Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
 Home > About the Parliament > Recruitment > Current Vacancies > ..back
Luchd-cuideachaidh Foghlaim (Pàirt-thìde, Seiseanail)

 

Gus cur a-steach airson na dreuchd, bu chòir dhuibh na leanas a leughadh cuideachd:

Agus feumaidh sibh fear de na formaichean seo a lìonadh:

Nach dean sibh cinnteach gun tèid agaibh air na faidhleachan seo fhosgladh agus gun cuir sibh ur foirm lìonta air ais thugainn ro Dhihaoine 6 Ògmhios 2008.

Mu dheidhinn na Pàrlamaid

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA) a' dèanamh cinnteach gu bheil na togalaichean, luchd-obrach agus seirbheisean aig a' Phàrlamaid a dh'fheumas i. Tha BCPA air a dèanamh an àirde den Oifigear-riaghlaidh agus ceithir BPA a tha a' Phàrlamaid ag ainmeachadh. Tha iad a' dèanamh cho-dhùnaidhean air caochladh farsaing de chuspairean a' buntainn ri ruith na Pàrlamaid agus bidh iad a' fastadh luchd-obrach na Pàrlamaid. Chan e searbhantan catharra a tha ann an luchd-obrach na Pàrlamaid. Tha iad neo-eisimeileach bhon Riaghaltas agus bidh iad a' toirt seirbheis neo-phàirteach do BhPA de gach pàrtaidh. Tha mòran bhuidhnean luchd-obrach ann a' coileanadh caochladh mòr dhleastanasan, eadar chlàrcan (a bhios a' toirt comhairle do BhPA air gnothaichean mionaideach a’ buntainn ri modhan-obrach na Pàrlamaid) agus luchd-obrach tèarainteachd agus teicneolas fiosrachaidh. Is ann air a' Chlàrc/Ceannard, mar phrìomh oifigear na Pàrlamaid, a tha an àrd dhleastanas airson dèanamh cinnteach gu bheil a' Phàrlamaid ga ruith gu h-èifeachdach, dòigheil. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh air a' Phàrlamaid bhon làraich-lìn againn, www.scottish.parliament.uk/gaidhlig

Tha sinn ag amas a bhith nar luchd-fastaidh adhartach, a' tabhann sàr shochairean don luchd-obrach, a' gabhail a-steach:

  • gealladh air adhartas pàighidh suas don ìre tuarastail as àirde airson luchd-obrach a choileanas an cuid obrach gu dòigheil
  • roghainn sgeamaichean peinnsein
  • seirbheis slàinte luchd-obrach anns an ionad • iasad gun riadh airson thiocaidean siubhail sèasain
  • poileasaidhean làidir air adhartachadh agus trèanadh • poileasaidh co-ionnanachd chothroman brìoghmhor
  • làn phoileasaidh air cothromachadh beatha is obrach:
    • pàigheadh leasaichte airson fòrladh màthar/athar/uchd-mhacachd
    • 30 saor-làithean bliadhnail agus 10.5 saor-làithean poblach / pàrlamaideach
    • cothroman cur a-steach airson obair phàirt-ùine; roinneadh obrach; beàrn dreuchd; obair bhon dachaigh
    • suidheachadh-obrach sùbailte
    • fòrladh èiginn/ sònraichte
    • sgeama bhileagan pàighidh cùram cloinne
    • sgeama slàinte agus mathais

Mu na Dreuchdan

‘S e a th’ann an Com-pàirteachasan Foghlaim agus Coimhearsnachd sgioba ùr a chaidh a stèidheachadh gus raon de sheirbheisean foghlaim a leasachadh agus a lìbhrigeadh. Cuiridh iad seo taic ris na Buill agus bheir iad an comas do mhuinntir na h-Alba conaltradh a dhèanamh ris a’ Phàrlamaid. Thèid seirbheisean a libhrigeadh aig togalach na Pàrlamaid ann an Taigh an Ròid agus gu h-ionadail air feadh na h-Alba. Tha an dòigh-obrach ùr a’ cur cuideim air foghlam airson saoranachd mar thaic ris a’ Chlàr-oideachaidh airson Mathais agus gabhaidh i a-steach:


