Raon-ùghdarrais agus Ballrachd
Raon-ùghdarrais:
Beachdachadh air agus cunntas a thoirt seachad air gnothaichean
a' buntainn ri foghlam sgoile agus ro-sgoile a tha a' tighinn
fo ùghdarras Ministear an Fhoghlaim, na Roinn Eòrpa
agus Chùisean Taoibh A-muigh; agus air gnothaichean a'
buntainn ris na h-ealain, cultar agus spòrs a tha a'
tighinn fo ùghdarras Ministear na h-Àrainneachd,
an Spòrs agus a' Chultair.
Ballrachd:
|
Karen Gillon (Neach-gairm)
|
Jackie Baillie1
|
|
Iain Jenkins
|
Mgr Frank McAveety(Leas Neach-gairm)2
|
|
Irene NicGhugain
|
Brian Monteith
|
|
Cathy Peattie (Leas Neach-gairm)3
|
Mìcheal Russell
|
Clàrcan na Comataidh:
Màrtainn Verity
Judith Evans4
Iain Cowan
Tha a' Chomataidh a' toirt cunntas don Phàrlamaid mar
a leanas -
Ro-ràdh
1. Anns an Fhaoilleach 2001 dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim,
a' Chultair agus an Spòrs Mìcheal Russell ainmeachadh
mar Neach-aithris gus rannsachadh a dhèanamh air an adhartas
a tha Comataidh Craolaidh Gàidhlig air a dhèanamh
thuige seo.
2. A' leantainn air a' chiad aithisg aig Mìcheal Russell5,
dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim, a' Chultair agus an Spòrs
fianais sgrìobhte a ghabhail agus èisteachd a
thoirt do luchd-fianais ann an seisean Comataidh agus aithisg
a thoirt seachad air an rannsachadh aca anns a' chairteal mu
dheireadh de 2001.
3. 'S e raon-ùghdarrais an rannsachaidh `sgrùdadh
a dhèanamh air adhartas Comataidh Craolaidh Gàidhlig
gu ruige seo, a' gabhail a-steach:
- a' bhuaidh eaconamach, shòisealta agus chultarach
aig an obair agus caitheamh airgid aice;
- a' bhuaidh air an luchd-amhairc agus a' choimhearsnachd;
- a' bhuaidh air leasachadh na Gàidhlig, na h-ealain
Ghàidhlig agus air foghlam; agus
- am frèam reachdais, maoineachaidh agus obrachaidh
anns a bheil a' Mhaoin ag obair, gu h-àraid as dèidh
aithisg Comataidh Mhilne.'
4. Chaidh an raon-ùghdarrais aontachadh leis a' Chomataidh
as dèidh còmhraidhean le Stiùiriche na
CCG agus as dèidh dhan Stiùiriche conaltradh a
dhèanamh leis a' Bhòrd aige. Chaidh an raon-ùghdarrais
a dhealbhadh airson rannsachadh farsaing a thoirt gu buil aig
an robh buntainneas ri leasachadh craolaidh na Gàidhlig,
agus airson a' Mhaoin
a chuideachadh le bhith dèanamh cinnteach gu robh an
obair aice fosgailte ri sgrùdadh a' phobaill.
5. Tha còig earrannan anns an aithisg seo, mar a leanas
-
- A' coimhead ris an t-suidheachadh ionmhais agus cuid dheth
na cùisean obrachaidh a th' aig an CCG an dràst.
- A' beachdachadh air an adhartas a chaidh a dhèanamh
gus coinneachadh ri amasan is cuimsean an CCG.
- A' sgrùdadh chùisean sònraichte a
chaidh an togail leis an rannsachadh.
- A' moladh slighe air adhart a' gabhail a-steach Aithisg
Mhilne agus an fhianais a chaidh a thoirt dhan Chomataidh.
- Geàrr-chunntas air co-dhùnaidhean agus molaidhean
na h-aithisg.
CAIBIDEAL 1: MAOIN CRAOLADH NA GÀIDHLIG
- BUN-FHIOSRACHADH AGUS CÙISEAN OBRACHAIDH AN DRÀST.
Stèidheachadh
6. Thug am Pàipear Geal air Craoladh 1978 iomradh air
cho cudromach 's a bha craoladh na Gàidhlig ann am paragraf
58: "Tha àite cudromach aig craoladh anns an obair
gus Gàidhlig agus Cuimris, agus na cultairean sònraichte
aca, a chumail beò...".
7. Ann an Achd a' Chraolaidh 1981 Earrann 4 (1) (d)
chaidh a chur mar dhleastanas air an Ùghdarras Craolaidh
Neo-eisimeileach (IBA) dèanamh cinnteach, cho fada 's
a ghabhadh, nuair a bha "cànan eile a thuilleadh
air Beurla ga bruidhinn gu cumanta" gun rachadh "ùine
fhreagarrach sa chànan sin" a chraoladh. As dèidh
comhairle fhaighinn bho Chomataidh Comhairleachaidh Albannach
an IBA, thòisich Telebhisean na h-Alba agus Telebhisean
Grampian a' craoladh 30 mionaidean san t-seachdain de Ghàidhlig,
a' gabhail a-steach iomlaid phrògraman eadar an dà
chompanaidh.
