Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
 Home > Frequently Asked Questions > Ceistean a thčid fhaighneachd gu tric - FAQs 2 > ..back
Ceistean a thčid fhaighneachd gu tric - FAQs 2
Dè an t-eadar-dhealachadh a tha ann eadar Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba?

 

Tha an ceangal a tha eadar Riaghaltas na h-Alba agus Pàrlamaid na h-Alba coltach ris a' cheangal a tha ann eadar Riaghaltas na RA agus Pàrlamaid na RA aig Westminster.

Tha Pàrlamaid na h-Alba air a dèanamh suas le 129 BPA (Buill de Phàrlamaid na h-Alba) gu lèir. Mar a bhios Pàrlamaid na RA, bidh Pàrlamaid na h-Alba a' toirt a-staigh reachdas. Bidh i cuideachd a' sgrùdadh obair agus poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba.

Is e Riaghaltas na h-Alba an riaghaltas ann an Alba airson cumhachdan tiomnaichte. Le Fèin-riaghlaidh, chaidh na cumhachdan agus uallaichean a bha air Ministearan na RA ann an Alba, co-cheangailte ri cumhachdan tiomnaichte, a thoirt do Mhinistearan na h-Alba. Tha a mhòr-chuid de na h-uallaichean a bha roimhe seo air Oifis na h-Alba a-nis mar phàirt de raon-ùghdarrais Riaghaltas na h-Alba.

Thèid Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh suas bhon phàrtaidh no bho na pàrtaidhean aig a bheil a mhòr-chuid de sheataichean anns a' Phàrlamaid. Gu h-iomlan, is e 'Ministearan na h-Alba' a chanas sinn ri buill an Riaghaltais. Tha na Ministearan gu lèir nam BPA. Tha seo a' ciallachadh gu bheil iad nam buill de dhà bhuidheann air leth: Riaghaltas na h-Alba (Ministearan) agus Pàrlamaid na h-Alba (BPA). Airson tuilleadh fiosrachaidh, seallaibh ris an fhaidhle fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba - Uallaichean agus Dleastanasan.



Carson a tha gach cuid BPA agus BP ann agus dè a bhios iad a' dèanamh?

 

Tha 129 Buill de Phàrlamaid na h-Alba (BPA) ann. Bidh BPA a' riochdachadh an luchd-taghaidh aca a thaobh cuspairean a tha tiomnaichte gu Pàrlamaid na h-Alba, mar Fhoghlam, Slàinte agus Àrainneachd.

Tha 72 BP a' riochdachadh Alba ann an Taigh nan Cumantan aig Westminster . Tha e na uallach orrasan a bhith a' riochdachadh an luchd-taghaidh a thaobh cuspairean glèidhte a bheir a-staigh Dìon, Gnothaichean Cèin, Tèarainteachd Nàiseanta agus Cosnadh.

Bu chòir dhut fios a chur gu do BhPA a thaobh cuspairean tiomnaichte agus gu do BhPA a thaobh cuspairean glèidhte. Is urrainn do Sheirbheis Fiosrachaidh a' Phobaill ann am Pàrlamaid na h-Alba dearbhadh dhut a bheil cuspair tiomnaichte no glèidhte.



Ciamar a tha BPA air an taghadh?

 

Is e Dòigh Bhòtaidh Ball a Bharrachd (AMS) a chanas sinn ris an t-siostam-bhòtaidh a chleachdas Pàrlamaid na h-Alba. Is e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a tha ann an AMS. Tha seo a' ciallachadh gu bheil an roinn de sheataichean a gheibh gach pàrtaidh mar chomharra air an ìre de thaic a tha aca bho luchd-bhòtaidh.

Aig taghadh Pàrlamaid na h-Alba tha dà bhòt aig gach neach-bhòtaidh. Leis a' chiad bhòt, nì luchd-bhòtaidh roghainn eadar tagraichean a tha a' seasamh anns an sgìre-phàrlamaid aca fhèin. Is e an tagraiche a gheibh an àireamh an motha de bhòtaichean a bhuannaicheas an t-seat. Tha 73 BPA a' riochdachadh sgìrean-phàrlamaid.

