|
|
Seo geàrr-chunntas den chiad aithisg aig Buidheann Corporra Pàrlamaid na h-Alba. Tha an aithisg ag innse ciamar a dhòrdaich sinn cùisean airson na Pàrlamaid a ruith agus ciamar a chaidh an t-airgead airson seo a chosg. Thèid cùnntasan bliadhnail na Pàrlamaid fhoillseachadh air leth, ach tha geàrr-chùnntas anns an aithisg bhliadhnail air ionmhas na Parlamaid anns a Bhliadhna-Ionmhais 1999/2000. Tha làn theacs na h-aithisg bhliadhnail air fhoillseachadh anns a Bheurla agus tha e ri fhaighinn ann am bùithean Oifis na Pàipearachd agus air làrach-lìn na Pàrlamaid. Chan eil aithisg bhliadhnail na Buidhne Corporra a buntainn ri tachartasan poiliteagach anns a Phàrlamaid. Gheibhear fiosrachadh mu dheidhinn seo air an làrach-lìn. Tha Leabhar Gnothaich Pàrlamaid na h-Alba agus aithisgean bliadhnail nan Comataidhean fhathast ri fhoillseachadh agus nì iad seo geàrr-chunntas air obair na Pàrlamaid anns a chiad bhliadhna anns an t-Seòmar agus anns na comataidhean. Chan eil an aithisg a buntainn ri obair Stiùireachas na h-Alba a bharrachd. Tha an Stiùireachas air pàipear fhoillseachadh air a bheil Investing in You agus tha seo a mìneachadh na h-obrach a tha iad a dèanamh agus ciamar a thèid airgead a chosg.
Rianachd Èifeachdach Tha e mar dhleasdanas oirnne anns a Bhuidheann Chorporra a dhèanamh cìnnteach gu bheil togalaichean, luchd-obrach agus seirbheisean aig a Phàrlamaid mar a tha dhith oirre. Tha a Bhuidheann a toirt a staigh an Oifigear Riaghlaidh, a bhios na fhear-cathrach againn, agus ceithir Buill Phàrlamaid Albannach (BPA) a dhainmicheas a Phàrlamaid. Se na Buill sa Raibeart Brown, Des McNulty, Anndra Welsh agus Iain Young. Chaidh an gairm don Bhuidheann Chorporra air 18 Cèitein 1999. Bidh sinn a beachdachadh agus a tighinn gu co-dhùnadh air raon farsaing de chuspairean a buntainn ri ruith na Pàrlamaid, a gabhail a-steach ionmhas, cùisean luchd-obrach, togalaichean, an togalach ùr aig Holyrood nam measg, teicneòlas-fiosrachaidh, agus cuibhreann-airgid nam Ball. Feumaidh sinn a bhith cùnntasach don Phàrlamaid. Suas gu deireadh bliadhna na Pàrlamaid, 11 Cèitean 2000, thug sinn freagairt tron Oifigear Riaghlaidh do 232 ceist bhon Phàrlamaid co-cheangailte ri mar a tha sinn a làimhseachadh rianachd na Pàrlamaid. Bidh sinn a cur mholaidhean, air a bheil tagraidhean, air beulaibh na Pàrlamaid a sireadh aonta ris an obair a tha sinn a dèanamh agus ris na co-dhùnaidhean a tha sinn a ruighinn. Anns a chiad bhliadhna dhaontaich a Phàrlamaid ris a h-uile fear de na 6 tagraidhean a chur sinn air am beulaibh. Bha iad seo a dèiligeadh ri smocadh anns a Phàrlamaid, stèidheachadh meur Pàrlamaid de Chomann Pàrlamaidean a Cho-fhlaitheas, ainmeachadh Àrd Neach-Sgrùdaidh na h-Alba, cuibhreann-airgid nam Ball agus an togalach aig Holyrood. Faodaidh sibh coimhead ris na h-aithisgean agus tagraidhean againn agus ris na ceistean Pàrlamaid a fhreagair sinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.