8. Chaidh Maoin Telebhisean na Gàidhlig agus Comataidh
Telebhisean Gàidhlig a stèidheachadh le Achd a'
Chraolaidh 1990 Earrannan 183 agus 184, agus Pàipear-taice
19.
9. Bha aig an Riaghaltas ri airgead a phàigheadh don
Choimisean Telebhisean Neo-eisimeileach (ITC) airson a chur
ris a' mhaoin air am biodh Maoin Telebhisean na Gàidhlig
mar ainm ('a' Mhaoin') - Earrann 183(2).
10. 'S e a' bhuidheann air an robh Comataidh Telebhisean Gàidhlig
mar ainm a bhiodh a' riaghladh na Maoin, buidheann chorporra,
leis an t-seula aice fhèin - Earrann 183(3) agus Pàipear-taice
19, Para 1 agus 9.
Achd a' Chraolaidh 1996
11. Fo Achd a' Chraolaidh 1996, Earrann 95 agus Pàipear-taice
10, Earrann 26, fhuair Maoin Telebhisean na Gàidhlig
ainm ùr mar Mhaoin Craolaidh na Gàidhlig agus
fhuair a' Chomataidh Telebhisean Gàidhlig ainm ùr,
a' Chomataidh Craolaidh Gàidhlig (CCG). Chuireadh na
h-atharrachaidhean seo an gnìomh bho 1 Giblean 1997.
Maoineachadh
12. Tha aig an Riaghaltas ri suim a phàigheadh don ITC
a thèid don Mhaoin airson gach bliadhna ionmhasail bho
1mh Giblean 1992 - Earrann 183(1). 'S e an t-suim "uiread
's a shaoileas Rùnaire na Stàite, le aonta Roinn
an Ionmhais, a tha freagarrach".
13. Bho 1992-3 gu 2000-01 choidh £88.648 millain not a
chosg uile gu lèir.
14. Bu chòir a mhothachadh nach deach an t-suim a tha
air tha air chothrom don Mhaoin an àirde a rèir
atmhorachd phrìsean agus gu dearbh, gun deach a gearradh
barrachd air aon turas. Nam biodh a' Mhaoin ceangailte ri atmhorachd
phrìsean, bhiodh luach £11,755,553 gach bliadhna
ann a-nis agus tha an CCG glè cheart dèanamh soilleir
san fhianais aca gu bheil dìth cheangal ri atmhorachd
a' ciallachadh nach eil an CCG air na h-uiread 's bu mhiann
leotha a choileanadh. Tha fàilte ga chur air an naidheachd
bho Mhinistear na Gàidhlig san Dàmhair 2001 gun
rachadh £450,000 a bharrachd a chur ris a' Mhaoin oir seo
a' chiad fhìor àrdachadh a tha air tachairt ann
an grunn bhliadhnaichean.
Caitheamh na Maoin
15. Tha na feuman a dh' fhaodas a' Chomataidh a dhèanamh
den Mhaoin air am mìneachadh ann an Earrann 183(4) de
Achd 1990 mar a chaidh an atharrachadh le Earrann 95 de Achd
1996, mar a leanas:
- maoineachadh Dèanamh Phrògraman Telebhisean
ann an Gàidhlig
- meudachadh roghainn agus leasachadh ìrean feabhais
nam Prògraman Claistneachd Gàidhlig a
tha gan craoladh airson luchd-èisteachd an Alba.
- maoineachadh Trèanadh dhaoine a tha ag obair
an lùib phrògraman den leithid
- adhbharan eile a' buntainn ri dèanamh phrògraman
den leithid
- maoineachadh Rannsachadh air na seòrsachan
phrògraman telebhisean agus prògraman claistneachd
Gàidhlig a tha muinntir na Gàidhlig ag iarraidh.
16. Faodaidh a' Chomataidh cumhaichean sam bith a thogras iad
a chur air tabhartasan bhon Mhaoin - Earrann 183(5).
17. Anns an obair aca a' dìol thabhartasan bhon Mhaoin,
feumaidh a' Chomataidh dèanamh cinnteach gun tèid
raon farsaing de shàr phrògraman a chraoladh do
mhuinntir na h-Alba. Ach, chan eil an Achd a' toirt cead dhan
Chomataidh prògraman a choimiseanadh - Earrann 183(6).
Agus chan e craoladair a th' anns a' Chomataidh a bharrachd.