     • prògram foghlaim air an taobh a-staigh anns am bi cuairtean, turasan agus buidhnean-obrach
     • foghlam air an taobh a-muigh, a' gabhail a-staigh prògram nam Ball sna Sgoiltean
     • goireasan mar thaic ri ionnsachadh agus teagasg mun Phàrlamaid
     • seiminearan do luchd-teagaisg
     • tachartasan do dhaoine òga


Cuiridh sinn dòigh-obrach air bhonn a bhios a’ tairgse nan nithean seo a leanas cuideachd


     • taic ri obair na comataidh againn sna coimhearsnachdan
     • co-labhairtean foghlaim mun Phàrlamaid
     • com-pàirteachasan le buidhnean coimhearsnachd


Tha na seirbheisean againn gan toirt seachad ann an Gàidhlig agus tha sinn an urra ri Plana Gàidhlig an SPCB a chur an gnìomh, le plana-leasachaidh còig bliadhna. Tha e mar amas againn obair le raon farsaing dhaoine a tha a’ fuireach ann an Alba le caochladh eachdraidhean agus ìrean foghlaim.

Tha sinn an-dràsta a’ sireadh ochdnar a thig a dh’obair còmhla ris an sgioba againn anns na dreuchdan seo a leanas:

Luchd-cuideachaidh air an Taobh-a-Muigh - 5 dreuchdan, na h-uile stèidhichte ann an togalach na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann. Bidh aon dreuchd na dreuchd le Gàidhlig.

Luchd-cuideachaidh Foghlaim air an Taobh-a-Muigh - 3 dreuchdan, stèidhichte anns na h-àiteachan seo a leanas:
     • Taobh a Deas Meadhanach na h-Alba an Ear
     • Taobh a Deas Meadhanach na h-Alba an Iar
     • A’ Ghàidhealtachd
Bidh aon dreuchd na dreuchd le Gàidhlig.

Thèid iarraidh oirbh an dreuchd a tha sibh ag iarraidh a chomharrachadh nuair a bhios a’ bhileag-iarrtais ga lìonadh a-mach agaibh.

Dleastanasan

Luchd-cuideachaidh Foghlaim air an Taobh-a-Staigh

‘S e an dreuchd a bhios agaibh seiseanan foghlaim a chur air dòigh airson bhuidhnean às na sgoiltean a bhios a’ tadhal air Taigh an Ròid. Gabhaidh cuairtean a-steach turas foghlaim no òraid mu Phàrlamaid na h-Alba, an obair a nì i agus na Buill, cho math ri gnìomhachdan. Airson an turais, bheir sibh seachad fiosrachadh foghlaim nuair a tha sibh a' treòrachadh na buidhne timcheall air togalach Thaigh an Ròid. Faodaidh an dà sheòrsa de chuairt air an taobh a-staigh toirt leotha gum bi a’ bhuidheann a’ coinneachadh ris na Buill ionadail aca. Am measg nan uallach eile tha ceannas air buidhnean-obrach agus seiminearan do dhaoine òga agus a’ cuideachadh leis na seiminearan againn airson luchd-teagaisg agus le prògram nan tachartasan foghlaim. Bidh na dreuchdan seo stèidhichte ann an Dùn Èideann. Bheir aon dreuchd seachad seiseanan ann an Gàidhlig a rèir mar a thèid iarraidh, a bharrachd air feadhainn sa Bheurla.

Is iad na h-uairean-obrach 25 uairean a thìde san t-seachdain, ag obair 3 làithean a-mach à 5, Diluain gu Dihaoine. Bidh feum air beagan sùbailteachd gus feumalachdan obrachaidh a thoirt gu buil. Tha iad seo nan dreuchdan seiseanail, a bhios a’ ruith ri linn do na sgoiltean a bhith fosgailte. ‘S ionann seo agus a ràdh gum bi sibh ag obair 42 de sheachdainean, gun fhosadh na Nollaige agus fosadh an t-samhraidh (Iuchar agus Lùnastal) aig a’ Phàrlamaid san àireamh. ‘S dòcha gum bi feum air obair air an oidhche no aig an deireadh-sheachdain bho àm gu àm, mar eisimpleir mar thaic ri tachartasan (bidh na riaghailtean a thaobh àm a bharrachd gan cur an gnìomh san t-suidheachadh seo).