Is ann airson pàrtaidh poileataigeach a tha an dara bhòt, no airson tagraiche a tha a' seasamh fa-leth, taobh a-staigh roinn-taghaidh nas motha air ainmeachadh mar Roinn Pàrlamaid na h-Alba. Tha 8 Roinnean Pàrlamaid na h-Alba ann. Tha 7 seataichean a bharrachd anns a' Phàrlamaid aig gach roinn. Taobh a-staigh gach roinn, thathas a' riarachadh do gach pàrtaidh seataichean a bharrachd a rèir àireamh nan seataichean sgìre-pàrlamaid a bhuannaich iad. Is e Buill Roinneil a chanar ris na buill a chaidh a thaghadh airson na 56 seataichean a bharrachd a tha sin.

Bidh aon BPA sgìre-pàrlamaid agus 7 BPA roinneil aig gach neach-bhòtaidh. Tha inbhe co-ionnan aig a h-uile BPA anns a' Phàrlamaid.



Dè na co-dhùnaidhean a thàinig bho thaghadh 1999 gu Pàrlamaid na h-Alba?

 

Feuch an seo airson na co-dhùnaidhean iomlan a rèir sgìre-taghaidh , agus a rèir roinn-taghaidh.



Cò a tha gam riochdachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba agus ciamar a gheibh mi fios thuca?

 

Tha gach duine ann an Alba air a riochdachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba le:

  • Aon BhPA sgìre-phàrlamaid, airson na sgìre ionadail aca, agus
  • Seachd BPA roinneil

Faodaidh tu do chòd-puist a chleachdadh gus fiosrachadh mu do BhPA roinn-phàrlamaid agus roinneil fhaighinn a-mach

Le bhith a' gliogadh air ainm BPA bheir e thu chun na duilleig beath-eachdraidh aca, far a bheil làn-fhiosrachaidh mun deidhinn

Mur a h-eil thu cinnteach a thaobh do chòd-puist faodaidh tu inneal-lorg còd-puist a' Phuist Rìoghail a chleachdadh.



Ciamar a gheibh mi a-mach mar a bhòt BPA ann an deasbad sònraichte?

 

Gheibhear fiosrachadh a thaobh mar a bhòt BPA, a bharrachd air na chaidh a ràdh ann an deasbadan, ann an Aithisg Oifigeil Pàrlamaid na h-Alba. Bidh a' mhòr-chuid de bhòtadh a' dol air adhart, chan ann aig àm an deasbaid, ach aig Àm Co-dhùnaidh an latha sin. Tha Àm Co-dhùnaidh air ainmeachadh anns an Aithisg Oifigeil gach latha. Dh' fhaodadh gum bi thu airson an inneal rannsachaidh a chleachdadh, far am gabh sgrùdadh a dhèanamh air an Aithisg Oifigeil a-mhàin.



Co mheud BPA a tha ann agus dè na Pàrtaidhean anns a bheil iad?

 

Tha 129 BPA ann gu lèir, a' toirt a-staigh 73 BPA Sgìre-phàrlamaid agus 56 BPA Roinneil. Faodaidh tu faighinn a-mach co mheud seat a tha aig gach pàrtaidh poileataigeach an dràsta le bhith a' sgrùdadh duilleag 'Staid nam pàrtaidhean' anns an iris sheachdaineil WHISP (Dè a tha a' tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba).



Ciamar a gheibh mi a-mach mu phoileasaidhean agus mu Mhinistearan?

 

Tha na Ministearan gu lèir nam buill de Riaghaltas na h-Alba, a tha a' riaghladh Alba air cuspairean tiomnaichte. Is ann air Riaghaltas na h-Alba, an àite Pàrlamaid na h-Alba, a tha an t-uallach a thaobh nam poileasaidhean a bhios Ministearan a' cur air adhart. Airson fiosrachadh mu Mhinistearan, raoin-ùghdarrais agus mu phoileasaidhean bu chòir dhut fios a chur gu Aonad Iarrtais Riaghaltas na h-Alba (Fòn: 0131 556 8400), no seall ri làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.