Cumhachdan Reachdail
18. A thuilleadh air obair riaghlaidh na Maoin, mar a chaidh
a mhìneachadh ann an Achd 1990 Earrann 183, tha a' chumhachd
aig a' Chomataidh, mar bhuidheann reachdail, gnìomhan
agus gnothaichean-malairt a choileanadh a bhuineas ri neo a
chuidicheas an obair seo, a rèir Achd 1990 - Pàipear-taice
19. Para 1(3).
Cuimsean na Maoin
19. Shaoil a' Chomataidh gum biodh e furasta bun-chuimsean
obair na Maoin aithneachadh agus gun toireadh seo seachad tuigse
na b' fheàrr air ciamar a chaidh an t-airgead aice a
chaitheamh agus air a' bhuaidh a bha aig an seo. Ach, tha e
coltach gur e dleastanas toinnte a tha a' Chomataidh a' feuchainn
ri leantainn, agus fear a tha ga mhìneachadh ann an iomadh
dòigh eadar-dhealaichte, gu h-àraid a thaobh dè
bu chòir a bhith a' faighinn prìomhachas bhon
Mhaoin. Tha a' Chomataidh ag aontachadh le beachd Raibeart Dunbar,
a thug seachad fianais sgrìobhte: 'shaoileadh duine gum
biodh an fheallsanachd airson seirbheis craolaidh Ghàidhlig
gu math sìmplidh, ach tha mise den bheachd nach eil,
agus nach deach beachdachadh ceart a dhèanamh air a'
ghnothach bhunasach, thoinnte seo.'
20. 'S e aon de na prìomh adhbharan airson cùisean
a bhith toinnte gu bheil an reachdas a stèidhich an CCG
a' dèanamh sgaradh eadar coimiseanadh phrògraman
agus maoineachadh. Cha bhi an CCG a' coimiseanadh phrògraman
- sin obair nan companaidhean telebhisean agus tha e ceart gun
cùm iad smachd air nàdar agus susbaint nam prògraman
aca fhèin. Bidh an CCG a' maoineachadh nam prògraman
a tha craoladairean deònach a choimiseanadh.
21. Tha mòran dhuilgheadasan an lùib an dòigh
sa bheil rèiteachadh cho toinnte ag obair. Tha tùs-chothrom
aig na companaidhean ann a bhith gan coimiseanadh fhèin
neo na fo-chompanaidhean riochdachaidh aca, agus an uairsin
a' sireadh taic-airgead bhon CCG. Ach air an laimh eile, tha
dà bhacadh fa chomhair nan companaidhean riochdachaidh
neo-eisimeil, agus glè thric tha e air a bhith duilich
ceumannan na slighe maoineachaidh a cho-òrdanachadh do
chompanaidhean neo-eisimeileach gus nach fulaing iad cus dàil
agus cosgais.
22. Tha na duilgheadasan obrach seo - a tha nam fìor
bhacadh air cinn-uidhe na h-Achd a ruighinn - gan cur am meud
leis a' mhì-chinnt a th' ann mu dheidhinn prìomh
adhbhar na Maoin.
23. Tha cuid de phrìomh bhuidhnean agus daoine fa-leth
den bheachd gur e prìomh adhbhar na Maoin gun cuidich
i leasachadh agus brosnachadh na Gàidhlig, ach nach eil
ann an craoladh ach seòl airson seo a thoirt gu buil.
Thuirt Comann an Luchd Ionnsachaidh Clì gu bheil e 'riatanach
gum bi poileasaidhean CCG air an stèidheachadh agus air
an treòrachadh a reir prionnsabalan planaidh cànain,
mura a bheil an t-airgead a thèid a chosg air programan
gu bhith air a thilgeil air fasanan is proiseactan gun tairbhe
leantainneach dhan chànan fhèin.' - puing air
an do leudaich an neach-iomairt Wilson MacLeòid nuair
a thuirt e ann am fianais sgrìobhte `Tha mi a' creidsinn
gur e a' chiad, gu dearbh an aon cheist a bu chòir foighneachd
mu dheidhinn prògram sam bith `ciamar a chuidicheas seo
le ath-bheòthachadh na Gàidhlig agus ciamar a
bhrosnaicheas e cleachdadh na cànain?'
24. Tha daoine eile, ge-tà, a' faicinn na Maoin dìreach
mar stòras airgid airson craolaidh, agus nach eil e gu
suim mhòr sam bith gu bheil na prògraman anns
a' Ghàidhlig. Tha Pròiseact Nan Ealan air an dòigh-smaoineachaidh
seo a chàineadh anns an fhianais sgrìobhte aca,
a' toirt slaic air a' chuid sin de luchd nam meadhanan a bhios
'a' cur beum air `TBh a-mhàin' neo `TBh ann am builgean'
agus a tha den bheachd gum bu chòir airgead na CCG uile
a dhol dìreach gu riochdachadh TBh.' Cuideachd, nuair
a tha daoine agus companaidhean tbh aig nach eil Gàidhlig
ag obair air prògraman a tha gam maoineachadh leis an
CCG, tha seo uaireannan ga fhaicinn mar bhrosnachadh airson
craoladh a chur air thoiseach air cànan.
25. Tha an fhianais anns a' phrìomh chùis seo
a' nochdadh aon de dhuilgheadasan an rannsachaidh againn: glè
thric tha beachd an luchd-fianais ga dhèanamh a rèir
dè cho duilich neo furasta 's a bha e dhaibh airgead
fhaighinn bhon Mhaoin agus a rèir ciamar a tha iad a'
smaoineachadh a bu chòir a' Ghàidhlig a bhrosnachadh
agus a chumail beò.