Luchd-cuideachaidh Foghlaim air an Taobh-a-Muigh

Bidh na dreuchdan seo stèidhichte aig an taigh. Bidh na trì dreuchdan stèidhichte ann an roinn na Gàidhealtachd, ann an taobh an ear Taobh a Deas Meadhanach na h-Alba agus ann an taobh an iar Ceann a Deas Meadhanach na h-Alba. Bidh a’ chuid as motha den ùine-obrach agaibh ga cosg sna sgoiltean no ann an àiteachan ionadail eile. Bidh Gàidhlig aig aon neach-obrach gus am faod iad seiseanan a thoirt seachad ann an Gàidhlig a rèir mar a thèid iarraidh, cho math ri feadhainn sa Bheurla. Bidh iad ag obair le sgoiltean air feadh na h-Alba agus mar sin dh’fhaodadh iad a bhith stèidhichte ann an tè sam bith de na trì roinnean.

‘S e an dreuchd a bhios agaibh cuideachadh gus seiseanan foghlaim a chur air dòigh sna sgoiltean. Sna seiseanan againn bidh cur-an-làthair agus gnìomhachadan gus daoine òga a thoirt an sàs. Thèid an cur-an-làthair a chur air dòigh dhuibh agus bidh e a’ cur cuideim air mìneachadh mu obair Pàrlamaid na h-Alba, mu na Buill agus mun obair a bhios i a’ dèanamh. Sna gnìomhachdan thathar a’ sealltainn gu mionaideach air cuspairean cudromach mar bhòtadh agus saoranachd. Thèid an stuth a bhios a dhìth airson nan gnìomhachdan (activities) a chur air dòigh dhuibh – chaidh iad seo a chur ri chèile gus am biodh na seiseanan beothail agus nan togail-inntinn do dhaoine òga.

Bidh tòrr siubhail an lùib na dreuchd gus seiseanan a thoirt seachad sna sgoiltean san sgìre agaibh fhèin (no an taobh a-muigh na sgìre agaibh airson na dreuchd le Gàidhlig). Uaireannan, faodaidh gun gabh sibh gnothach ri barrachd air aon chlas no aon sgoil san aon latha. Bidh siubhail an lùib na h-obrach seo gach latha, uaireannan do dh’àiteachan far nach eil còmhdhail phoblach mhath ann no far nach eil còmhdhail phoblach idir ann. Thèid taic shlàn a thaobh cosgaisean siubhail a thoirt seachad.

Bidh sibh ag obair leibh fhèin, le taic bhon mhanaidsear agaibh a bhios stèidhichte ann an Dùn Èideann. Faodar uidheam teicneòlas fiosrachaidh a chur air dòigh mar thaic ris an obair bhon taigh.

Is iad na h-uairean-obrach 25 uairean a thìde san t-seachdain, ag obair 3 latha a-mach à 5, Diluain gu Dihaoine (is iad na prìomh làithean Dimàirt gu Dihaoine). Tha uairean a bharrachd sùbailte mar thaic ri iarrtas agus air adhbharan siubhail agus bidh feum air sùbailteachd gus feumalachdan obrachaidh a thoirt gu buil. Tha iad seo nan dreuchdan seiseanail, a bhios a’ ruith ri linn do na sgoiltean a bhith fosgailte. ‘S ionann seo agus a ràdh gum bi sibh ag obair 42 de sheachdainean, gun fosadh na Nollaige agus fosadh an t-samhraidh (Iuchar agus Lùnastal) aig a’ Phàrlamaid san àireamh. ‘S dòcha gum bi feum air obair air an oidhche no aig an deireadh-sheachdain bho àm gu àm, agus air adhbharan siubhail (bidh na riaghailtean a thaobh àm a bharrachd gan cur an gnìomh san t-suidheachadh seo).

Faodar gun tig air a h-uile dreuchd taic a chur ri tionnsgnaidhean foghlaim eile a rèir mar a bhios an dòigh-obrach againn mu chom-pàirteachasan foghlaim agus coimhearsnachd ga cur ri chèile.

Uidheamachadh agus Fiosrachadh

Bu chòir gum biodh uidheamachadh agaibh ann an teagasg, ann am foghlam no ann an trèanadh no an leithid agus eòlas practaigeach aon bhliadhna. No bu chòir dhuibh eòlas dà bhliadhna a nochdadh ann an òraidean/taisbeanaidhean do dhaoine aig caochladh aoisean mar phàirt de phrògraman / tachartasan foghlaim. Feumaidh ìre àrd de labhairt na Gàidhlig a bhith aig an luchd-thagraidh airson nan dreuchdan Gàidhlig. Thoiribh an aire nach eil e riatanach tuilleadh (mar a chaidh fhoillseachadh ann an dreach na bu thràithe den t-sanas airson na h-obrach seo) gum bu chòir làn chead draibhidh a bhith aig tagraichean.

