fònaigibh: 0131 34 8500 (neo 0845 278
1999 airson prìs-fòn ionadail)
|