26. Dh'iarr a' Chomataidh air an CCG beachd dheimhinnte a thoirt
dhaibh air a' chùis seo agus chuir e iongnadh orra nuair
nach tug an CCG seo seachad. Tha an CCG gu mòr an sàs
ann an craoladh a bhrosnachadh agus ann an Gàidhlig a
bhrosnachadh ach tha e coltach nach b' urrainn dhaibh innse
ciamar dìreach a bha iad a' cothromachadh an dà
dhleastanais seo agus dè a' bhuaidh a bh' aig an seo
air co-dhùnaidhean a thaobh tabhartasan. Bha e soilleir
gun robh an dìth lèirsinn seo a' toirt air cuid
den luchd-fianais smaoineachadh nach robh follaiseachd neo cunntachalachd
gu leòr ann an dòigh-obrach na CCG.
27. 'S e an treas dleastanas a tha ga mholadh airson na Maoin
gum biodh buaidh eaconamach aig an airgead a tha ga chaitheamh
air craoladh air na sgìrean Gàidhlig agus gun
robh còir aig an seo a bhith air sgilean a leasachadh,
freumhachas de chompanaidhean beaga a chruthachadh, agus tuarastalan
agus tasgadh a chur an àirde. Chuir e iongnadh air a'
Chomataidh nach b' urrainn do phrìomh ùghdarras
ionadail nan sgìrean Gàidhlig, Comhairle Nan Eilean
Siar, measadh soilleir a thoirt seachad air buaidh na Maoin
bhon àm a chaidh a stèidheachadh agus nach b'
urrainn dhaibh ach beachdachadh air a' bhuaidh a bh' aig craoladh
air eaconamaidh na sgìre. Thug Iomairt nan Eilean Siar
measadh na b' fheàrr seachad ach tha tuilleadh fhathast
ri dhèanamh.
28. Tha a' Chomataidh a' co-dhùnadh gu bheil tuilleadh
obrach fhathast ri dhèanamh air a' chothromachadh eadar
cànan, craoladh agus deatamas eaconamach. Anns a' chiad
àite bu chòir dhan ITC, ag obair còmhla
ri Riaghaltas na h-Alba, ath-aithris shoilleir a dhèanamh
air prìomhachasan agus adhbharan maoin phoblach airson
craoladh Gàidhlig. Bu chòir seo a bhith air aontachadh
le companaidhean agus buidhnean dèiligidh agus bu chòir
seo a chleachdadh mar bhunait ann a bhith ruighinn cho-dhùnaidhean
san àm ri teachd mu leasachadh an structair a th' ann
an dràst.
Ro-innleachd
29. Bu chòir ath-aithris air prìomhachasan agus
adhabharan sùil a thoirt cuideachd air mar a thathar
gan cur an cèill: ga chur an dòigh eile tha feum
air ro-innleachd chiallach, air a deagh mhìneachadh airson
craoladh na Gàidhlig, puing a chaidh a dhèanamh
ann am mòran den fhianais. Chan eil seo air tachairt
thuige seo gu ìre air sàilleibh structair an CCG
agus an dìth maoineachaidh a fhuair iad thairis air na
bliadhnaichean. Ach, ma thig seanail digiteach Gàidhlig
bidh e nas cudromaiche buileach gun cruthaich an CCG pròiseas
a dhealbhas, a ni conaltradh agus a chuireas an sàs leithid
a ro-innleachd.
30. Anns an fhianais bheòil aca thuirt am BBC: `Ma mholas
a' chomataidh seo gum bi ro-innleachd cheart ann a thaobh craobh-sgaoileadh
na Gàidhlig anns na bliadhnaichean a tha ri teachd, tha
mi a' smaoineachadh gun leasaich sin tòrr de na puingean
a thog sinn. ``S e ro-innleachd
a tha a' gabhail a-steach gach buidheann a tha an-sàs
ann an craobh-sgaoileadh agus a tha cunbhalach gu ìre
a' coimhead air seirbheis a tha gu bhith tur freagarrach ann
an ceann trì, ceithir neo còig bliadhnaichean
as an seo. Tha e cudromach gun smaoinich sinn air sin. Tha an
gnìomhachas seo ag atharrachadh bho latha gu latha 's
mathaid nas luaithe na cus de ghnìomhachasan eile.'6
31. Tha cuid de na rudan a dh'fhaodadh a bhith anns an ro-innleachd
seo a' nochdadh ann am mòran den fhianais don rannsachadh
seo agus ann an cuid de cho-dhùnaidhean na Comataidh.
