The Scottish Parliament logo
spacer.gif (41 bytes)Air ais
spacer.gif (41 bytes)

Gairm-fhianais

CENV002g/2003

Diciadain 8 an Dàmhair 2003

 

CO-CHOMHAIRLEACHADH MU BHILE GLÈIDHTEACHAIS NÀDAIR (ALBA)

 

Thug Comataidh na h-Àrainneachd agus Leasachaidh Dhùthchail aig Pàrlamaid na h-Alba gairm-fhianais an-diugh gus beachdan fhaighinn bho dhaoine mu phrionnsabalan coitcheann Bile Glèidhteachais Nàdair (Alba).

'S e amas a' Bhile atharrachadh a dhèanamh air an lagh mu thrì rudan ceangailte ri glèidhteachas nàdair. Tha am Bile a' cur uallach ùr air buidhnean poblach san fharsaingeachd gleidheadh bith-eugsamhlachd a chur air adhart. Tha e cuideachd mar amas aige an dòigh anns am bi làraichean annasach na h-èolaidheachd gan dìon a dhèanamh nas fheàrr agus ceumannan ùra thoirt a-steach gus gnèthean sònraichte a dhìon agus gus aghaidh a chur air eucoir fiadh-bheatha.

Bu mhath le Comataidh na h-Àrainneachd is Leasachaidh Dhùthchail beachdan sgrìobhte fhaighinn mu ghnothaichean ag èirigh à Bile Glèidhteachais Nàdair (Alba), mar a chaidh a thoirt a-steach. Tha an stuth air fad a chruinnich an Riaghaltas ann an co-chomhairleacahdihdhean cheana aig a' Chomataidh agus tha i a' sireadh barrachd bheachdan air a' Bhile mar a chaidh a thoirt a-steach.

A bharrachd air beachdan air a' Bhile san fharsaingeachd, tha a' Chomataidh a' sireadh fhreagairtean air cuid de phrìomh chuspairean a' Bhile, a tha air an cuir sìos gu h-ìseal:

Cuid 1 den a' Bhile: Dleastanas a chur air buidhnean poblach san fharsaingeachd gleidheadh bith-eaugsamhlachd a chur air adhart:

• A bheil ìre is buaish an dleastanais soilleir?
Cuid 2 den a' Bhile: Atharrachaidhean air an t-suidheachadh a th' ann an-dràsta gus làraichean annasach a thaobh na h-eòlaidheachd a stèidheachadh agus a dhìon:
• A bheil na h-atharrachaidhean a thathar a' moladh mu shuidheachadh nan làraichean seo a' dol gu freagarrach a rèir laghan eile san raon seo, gach cuid ig an taigh is anns an Roinn-Eòrpa?
• An ruig na molaidhean air an amas a thathar air a chur an cèill gum bi barrachd com-pàirteachaidh bho luchd-seilbh agus gum bi an dòigh sam bi na làraichean gan rianachd nas fhaicsinniche agus nas fhasa ruigsinn?
• A bheil na molaidhean a' dèanamh cothromachaidh eadar cùram a' phobail agus cùram luchd-rianachd fearainn?
• A bheil na riaghailtean ùra mu Rianachd-Fearainn agus Òrduighean Glèidhteachais Nàdair iomchaidh?
• A bheil na molaidhean a' toirt gu leòr brosnachaidh do rianadairean fearainn ceumannan rianachd deimhinneach a ghabhail?
• A bheil an eucoir agus na peanasachaidhean air a bheil tarraing anns a' Chuid seo den a' Bhile air am mìneachadh gu h-iomchaidh agus gu soilleir? A bheil an ìre dham beil còir agairt do Chùirt an Fhearainn an Alba freagarrach?
Cuid 3 den a' Bhile: Leudachadh is leasachadh air an lagh mu dhìon eunlaith, ainmhidhean is palnndrais le bhith ag atharrachadh nan uallchaidhean a th' ann an-dràsta ann an Achd na Fiadh-Bheatha 's Aghaidh na Dùthcha 1981:
• A bheil eucoir agus na peanasachaidhean a tha air an cur sìos ann an Cuid 1 den a' Bhile air am mìneachadh gu h-iomchaidh is gu soilleir?
• A bheil an t-ùghdarras a thathar a' toirt dhan a' phoileas is do luchd-sgrùdaidh fiadh-bheatha air a mhìneachadh gu h-iomlan is gu soilleir?
• A bheil ullachaidhean a' Bhile a' toirt dìon gu leòr do ghnèthean a tha ainneamh agus ann an cunnart?
• A bheil na h-ullachaidhean mu chleachdadh ribean a' dèanamh cothromachaidh eadar cùram lcud-rianachd fearainn agus luchd-taice bheathaichean?
• A bheil na h-atharrachaidhean a thathar a' moladh do Achd 1981 a' dol gu freagarrach a rèir laghan eile san raon seo, gach cuid aig an taigh agus san Roinn-Eòrpa?