Pàrlamaid ag Obair Anns a chiad bhliadhna be ar prìomh amas dèanamh cinnteach gum b'urrainn do Phàrlamaid ùr na h-Alba ruith gu h-èifeachdach agus gum b'urrainn dha na Buill an obair a dhèanamh. Feumaidh e a bhith comasach don Phàrlamaid an Stiùireachas a sgrùdadh agus a chumail cùnntachail. Feumaidh e a bhith comasach dhith rannsachadh a dhèanamh agus laghan a chruthachadh. Feumaidh e bhith comasach dha na Buill sluagh na h-Alba a riochdachadh. Tha sinne air a bhith ag obair airson a dhèanamh cinnteach gun urrainn dha seo tachairt. Choinnich a' Phàrlamaid air a h-uile latha a chaidh a shuidheachadh dhith anns a' chiad bhliadhna aice. Choinnich i 72 uairean eadar 12 Cèitean 1999 agus 11 Cèitean 2000. Anns an àm sin dh'fhaighnich na Buill còrr is 8,400 ceist Pàrlamaid agus mhol iad còrr is 950 tagradh. Sheall a' Phàrlamaid ri ceistean cudromach a-thaobh ciamar bu chòir dhith obrachadh. Rinn i ath-sgrìobhadh èifeachdach air na gnàth-riaghailtean aice, sin na riaghailtean a tha a' stiùireadh mar a tha i ag obair, agus stèidhich i modhan-giùlain a tha a' mìneachadh ìrean giùlain airson na Buill. Tha àite glè chudromach aig Comataidhean ann an obair na Pàrlamaid. Chaidh sia comataidh dheug a stèidheachadh agus thòisich iad a' coinneachadh air 22 Òg-mhìos 1999. Bhon àm sin gu deireadh bliadhna na Pàrlamaid bha 352 coinneamh comataidh ann, chaidh 117 aithisg comataidh fhoillseachadh, chaidh 15 bile a chur air beulaibh na Pàrlamaid agus bheachdaich comataidhean air 173 pìos de fho-reachdachd (bannan-sgrìobhte stàideil, bannan-sgrìobhte stàideil Albannach agus dreach bhannan-sgrìobhte). Tha an obair a thachras anns an t-Seòmar agus anns na comataidhean an urra ris na seirbheisean againne. Feumaidh na Buill agus an luchd-obrach fiosrachadh air caochladh farsaing de chuspairean agus feumaidh iad teicneòlas-fiosrachaidh airson a bhith ag obair anns an dòigh as èifeachdaiche. Anns a' chiad bhliadhna Pàrlamaid stèidhich sinn seirbheis rannsachaidh agus fiosrachaidh a bheireadh seachad fiosrachadh agus comhairle fìor mhath. Lorg sinn togalaichean airson na Pàrlamaid gu lèir, agus chuir sinn cùisean air dòigh airson na togalaichean a chumail aig ìre agus an glanadh. Chuir sinn seirbheisean air chois airson ullachadh bidhe, post, fàilteachadh, dìon agus portaireachd. Rinn sinn cinnteach cuideachd gu robh taic gu leòr ga thoirt do dh'obair na Pàrlamaid a-thaobh teicneòlas-fiosrachaidh, comhairle laghail, an Aithisg Oifigeil, craoladh agus seirbheisean solarachd. Dh'fhastaich sinn an luchd-obrach a dh'fheumas a' Phàrlamaid gus taic a thoirt dha na Buill agus thug sinn trèanadh dhaibh. Bha sinn gu h-àraid leagte ri dèanamh cinnteach gun robh na siostaman freagarrach againn gus seirbheisean ionmhais riatanach a lìbhrigeadh don Phàrlamaid agus gu robh an t-airgead ga chaitheamh gu cùramach.
Fàilte bhon Phàrlamaid Ma tha Pàrlamaid na h-Alba dol a bhith soirbheachail feumaidh pàirt a bhith aig sluagh na h-Alba na cuid obrach. Chaidh làrach-lìn na Pàrlamaid a chruthachadh airson fiosrachadh a sgaoileadh don t-sluagh, do na meadhainan agus do bhuidhnean le iarratasan sònraichte. Dhfhosgail an t-Ionad Tadhail air 17 Cèitean 1999 agus chaidh an t-seirbheis foghlaim do sgoiltean a chur air bhog air 1 Òg-mhìos 1999. Tha faidhlichean-fiosrachaidh air diofar chuspairean a buntainn ris a Phàrlamaid agus WHISP, Whats Happening in the Scottish Parliament, pàipear seachdaineil a tha toirt cunntas air na tha dol sa Phàrlamaid, uile rim faighinn air an làraich-lìn. Tha leabharlann air a shònrachadh anns gach roinn Pàrlamaid far am faighear fios mu dheidhinn na Pàrlamaid agus tha trì a bharrachd dhiubh ann an Roinn na Gàidhealtachd. Chaidh cuirm fosglaidh na Pàrlamaid a chraoladh beò air 1 Iuchar 1999 air an eadar-lìon. Be seo a chiad uair a chaidh fosgladh pàrlamaid a chraoladh air an lìon. Nuair a choinnich a Phàrlamaid ann an Glaschu anns a Chèitean 2000 chaidh craoladh iomlan a dhèanamh air an lìon cuideachd. Rannsaich na Comataidhean dòighean ùra, brosnachail sam burrainn don mhòr-shluagh pàirt a ghabhail san obair aca. Chumadh coinneamhan sluaigh far am burrainn dhan mhòr-shluaigh pàirt a ghabhail annta ann an grunnd sgìrean air feadh Alba. Chaidh a Phàrlamaid a-mach air feadh na h-Alba gus barrachd cothrom a thoirt do dhaoine pàirt a ghabhail na cuid obrach. Chùm i coinneamhan ann an Glaschu airson trì seachdainnean anns a Chèitean 2000. Chumar seachd coinneamhan comataidh air taobh a-muigh Dhun Eidinn agus shiubhail luchd-aithris comataidh eadar Galasheils agus Inbhir-Nis, agus eadar na h-Eileanan an Iar agus Sgìre Tatha a cruinneachadh fiosrachadh. Chuir sinn cùisean air dòigh airson làn dheasbad Pàrlamaid anns a Ghàidhlig. Lìbhrig sinn eadar-theangachadh co-amail air deasbadan airson luchd-labhairt na Gàidhlig grunn thursan. Dhfhastaich sinn Oifigear Gàidhlig gus a Phàrlamaid a chuideachadh ann a bhith toirt seirbhis nas fheàrr do choimhearsnachd nan Gàidheal.