Tha feum air aithris a thaobh prìomhachasan, dòigh-smaoineachaidh
ùr air cunntachalachd, fuasgladh air na duilgheadasan
pearsanta agus beum a chur air soirbheachadh dearbhte air a
stiùireadh le àireamhan luchd-amhairc Feumaidh
cuideachd miann a bhith ann gus an raon riochdachaidh a thogail,
gu h-àraid ma thig barrachd iarrtais an lùib meudachadh
seirbheis air seanail digiteach, a thuilleadh air aithneachadh
gu bheil dùbhlain ùra teicnigeach a' tighinn oirnn
mar choimhearsnachd. Chan eil sinn cinnteach gur e an CCG an
dòigh is fheàrr air leithid a ro-innleachd a thoirt
air adhart sa mheadhan-ùine neo anns an ùine-fhada,
ach san eadraiginn tha sinn a' moladh dhan CCG beachdan na Comataidh
air cùisean ro-innleachd a ghabhas leasachadh san eadar-ama.
32. Tha a' Chomataidh a' co-dhùnadh mura bi ro-innleachd
ùr ann, air a bheil a h-uile duine eòlach agus
ris a bheil iad uile ag aontachadh, le pàirt aig na prìomh
bhuidhnean ann, cha bhi e comasach sàr chraoladh buntainneach
Gàidhlig a lìbhrigeadh airson na 21mh linn agus
gu bheil feum air structair ùr airson leithid a ro-innleachd
a chur an cèill aon uair's gu bheil e aontaichte.
Airgead a tha an CCG a' roinn
33. Cha mhòr nach robh a h-uile pìos fianais
a fhuair sinn a' toirt iomradh air cho gann 's a tha maoineachadh
craolaidh na Gàidhlig. Aig toiseach chùisean ann
an 199x bha £8.5M air chothrom gach bliadhna, ag èirigh
ann an 1992/93 gu £9.5M. An-dràsta tha a' Mhaoin
aig £8.5M gach bliadhna, a' ciallachadh gearradh mòr
airgid agus fìor lùghdachadh a rèir atmhorachd
phrìsean, ged a tha a' Chomataidh a' moladh Riaghaltas
na h-Alba airson an àrdachadh £450,000 don CCG a
dh'fhoillsich iad aig Mòd Steòrnabhaigh san Dàmhair
2001, nuair a bha an aithisg seo ga crìochnachadh.
34. Tha an tabhartas ùr seo, ge-tà, a' toirt
taic don phuing a rinn an CCG fhèin san fhianais aca:
'nach eil ullachaidhean reachdais airson maoineachadh na CCG
air an sònrachadh, agus gu bheil iad fo ùghdarras
mhinistearan agus gam beachdachadh as ùr bho bhliadhna
gu bliadhna [...]. Tha seo eadar-dhealaichte ris na h-ullachaidhean
reachdais airson seirbheis craolaidh na Cuimris a tha a' sònrachadh
maoineachadh Riaghaltais ceangailte ri atmhorachd phrìsean
agus cò mheud uair a thìde de phrògraman
a dh'fheumas am BBC a thoirt don t-seirbheis [...]' Chaidh a'
phuing seo ath-aithris ann am fianais Iomairt nan Eilean Siar
a thuirt: `Nan robh ceangal aig a' Mhaoin ri atmhorachd phrìsean
bhon àm a thòisich i bhiodh a-nis luach £11.76
millean. Tha an dìth cheangail ri atmhorachd a' ciallachadh
gun do chaill a' Mhaoin mu £15 millean (neo 377 uairean
a thìde de phrògraman) anns an àm.'
35. Dh'fhàs na duilgheadasan seo na bu mhiosa nuair
a thug Achd Craolaidh 1996 barrachd dleastanais don CCG, ag
iarraidh orra prògraman rèidio a mhaoineachadh
cho math ri telebhisean.
36. A dh' aindeoin càinidhean bhon Chomataidh mu dheidhinn
obrachadh na Maoin agus cuid de na poileasaidhean a tha gan
leantainn agus gan leasachadh an-dràsta, chan eil teagamh
sam bith aig a' Chomataidh nach eil a' Mhaoin na cuideachadh
luachmhor air a bheil cruaidh fheum, don Ghàidhlig, do
chraoladh agus an eaconamaidh aig sgìrean cugallach,
agus nach eil e idir cuideachail ann a bhith a' cruthachadh
bun-structair a bhios comasach air amasan na CCG a choileanadh
gu bheil a' Mhaoin a' sìor-chrìonadh agus gu bheil
mì-chinnt a' nochdadh ma deidhinn a h-uile bliadhna.
37. Tha a' Chomataidh a' co-dhùnadh gum biodh maoin
ceangailte ri atmhorachd phrìsean air obair na CCG
a dhèanamh nas fheàrr gu ruige seo. Bu chòir
bunait chinnteach a bhith ann airson leasachadh a dhèanamh
air craoladh Gàidhlig bhon sporran phoblach san àm
ri teachd.
Càirdeis dhuilich
38. Ged a tha mòran de na buidhnean agus companaidhean
aig a bheil gnothach ris an CCG air fianais a thoirt seachad
gu bheil iad math dèiligeadh riutha, fhuair sinn fianais
cuideachd nach robh cùisean cho rèidh eadar na
craoladairean agus cuid de na companaidhean riochdachaidh agus
an CCG agus gu robh duilgheadasan ann fhathast. Thuirt am BBC
anns an fhianais aca `Tha sinn ag obair còmhla, ach 's
dòcha nach eil sinn ag obair cho dlùth 's bu mhiann
leinn7' agus chaidh SMG
nas fhaide anns an fhianais sgrìobhte aca, a' bruidhinn
air `dìth earbsa', a bha: `a' dol am meud an àite
a' lùghdachadh mar a chaidh na bliadhnaichean seachad
agus a rinn cron agus call'.