Dè a th' ann am Fèin-riaghlaidh?

 

Is e Fèin-riaghlaidh a bhith a' gluasad thairis cumhachdan bho bhuidheann anns a' mheadhain gu fo-bhuidhnean roinneil. Tha Pàrlamaid na RA aig Westminster air cumhachdan diofraichte a ghluasad thairis gu trì buidhnean: Pàrlamaid na h-Alba, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh agus Seanadh Èirinn a-Tuath.

Bha ullachadh ann an Achd na h-Alba 1998 airson "Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh". Fo bhriathran na h-Achd, tha e comasach do Phàrlamaid na h-Alba reachdas a thoirt a-staigh a bheir buaidh air Alba a thaobh raon de chuspairean. Tha an Achd cuideachd a' toirt cumhachd do Phàrlamaid na h-Alba ìre bunaiteach na cìs chosnaidh àrdachadh no a lughdachadh suas ri ìre 3 sgillinn san not. Am measg cuid de na cuspairean a tha tiomnaichte gu Pàrlamaid na h-Alba tha Foghlam, Slàinte (a' toirt a-staigh an NHS ann an Alba), Àiteachas agus Ceartas. Tha na cuspairean iomlan mum faod Pàrlamaid na h-Alba reachdas a chur air adhart air an ainmeachadh mar "chuspairean tiomnaichte".

Tha Achd na h-Alba cuideachd ag ainmeachadh cuspairean sònraichte mu nach fhaod Pàrlamaid na h-Alba reachdas a chur air adhart. Tha iadsan air an ainmeachadh mar "chuspairean glèidhte". Am measg chuspairean glèidhte tha Gnothaichean Cèin, Dìon agus Tèarainteachd Nàiseanta.



Dè an ceann-latha air an deach Pàrlamaid na h-Alba a chruthachadh?

 

Tha grunn chinn-latha cudthromach ann an cruthachadh Pàrlamaid na h-Alba. Mar thoradh air an Referendum a chaidh a chumail air 11 Sultain 1997 thàinig mòr-chuid shoilleir airson an dà mholadh a thaobh a bhith a' cruthachadh Pàrlamaid na h-Alba le cumhachdan airson cìsean atharrachadh, agus thug sin dearbhadh do riaghaltas na RA reachdas a chur air adhart trom biodh e comasach Pàrlamaid na h-Alba a chruthachadh. Mar thoradh air an seo thàinig Achd na h-Alba 1998 a fhuair Aonta Rìoghail air 19 Samhain 1998. Bha solarachadh anns an Achd airson "Pàrlamaid na h-Alba a chruthachadh", agus thug e cumhachd do Rùnaire na Stàite airson Alba a thighinn gu co-dhùnadh a thaobh ceann-latha a' chiad taghaidh.

Chaidh a' chiad taghaidhean gu Pàrlamaid na h-Alba air adhart air 6 Cèitean 1999 agus thòisich coinneamhan na Pàrlamaid leis a' chiad suidhe air 12 Cèitean 1999. Aig an t-àm suidhe seo, bha cothrom aig na BPA am bòid dhìlseachd a ghabhail no dearbhadh shòlaimte a dhèanamh agus an t-Oifigear-riaghlaidh agus dà Leas-oifigear Riaghlaidh a thaghadh. Chaidh a' Phàrlamaid fhosgladh gu h-oifigeil leis a' Bhànrigh air 1 Iuchar 1999 agus ghabh i an làn-chumhachdan air a' cheann-latha seo.



Dè as urrainn Pàrlamaid na h-Alba a dhèanamh?

 

Is iad seo prìomh dleasdanasan na Pàrlamaid:

  • Riaghaltas na h-Alba a chumail cunntachail tro cheistean sgrìobhte agus bheòil, agus le bhith a' sgrùdadh na poileasaidhean aca anns na comataidhean
  • Reachdas a thoirt a-staigh a thaobh cuspairean tiomnaichte le bhith a' sgrùdadh, ag atharrachadh agus a' bhòtadh air Bilean
  • A bhith a' deasbad chuspairean cudthromach an latha (gheibhear cunntas de gach nì a bhithear ag ràdh, cha mhòr facal air an fhacal, ann an coinneamhan na làn-Phàrlamaid anns an Aithisg Oifigeil )
  • Rannsachaidhean a chumail agus aithisgean fhoillseachadh.