DACHAIDH SHEASMHACH Be an obair bu dhuilghe a bha romhainn anns a chiad bhliadhna togalach Pàrlamaid sheasmhach a thoirt gu buil aig Holyrood. Tha sinn air leth mothachail gu bheil an togalach seo cudromach do na Buill, do na daoine a chleachdas a Phàrlamaid agus do dhAlba gu lèir. Tha an stiùireadh ann am pròiseict Holyrood airson ciamar a thèid an togalach a chleachdadh ag ràdh:
As dèidh lèirmheas neo-eisimeileach air pròiseict Holyrood agus deasbad Pàrlamaid air 5 Giblean, cho-dhùin na Buill cumail orra leis a' phròiseict aig cosgais ùr a ruigeadh £195m aig a' char as àirde. Tha obair togail air a bhith dol greis a-nis agus tha dùil gum bi an togalach deiseil anns an Dùbhlachd 2002. Dh'fhosgail Ionad Fàilte aig an làrach air 9 Damhair 2000 le gaileiridh amharc anns a bheil trì làirean a dh'àirde gus am faic daoine an obair togail bho astar sàbhailte agus tha taisbeanadh ann cuideachd air eachdraidh na pròiseict le planaichean agus modailean ailtirean.
Na tha a' Phàrlamaid air a chosg Bidh an t-airgead a bhios sinn a' cosg ann a bhith ruith na Pàrlamaid a' tighinn bho Chiste Chruinnichte na h-Alba, agus tha e air a shònrachadh gach bliadhna ann an Achd a' Bhuidseat. A chionns nach robh a' Phàrlamaid air a stèidheachadh aig toiseach na bliadhna ionmhasail 1999 - 2000, chaidh maoineachas na bliadhna seo a shònrachadh le Pàrlamaid Westminster. Tha an clàr a' sealltainn dè thàinig às a' bhuidseat airson a' Phàrlamaid a ruith bho 1 Giblean 1999 - 31 Màirt 2000. Cha do ghabh sinne ùghdarras gus 1 Òg-Mhìos 1999. B'e Rùnaire na h-Alba a bha a' riaghladh cosgais gu ruige sin. Tha an clàr a' sealltainn cosgais anns na 12 mìosan gu lèir mar a chaidh a shònrachadh le Bhòt 12 de Thuairmse-Chosgais na h-Alba, a chaidh fhoillseachadh anns a' Ghearran 1999 agus a chaidh a leasachadh anns an Dàmhar 1999. B'e buidseat na bliadhna £63.9 millean, as dèidh dha dhol suas anns an Dàmhar 1999. Bha £20 millean den bhuidseat seo nach deach a chosg. Bha grunnan adhbhar airson seo. Cha do chaith sinn £11 millean de chalpa air sàilleabh Pròiseict Togalach Holyrood. Cosgaidh sinn ann am bliadhna eile e. Cha do chaith na buill an t-suim gu lèir a chaidh a shònrachadh dhaibh airson an cuibhreann airgid agus cosgaisean eile. Cha robh an sgioba luchd-obrach gu lèir againn agus le smachd ionmhais teann chaidh againn air airgead a shàbhaladh air cosgaisean rianachd. Tha sinn a' toirt an £20 millean sin air adhart dhan bhliadhna seo fhèin neo dhan ath-bhliadhna a rithist. Tha sinn cuideachd a' foillseachadh làn chunntasan-maoin airson 1999 - 2000. Tha an clàr ann an dreach foirmeil a' sealltainn nan Cunntasan Airgid a chaidh a chur air beulaibh Pàrlamaidean na h-Alba agus Westminster. Bhòt 12 de Thuairmse-Chosgais na h-Alba 1999-2000 Geàrr-Chunntas dhen Chosgais Dheireannach, agus cunntas air an t-suim a chaidh a chosg bho 1 Giblean 1999 gu 31 Màirt 2000, an coimeas ris an t-suim a chaidh a bhuileachadh le Rùnaire na h-Alba airson cosgaisean rianachd agus obrachaidh co-cheangailte ri stèidheachadh Pàrlamaid na h-Alba; airson Rùnaire na h-Alba agus Buidheann Corporra Pàrlamaid na h-Alba mu choinneamh cosgaisean leantainneach co-cheangailte ri rianachd agus ruith Pàrlamaid na h-Alba; pàigheadh airson gnìomhan Àrd Neach-Sgrùdaidh na h-Alba; pàigheadh airson gnìomhan Coimiseanair Sealach Pàrlamaid na h-Alba airson Rianachd; agus cosgaisean sam bith eile co-cheangailte ri Pàrlamaid na h-Alba. Geàrr-Chunntas dhen Chosgais Dheireannach (pdf)