39. Dh'innis Caidreachas nan Riochdairean Fiolm agus Telebhisean,
Alba, (PACT) - prìomh aonadh-ciùird obair riochdachaidh
- dhan a' Chomataidh: `Nuair a choinnich sinn ris an CCG bho
chionn ghoirid, fhuair sinn gu robh iad gu tur nar n-aghaidh,
chun na h-ìre 's gun robh e duilich còmhradh neo
deasbad a bhith ann air na beachdan againn. B' e an dòigh-smaoineachaidh
aca `'S ann mar seo a tha cùisean - agus na cluinneamaid
an còrr ma dheidhinn. Bha e duilich an deasbad a thoirt
nas fhaide air adhart.'8
40. Chunnaic sinn roimhe gu bheil an sgaradh anns an reachdas
eadar coimiseanadh agus maoineachadh a' dèanamh chùisean
duilich do chompanaidhean neo-eisimeileach. Tha dìth
margaidh - oir chan eil ceann-uidhe eile aig prògraman
ach an dà chraoladair Albannach - agus eas-aonta a' dèanamh
chùisean duilich don a h-uile duine a tha a' sireadh
maoineachas.
41. Tha na companaidhean neo-eisimeileach gu h-àraid
den bheachd gu bheil na cùisean seo a' fàgail
na CCG lag nuair a dhèiligeas iad leis na craoladairean,
mar a thuirt Studio Alba anns an fhianais sgrìobhte aca:
'S e a' chiad rud, agus an rud as cudromaiche, cho mòr
's a tha an CCG an eisimeil ri na craoladairean stèidhichte,
oir 's ann leothasan a mhàin a thèid prògraman
Gàidhlig a chraoladh. Tha seo a' ciallachadh gu bheil
a' chomataidh ann an suidheachadh anabarrach meata nuair a tha
iad ann an còmhraidhean rèiteachaidh.' Tha Media
Nan Eilean, aon de na prìomh chompanaidhean riochdachaidh
neo-eisimeileach agus cha mhòr an aon tè aig an
robh pàirt chudromach bhon a thòisich an CTG,
a' dol nas fhaide agus ag ràdh ann am fianais sgrìobhte
gu bheil seo a' buntainn ri lochd ann an craoladh Gàidhlig
san fharsaingeachd: `Tha an eisimeileachd seo air craoladairean
a' ciallachadh nach urrainn do lèirsinn ùr a bhith
aig a' choimhearsnachd Ghàidhlig tro chom-pàirteachadh
leis an raon neo-eisimeileach.'
42. Tha gearain aig SMG gu bheil riochdairean neo-eisimeileach
a' faighinn pàigheadh nas àirde na craoladairean
(`Thug an CCG pàigheadh riochdachaidh 12% do phrògraman
neo-eisimeileach ach chan fhaigheadh craoladairean barrachd
air 8%. [...] Bha Telebhisean na h-Alba agus Grampian a' caitheamh
barrachd airson barrachd phrògraman Gàidhlig a
dhèanamh.' SMG, fianais sgrìobhte) ach chan eil
iad ag idir aideachadh gu bheil an uiread phrògraman
a tha na craoladairean a' dèanamh a' ciallachadh nach
eil iad a' call na h-uidhir sin leis an rèite seo.
43. Chan eil teagamh nach eil càirdeas phearsanta agus
aig ìre buidhne eadar Stiùiriche an CCG agus cuid
de phrìomh dhaoine anns na companaidhean craolaidh agus
riochdachaidh gu math truagh agus nach eil a' chùis a'
fàs càil nas fheàrr. Chan eil na h-adhbharan
airson seo soilleir dhuinn ged a chuir an cùnntas a thug
PACT dhuinn air giùlan an Stiùiriche ri na h-oifigearan
aca agus na cùisean iomagain reusanta aca dragh air a'
Chomataidh agus tha sinn a' cur sìos air beachd an Stiùiriche
a thaobh Taigh Shìophoirt (Faic Para 92-95). Tha sinn
a' mothachadh gu bheil dragh ann gu bheil an Stiùiriche
agus cuid de na h-àrd oifigeirean air a bhith nan dreuchd
bhon a thòisich an CTG agus nach eil eòlas aca
air a bhith ag obair anns na meadhanan iad fhèin. Tha
dùil gun teid cathraiche ùr ainmeachadh airson
na CCG a dh'aitghearr agus bu chòir cothrom a bhith ann
dèiligeadh ris na duilgheadasan riaghlaidh agus rianachd
seo agus cuideachd a bhith ag amas air ro-innleachd ùr,
shoilleir a dheasachadh airson craoladh na Gàidhlig.
