Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
 Home > b > r > ..back
r
E
H
I
J
K
N
O
Q
R
U
V

Reachdas - legislation

am pròiseas leis an tèid laghannan a chruthachadh.

Referendum - referendum

Thathas a cumail referendum an uair a tha an Riaghaltas airson faighinn a-mach dè a tha an dùthaich a' smaointinn mu chuspair sònraichte. Bha an referendum mu dheireadh an Alba mu dheidhinn co-dhiù a bu chòir Pàrlamaid na h-Alba a bhith air a stèidheachadh. Bha a' mhòr-chuid ga h-iarraidh, mar sin chuir Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte bile air adhart agus dh'fhosgail Pàrlamaid na h-Alba air 1 Iuchar 1999.

Riaghaltas - government Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Riaghaltas ionadail - local government

na daoine a tha air an taghadh airson coimhead as dèidh chùisean aig an ìre ionadail.

Riaghaltas na h-Alba – The Scottish Government

Tha am pàrtaidh is soirbheachaile anns an taghadh a' cruthachadh an Riaghaltais, aig a bheil uallach airson raointean poileasaidh cudromach, agus ann a bhi cuir bilean ùra air adhart.

Riochdachadh - representation

Tha riochdachadh a' ciallachadh gu bheil duine ag obair as leth cuideigin eile. Mar eisimpleir, tha na BPA a' riochdachadh luchd-taghaidh roinne-pàrlamaid. Bidh iad a' dèanamh sin ann an iomadach dòigh, leithid a bhith a' cumail fhreastalannan anns na roinnean-pàrlamaid aca far am faigh daoine air an cuid thrioblaidean a thoirt fa comhair, faodaidh iad ceistean fhaighneachd anns a' Phàrlamaid, agus 's dòcha fiù 's laghannan ùra a mholadh gus cùisean atharrachadh. Thathar an dùil gun riochdaich ball a h-uile duine anns an roinn-pàrlamaid aca, co-dhiù a bhòt iad dhaibh neo nach do bhòt.

Riochdachadh co-roinneil - proportional representation

Dòigh cunntais bhòtaichean aig àm taghaidh. Fo shiostam riochdachaidh co-roinneil, tha an àireamh de sheataichean a tha pàrtaidh a' faighinn anns a' Phàrlamaid ceangailte ris a' cheudad de bhòtaichean a fhuair am pàrtaidh anns an taghadh.