Cùisean eile: Bu mhath leinn cuideachd beachdan fhighinn air a' mheòmhrachan-phoileasaidh agus air a' mheòrachain-mhaoineachaidh an lùib a' Bhile:

Dè cho cuideachail agus a tha na meòmhrachain seo dhuibh?

A bheil am meòrachan-poileasaidh a' leagail a-mach gu soilleir (ann an earrannn 49 – 56) buaidh a' Bhile air gnothaicheam mar leasachadh buan is riaghladh ionadail?

A bheil a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig a' Bhile air gnothaichean maoineachaidh soilleir gu leòr?
Cuideachd, a bheil beachdan sam bith agaibh mun a' cho-chomhairleachadh a tharraing Riaghlats na h-Alba a-mach mus deach am Bile thoirt a-steach?

Thèid gabhail ri freagairtean mar sgrìobhainn phoblach, nas lugha na gu bheil luchd-fianais ga dhèanamh soilleir nuair a tha iad a' cur bheachdan a-steach nach eil iad ag iarraidh gun tèid am foillseachadh no an sgaoileadh gu poblach. Thèid a h-uile freagairt a chur fa chomhair na Comataidh air fad.

Cha bu chòir fianais sam bith a chur a-steach nas anmoiche na Diardaoin 20 an t-Samhainn 2003. Thèid gabhail ri freagairtean anmoch dìreach le cead bho Chlèireach na Comataidh.

CÙL-FHIOSRACHADH

Seach gur dòcha gun tèid beachdan sgrìobhte a bhith air am foillseachadh, bhiodh e na chuideachadh nam b' urrainn dhuibh an cur tro phost-dealain gu: ERDC@scottish.parliament.uk

Ma tha coimpiutair agaibh, ach tha sibh gun phost-dealain, faodaidh sibh ur freagairtean a chur thugainn air diosc 3½" ann an Word 97. Mura tèid agaibh air post-dealain no diosc a chleachdadh, feumaidh ur beachdan a bhith air an clò-sgrìobhadh. Cha bu chòir gum biodh freagairtean nas fhaide na ceithir duilleagan A4. 'S ann le Parlamaid na h-Alba a bhios na freagairttean gu lèir agus chan urrainn dhuinn freagairtean a chur air ais.

Bu chòir beachdan ann an cruth cruaidh a chur gu:

Catherine Johnstone
Seòmar 3.5
Seòmraichean nan Comataidhean
Pàrlamaid na h-Alba
DÙN ÈIDEANN 1SP.

 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, se oifigear nam meadhanan:

Eric MacLeod: 0131 348 5389
Post-dealain: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Ceistean mu fhiosrachadh a' phobaill gu: Sarah Gundry air 0131 348 5401 no air 0845 278 1999 (ìre ionadail)

Fòn-teacsa: 0131 348 3415 fònaichean Typetalk RNID
post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk

Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig


Air ais