Gu dearbh tha na duilgheadasan sin a' cur bacadh air a' phrìomh
obair a bhith a' faighinn uiread 's a ghabhas bhon airgead agus
bho na daoine tàlantach a bhios a' dèanamh phrògraman
Gàidhlig.
44. Tha sinne a' co-dhùnadh, ged a tha deagh rùn
eadar an CCG agus cuid de na com-pàirtichean aca, gu
bheil fìor dhuilgheadasan ann nach deach an ceartachadh
fhathast le cuid de na prìomh bhuidhnean ann an craoladh
na Gàidhlig. Cha bu chòir dhan an t-suidheachadh
seo leantainn nas fhaide.
Ballrachd a' Bhùird
45. Tha sinn air fianais fhaighinn a tha a' cur an sùil
dhuinn gu bheil feum air ballrachd bòrd na CCG a mheudachadh,
ged nach eil uiread aonta ann air dè am fiosrachadh agus
eòlas a tha a dhìth. Tha cuid de na fianaisean,
a' gabhail a-steach Clì, ag iarraidh gum bi pàirt
aig daoine aig nach eil Gàidhlig sa chùis: 'tha
e cudromach gum bi leudachadh buan ann an iomadachd an luchd
stiùiridh dhe gach aois, le riochdairean a th' air Gàidhlig
ionnsachadh ann an diofar dhòighean, eadar san teaghlach,
san sgoil agus mar inbheach, agus riochdairean aig a bheil buntannas
do dhiofar sgìrean eadar àiteachan le mòran
Gàidhlig is àiteachan le glè bheag de dh'eachdraidh
Ghàidhlig, bailtean mòra is bailtean beaga is
sgìrean dùthchail, eileanan is tìr-mòr.
Fiù's riochdachadh bho thaobh a-muigh Alba'. (fianais
sgrìobhte Clì). Tha cuid eile, ge-tà, a'
cumail a-mach gum feum an CCG a' Ghàidhlig a chleachdadh
mar an cànan obrach agus rianachd aice agus gur e droch
chomharra a bhiodh ann nan rachadh sin a bhacadh aig ìre
a' Bhùird.
46. Tha a' Chomataidh a' tuigsinn gum feum an cànan
a bhith aig cridhe na buidhne, ach tha iad den bheachd gun gabhadh
seo a dhèanamh ged a dh'fhaodadh àireamh bheag
de dhaoine aig nach robh Gàidhlig ach aig an robh an
t-eòlas freagarrach a bhith air a' Bhòrd. Gun
teagamh tha gainne eòlais craolaidh air a bhith aig buill
a' Bhùird agus aig àrd oifigeirean na CCG mar
a thuirt SMG anns an fhianais sgrìobhte aca: `Chaidh
a' Chomataidh Telebhisean Gàidhlig (CTG) a stèidheachadh
ann an 1991, ach, an aghaidh comhairle a' Choimisean Telebhisean
Neo-eisimeilich agus Telebhisean na h-Alba, cha robh eòlas
craolaidh neo cruthachadh phrògraman aig gin de bhuill
na Comataidh. Chaidh iomagain mu dheidhinn seo a shocrachadh
nuair a chualas bhon CTG gum biodh an t-eòlas freagarrach
aig cuid den sgioba gnìomha. Ach, cha b' ann mar seo
a thachair.'
47. Nochd cuid de na fianaisean dragh mu dheidhinn follaiseachd
nan dòighean airson daoine ainmeachadh mar bhuill Bùird
agus thuirt Raibeart Dunbar 'Tha Achd 1990 [ag iarraidh air
an ITC 'dèanamh cinnteach gu bheil a' mhòr-chuid
den bhallrachd, ann am beachd ITC, a' riochdachadh coimhearsnachd
na Gàidhlig'] a' cur cus cudroim air beachdan an ITC
an àite beachdan coimhearsnachd na Gàidhlig a
thaobh freagarrachd. [...] Chan eil e idir soilleir càite
dìreach a bheil a' chumhachd a' laighe nuair a tha an
ITC a' taghadh buill na CCG.'
48. Tha a' Chomataidh cuideachd a' tuigsinn cho duilich 's
a tha e daoine le Gàidhlig a lorg aig a bheil na sgilean
freagarrach agus nach eil iad fhèin a' faighinn maoineachaidh
bhon CCG airson an cuid obrach. Uaireannan tha seo air suidheachadh
adhbharachadh far a bheil e a' coimhead mar gu bheil an Stiùiriche
a' bruidhinn agus ag obair mar gum b' e e fhèin a-mhàin
am Bòrd seach na buill ainmichte - bha seo gu h-àraid
follaiseach nuair a bha fianais ga toirt seachad don Chomataidh
ann an Steòrnabhagh.
49. Tha sinne a' co-dhùnadh gu bheil cothrom ann
daoine gun Ghàidhlig neo a tha air Gàidhlig ionnsachadh
le eòlas freagarrach a chur air a' Bhòrd sa gheàrr-ùine,
agus gu sònraichte aig an àm sa an uair a tha
buill ùra air fàire. Tha seo a' toirt cothrom
airson ballrachd a' Bhùird a mheudachadh agus dìth
sgilean agus ceistean eile a cheartachadh agus bu chòir
gun cuidicheadh e ann a bhith toirt buidheann nas fharsainge
ri chèile gus structairean is innleachdan a dhealbh san
àm ri teachd.