Sgilean agus Eòlas

Feumaidh sibh na nithean seo a leanas a nochdadh cuideachd:

  • Eòlas practaigeach air teagasg no seiseanan ullachaidh/foghlaim a lìbhrigeadh do dhaoine òga
  • Sgilean conaltraidh den chiad ìre agus dòigh thaitneach air òraidean/taisbeanaidhean a thoirt seachad (agus ìre mhath de labhairt na Gàidhlig airson nan dreuchdan le Gàidhlig)
  • Sgilean conaltraidh den chiad ìre mu bhith ag obair le daoine agus comas obair le farsaingeachd luchd-èisteachd
  • Comas a bhith ag obair air ur ceann fhèin agus gu sùbailte
  • Sgilean ICT, Microsoft Word, Excel, Outlook agus PowerPoint gu h-àraidh
  • Eòlas/ùidh ann am Pàrlamaid na h-Alba agus comas cur ris an ìre eòlais agaibh gu luath.

Cleachdaibh earrann 5 den bhileag-iarrtais gus fianais mu na càileachdan seo a nochdadh.

Tuarastal

Ma shoirbicheas leibh, mar as trice gheibh sibh tuarastal tòiseachaidh aig an ìre bhunasaich a tha ga mìneachadh gu h-ìseal. Ach, dh'fhaodte tuarastal na b’ àirde a thabhann ma tha sgilean agus eòlas agaibh a tha air leth freagarrach don dreuchd agus thairis air a’ bhun-ìre a chaidh fhoillseachadh. Is e an raon tuarastail airson na dreuchd a tha sibh ag iarraidh:

£Air a’ char as lugha

Bliadhna 1

Bliadhna 2

Bliadhna 3 (Car as motha)

18,076

19,161

20,311

21,530

‘S e raon an tuarastail a bhios ann pro rata £9,870 gu £11,750. Thèid ur pàigheadh a h-uile mìos le Creideas Banca a-steach don chunntas agaibh sa bhanca no sa chomann-thogalaich air an latha-bhancaireachd mu dheireadh den mhìos. Bidh an tuarastal agaibh air a bhriseadh sìos ann an 12 de phàighidhean mìosail.

Tha adhartas bhon ìre tòiseachaidh an crochadh air coileanadh freagarrach air na dleastanasan agaibh a rèir Siostam Sgrùdadh Coileanaidh Pàrlamaid na h-Alba. Anns a' chiad 9 mìosan anns an dreuchd (an t-àm deuchainn) thèid dà sgrùdadh coileanaidh a dhèanamh: measadh eadar-amail aig timcheall air 4 mìosan agus measadh deireannach nuair a tha sibh air a bhith anns an dreuchd 9 mìosan. An dèidh sin leanaidh sibh a’ chuairt mheasaidh àbhaisteach (1 Giblean – 31 Màrt). Nì sibh adhartas aig astar 2 phuing tuarastail gach bliadhna ma nì sibh coileanadh freagarrach air na dleastanasan agaibh. Gheibh sibh an t-àrdachadh pàighidh aig gach ceann bliadhna bhon latha a thòisich sibh anns an ìre dreuchd. Tha seo a' ciallachadh gu bheil gealladh agaibh gun ruig sibh àirde an raon tuarastail an ceann 3 bliadhna.

Fiosrachadh eile

Tha a h-uile dreuchd seasmhach le peinnsean na lùib. Faodar iarrtas a dhèanamh ann an Gàidhlig no ann am Beurla agus tha tionndaidhean den bhileag-fhiosrachaidh rim faotainn san dà chànan. (English version)

Gheibh sibh agallamh le triùir luchd-taghaidh agus mairidh seo mu 50 mionaid. Bidh sinn cuideachd ag iarraidh taisbeanadh 10 mionaid de dh'fhaid bhuaibh agus gheibh sibh fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn seo ma thèid ur gairm gu agallamh. Thèid agallamhan a chumail ann an Dùn Èideann san t-seachdain a’ tòiseachadh 23 Ògmhios. Is iad na cinn-latha ris a bheil dùil tòiseachadh Lùnastal 2008.