Planadh airson an àm ri teachd Feumaidh a' Phàrlamaid rianachd èifeachdadh agus feumaidh sinn smaoineachadh air an àm ri teachd. Tha beachd shoilleir againn agus aig sgioba na Pàrlamaid air dè an ceann-uidhe a th'againn. Tha an Ceannard agus an sgioba aige air plana riaghlaidh a dhealbh, agus tha sinne air aontachadh ris, a chuidicheas le bhith a' ruighinn a' chinn-uidhe sin anns na beagan bhliadhnaichean a tha romhainn. Tha am plana seo a' comharrachadh na h-amasan is cudthromaiche a tha sinn a cur romhainn ann a bhith ruith na Pàrlamaid. Tha iad mar a leanas:
Tha sinn air amasan deuchainneach a shònrachadh a dh'aona ghnothaich. Tha na h-amasan sin stèidhichte air an tuigse a th'againn air brìth ar cuid obrach agus 'se sin Pàrlamaid èifeachdadh a chuidicheas ann a bhith a' lìbhrigeadh deamocrasaidh agus deagh riaghaltas ann an Alba. Chan eil sinn nar n-aonar ann a bhith sireadh deamocrasaidh agus deagh riaghaltas. Tha sinn mothachail gu bheil pàirt aig mòran eile sa' chùis, eadar Buill fa leth, Stiùireachas na h-Alba, Pàrlamaid Westminster, riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, An t-Aonadh Eòrpach, riaghaltas ionadail, buidhnean poblach agus prìobhaideach, agus, gun a bhith dìo-chuimhneachadh, sluagh na h-Alba fhèin. Bidh sinn a dealbh dhòighean a ni tomhas air an adhartas a tha sinn a' deanamh ann a bhith coilionadh amasan a' phlana sa. Thèid am fiosrachadh a chruinnicheas sinn a chleachdadh airson cunntas a thoirt air an obair againn nuair a sgrìobhas sinn aithisgean bliadhnail anns an àm ri teachd.
Far am faigh sibh fiosrachadh Faodaidh sibh fios
a chur chun na Pàrlamaid le bhith a fònadh gu: Seòladh post-d airson fiosrachadh poblach: sp.info@scottish.parliament.uk Facs airson fiosrachadh poblach: 0131 348 5601 Làrach-lìn - www.scottish.parliament.uk Ma tha ceistean agaibh mu dheidhinn comataidhean sònraichte, cuiribh fios gu Clèireach na Comataidh fhreagarrach aig an t-seòladh seo shuas. Tha liosta de na comataidhean agus na clèirich aca air làrach-lìn na Pàrlamaid (www.scottish.parliament.uk/official_report/cttee.html). Tha Aithisg Bhliadhnail Buidheann Corporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA) ri fhaighinn air an làraich-lìn aig www.scottish.parliament.uk/spcb/spar00-01.html. Gheibhear ceistean Pàrlamaid a fhreagair BCPA air www.scottish.parliament.uk/official_report/pq.html. Bidh stòr-dàta airson ceistean Pàrlamaid ri fhaighinn anns na dha neo tri mhìosan a tha romhainn. Ma tha ceistean sam
bith agaibh mu dheidhinn BCPA no an Aithisg Bhliadhnail seo, cuiribh fios
gu Clèirich BCPA aig an t-seòladh seo shuas. Ma tha ceistean agaibh anns
an fharsaingeachd mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Alba, cuiribh fios air an
t-seirbheis fiosrachaidh phoblach - faicibh ciamar aig bàrr na duilleige
seo no thigibh gu - http://www.scottish.parliament.uk/welcoming_you/contacts.html |