Tha cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba an ìre bhunaiteach den chìs chosnaidh àrdachadh no a lughdachadh gu ìre 3 sgillinn 'sa not.



Ciamar a tha Pàrlamaid na h-Alba a' Dèanamh reachdas?

 

Anns an roinn seo gheibhear ceanglaichean gu fiosrachadh air Bilean agus adhartas reachdais. Gheibhear mìneachadh nas mionaidiche a thaobh nan dòighean-obrach ann an stiùireadh mu Bhilean.

Faodar Bilean a thoirt air adhart anns a' Phàrlamaid ann an dòighean eadar-dhealaichte:

  • Is e Ministear a bheir Bilean Riaghaltais air adhart anns a' Phàrlamaid. Gheibhear pàipearan conaltraidh, dreachdan de Bhilean Riaghaltais agus na cinn-làithean airson a bhith a' cur fianais a-staigh air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.
  • Is e neach-gairm comataidh a bheir Bilean Comataidh air adhart agus dh' fhaodar seo leantainn air rannsachadh comataidh a thaobh feum reachdais ann an raon sònraichte.
  • Bilean Bhall: faodaidh ball sam bith nach eil na bhall den Riaghaltas Bile Ball a mholadh. Tha am moladh seo air a chlò-bhualadh ann an Earrann G den Iris Gnothach ean airson mìos. Ma gheibh e taic bho 11 BPA eile, faodaidh am BPA Bile a chur air adhart gus sin a chur an gnìomh aig àm sam bith tron t-seisean 4-bliadhna. Tha liosta den h-uile Bile Ball air fhoillseachadh. Bu chòir iarrtas sam bith mu Bhile Ball ri mholadh mus tèid a chur air adhart a chur gu oifis a' Bhuill iomchaidh.
  • Faodaidh duine sam bith (nach eil na BhPA) no buidheann sam bith ('neach-àrdachaidh') Bilean Prìobhaideach a chur air adhart.

Cho luath 's a thèid Bile a chur air adhart, tha e fo smachd Pàrlamaid na h-Alba. Faodar lethbhreacan clò-bhuailte a cheannach bho Oifis na Stàiseanaireachd (TSO) no sealltainn riutha ann an Leabharlann Com-pàirtiche. Bidh Bilean cuideachd a' nochdadh ann an dreach .pdf air an làrach-lìn. Nuair a chuirear Bilean air adhart, feumaidh grunn phàipearan-taic a bhith nan cois a nochdas taobh ri taobh teacs a' Bhile.

Mar as àbhaist bidh cùrsa Pàrlamaideach Bile a' toirt a-staigh trì ìrean:

  • Ìre 1 - beachdachadh air prionnsabalan coitcheann a' Bhile le comataidh(ean) Pàrlamaideach, agus deasbad orrasan leis a' Phàrlamaid
  • Ìre 2 - mion-bheachdachadh air a' Bhile le comataidh(ean) Pàrlamaideach. Ro gach latha a thèid beachdachadh air a' Bhile anns a' chomataidh, ullachaidh na clàrcan Liosta Chruinn de dh' atharrachaidhean a nochdas fon Bhile
  • Ìre 3 - beachdachadh deireannach air a' Bhile leis a' Phàrlamaid agus co-dhùnadh am bu chòir dhi aontachadh ris no nach bu chòir. Nochdaidh am Bile mar a chaidh atharrachadh aig Ìre 2 agus an Liosta Chruinn mu dheireadh de dh' atharrachaidhean air an làrach-lìn no faodar a cheannach bho Oifis na Stàiseanaireachd

An dèidh do Bhile aonta fhaighinn agus Aonta Rìoghail fhaighinn, bidh e na Achd Pàrlamaid na h-Alba, agus nochdaidh e air làrach-lìn HMSO. Faodar Achdan a cheannach cuideachd bho TSO agus mar as trice bidh iad rim faighinn taobh a-staigh seachd latha bho fhuair iad Aonta Rìoghail.

