Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
 Home > Stòr-fhaclan > ..back
Stòr-fhaclan
A
E
H
I
J
K
N
O
Q
U
V

Àm co-dhùnaidh - decision time

Eu-coltach ri Westminster, far an tèid bhòtaichean a chur aig ceann gach deasbaid, ann am Pàrlamaid na h-Alba tha a' chuid as motha de na bhòtaichean air an gabhail uile gu lèir aig an aon àm aig deireadh gach latha.

An Aithisg Oifigeil - Official Report an cunntas oifigeil dhen h-uile rud a chaidh a ràdh anns a' Phàrlamaid. Thèid a foillseachadh aig 8 uairean sa mhadainn an dèidh gach làn-choinneamh Pàrlamaid. Chithear luchd aithisg oifigeil anns an t-seòmar a' gabhail notaichean den h-uile nì a tha na buill ag ràdh.
An t-Oifigear-riaghlaidh - Presiding Officer

Tha an t-Oifigear Riaghlaidh air ceann chùisean anns a' Phàrlamaid agus tha e a' dèanamh cinnteach gu bheil gnothaichean air an ruith gu h-èifeachdach, air an uair, gu cothromach, air taobh a-staigh na riaghailtean ann an dòigh rianail. Tha dithis Leas-oifigear Riaghlaidh ga chuideachadh.

Athchuinge - petition Ma tha daoine mì-thoilichte mu dheidhinn rudeigin a tha iad airson atharrachadh, faodaidh iad athchuinge a thoirt dhan Phàrlamaid. Tha athchuinge air a dhèanamh suas bho aithris agus liosta de luchd-taice. Tha Pàrlamaid na h-Alba air Comataidh shònraichte a stèidheachadh airson dèiligeadh ri athchuingean.