p
| Pàrlamaid - parliament |
Is e a th' ann am Pàrlamaid ach buidheann de riochdairean taghte a bhios a deasbad agus a' co-dhùnadh air laghannan ùra. |
| Pàrlamaid na h-Alba - Scottish Parliament |
Choinnich Pàrlamaid na h-Alba airson a' chiad uair ann an 300 bliadhna air 12 Cèitean 1999. Tha e an urra ris a' Phàrlamaid laghannan ùra a dhèanamh a bheir buaidh air sluagh na h-Alba. |
| Pàrtaidhean - parties |
na buidhnean eadar-dhealaichte a tha a' feuchainn ri bhith air an taghadh dhan Phàrlamaid. Tha diofar smuaintean aca air dè a tha cudromach agus dè a nì iad ma thèid an taghadh. An-dràsta, is e na pàrtaidhean a leanas a tha air an riochdachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba: na Làbaraich, Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, na Libearalaich Dheamocratach, Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba, am Pàrtaidh Uaine agus Pàrtaidh Aonaidh nan Seann Daoine. |
| Poileasaidhean - policies |
Na beachdan agus na molaidhean a tha aig na pàrtaidhean airson atharrachaidhean a thoirt air na rudan nach eil a' còrdadh riutha, neo airson a bhi a' leasachadh rudan dha bheil iad a' toirt taic. |
|