Chan fheum a h-uile pàirt de dh' Achd tòiseachadh (a thighinn gu buil) an dèidh Aonta Rìoghail. Faodaidh an Achd ag ràdh cuin a thig i bu buil no gum bidh an ceann-latha (no cinn-latha, ma tha diofar phàirtean gu bhith a' tighinn gu buil aig diofar amannan) air ainmeachadh le Ministearan na h-Alba. Bu chòir iarrtasan a thaobh amannan tòiseachaidh a chur gu Riaghaltas na h-Alba.



Càite a bheil Pàrlamaid na h-Alba stèidhichte?

 

Tha obair Pàrlamaid na h-Alba a' dol air adhart fhad 's a tha i a' feitheamh gus am bi an dachaigh maireannach aice aig Taigh an Ròid deiseil. Tha a' Phàrlamaid an-dràsta a' cleachdadh diofar thogalaichean air feadh meadhan Dhùn Èideann ach stèidhichte gu sònraichte air Mìle Rìoghail Dhùn Èideann. Aig an àm seo, tha Seòmar na Pàrlamaid ann an Talla an t-Seanaidh, Eaglais na h-Alba.



An urrainn dhomh tadhal air Pàrlamaid na h-Alba?

 

Is urrainn do dhuine sam bith a thighinn a dh' fhaicinn a' Phàrlamaid. A rèir mar a bhios gnothaichean Pàrlamaideach, is urrainn do luchd-tadhail:

Tha am Mìosachan Pàrlamaideach air an duilleag dè a tha a' dol . Tha e a' sònrachadh na cinn-latha nuair nach coinnich a' Phàrlamaid agus na comataidhean. Tha e cudthromach a bhith mothachail mu na cinn-latha sin ma tha thu airson deasbad fhaicinn no bhith a' faicinn comataidh ag obair.



Ciamar a gheibh mi a-mach mu chothroman obrach taobh a-staigh Pàrlamaid na h-Alba?

 

Tha Cothroman Obrach taobh a-staigh Pàrlamaid na h-Alba air an liostadh air an làrach-lìn gach uair a bhios dreuchd ùr ri fhaighinn. Bidh sanasan cuideachd anns na pàipearan-naidheachd. Tha e an urra ri BPA an luchd-rannsachaidh agus luchd-obrach roinn-phàrlamaid aca fhèin fhastadh, agus tha siostam eadar-dhealaichte ann airson seo - faodaidh tu fios a chur gu pàrtaidhean no buill fa-leth.



Chuala mi gun do rinn BPA aithris - càite am faigh mi lethbhreac dheth?

 

  • Tha an Aithisg Oifigeil na h-aithisg de dh' aithrisean a tha cha mhòr facal air an fhacal de na thuirt BPA ann an gnothaichean Pàrlamaid na h-Alba san t-seòmar deasbaid agus anns na comataidhean aca.
  • Gheibhear aithrisean bho BPA a' riochdachadh na Pàrlamaid no comataidh ann am fiosan naidheachd
  • Gheibhear aithris sam bith bho Mhinistear, a bharrachd air na chaidh ag ràdh ann an coinneamh Pàrlamaid, le bhith a' cur fios gu Riaghaltas na h-Alba.
  • Ma rinn BPA aithris sam bith taobh a-muigh na Pàrlamaid, cha bhi iomradh air an seo idir air làrach-lìn na Pàrlamaid. Ma tha làrach-lìn aig BPA dhaibh fhèin bu chòir sealltainn ris - gheibhear seòlaidhean làraich-lìn air duilleagan eachdraidh BPA, no dh' fhaodadh tu sealltainn ri làraich-lìn buidhnean naidheachd iomchaidh.


Ciamar a gheibh mi a-mach dè a tha a' dol air adhart ann am Pàrlamaid na h-Alba?

 

Tha prògram gnothach na pàrlamaid (a dh' fhaodadh atharrachadh) air ullachadh eadar seachdain agus dà sheachdain ro làimh. Gheibhear fiosrachadh mun