CAIBIDEAL 2: LUACHADH COILEANAIDH NA CCG
THUIGE SEO
Buaidh Eaconamach, Shòisealta agus Chultarach
50. 'S e fèin-mheasadh na CCG: `Tha Comataidh Craolaidh
na Gàidhlig den bheachd gu bheil iad air na dleastanasan
reachdail a choileanadh a rèir nan cumhachdan a fhuair
iad, agus gun deach iad fada air thoiseach air sin a thaobh
buaidh nam poileasaidhean agus ro-innleachdan aca air an luchd-amhairc
agus air coimhearsnachd na Gàidhlig a bha iad a' frithealadh.'
51. Ged a tha an CCG buailteach iad fhèin a mholadh
san fhianais aca, tha sinn airson a' mhòr-chuid deònach
gabhail ris a' bheachd fharsaing seo air obair na CCG bhon a
thòisich iad. Tha cùisean sònraichte a'
cur dragh oirnn ge-tà agus tillidh sinn thuca sin a-rithist.
Ach, tha sinn a' mothachadh dhan dòigh bhrosnachail sa
bheil am BBC a' bruidhinn san fhianais aca air soirbheachadh
na CCG san fharsaingeachd nuair a tha iad ag ràdh gu
bheil an CCG air
· Mòran a dhèanamh gus toirt air daoine
gabhail ri prògraman Gàidhlig air an telebhisean,
agus aire a thogail mu dheidhinn a' chultair agus na cànain,
gu nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
· Dèanamh cinnteach gun deach obraichean a chruthachadh
ann an gnìomhachas nam meadhanan, a' cur ri eaconamaidhean
ionadail agus a' ghnìomhachais craolaidh
· Taic a thoirt do na colaistean Gàidhlig ann an
Leòdhas agus anns an Eilean Sgitheanach le bhith a' stèidheachadh
chùrsaichean trèanaidh anns na meadhanan agus
cuspairean co-cheangailte riutha a rinn com-pàirteachadh
le trèanadh ann an gnìomhachas a tha sìor-dhol
am feabhas.
· Pàirt chudromach a ghabhail ann a bhith dèanamh
cinnteach gu bheil obair chunbhalach ri fhaighinn ann an cuid
de raointean.
Buaidh eaconamach
52. Tha an ìsleachadh ann an ionmhas a rèir atmhorachd
phrìsean a' ciallachadh gu bheil lùghdachadh anns
an uiread obrach làn ùine a tha an CCG a' tabhann,
bho thimcheall 300 an uair a bha a' Mhaoin aig a h-àirde
gu 238 an-dràsta, àireamh a tha a' sìor-thuiteam.
Tha e fìor, mar a tha Iomairt nan Eilean Siar ag ràdh,
gu bheil na h-obraichean seo, airson a' mhòr-chuid, `sgileil,
cruthachail agus air an deagh phàigheadh an taca ris
a' chumantas anns na h-Eileanan an Iar - tha an teachd-a-steach
airson gach obair làn ùine ann an raon nam meadhanan
12% nas motha sa chumantas seach na raointean uile' ach tha
e cuideachd fìor nach eil a' mhòr-chuid de na
h-obraichean stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar. Chaidh
mòran a chruthachadh ann an àiteachan eile, agus
gu h-àraid ann an Glaschu anns na prìomh chompanaidhean
craolaidh. Tha an sgaoileadh obraichean ga thaisbeanadh gu h-ìosal:
Sgaoileadh Obraichean 2000/01
Còrr de dh'Alba (53%)
A' Ghaidhealtachd (11%)
Còrr den UK (2%)
An Saoghal air fad (1%)
Na Eileanan an Iar (32%)
Fiosrachadh:
fianais sgrìobhte na CCG, Eàrr-ràdh C
53. Tha mòran a fhuair maoineachadh phrògraman
a' moladh mar a tha seo air cur ris na companaidhean aca - mar
eisimpleir, tha West Highland Animation ag ràdh gu bheil
`an CCG air obair gu h-èifeachdach a' dèiligeadh
ris a' chompanaidh seo. [...] Anns an fharsaingeachd, tha taic
na CCG air leigeil le WHA fàs mòran nas motha
na chaidh a shùileachadh an toiseach ann an saoghal dùbhlanach
nam Fiolmaichean Beòthantachd.'
54. Ach chan eil an àireamh chompanaidhean neo-eisimeileach
a tha a' faighinn maoineachadh bhon CCG air èirigh mòran
anns na deich bliadhna, gu dearbh tha an uiread chompanaidhean
den leithid a tha an sàs ann am prògraman Gàidhlig
air tuiteam. Tha feadhainn dhiubh ag ràdh gur e mì-chinnt
mu dheidhinn dleastanas na Maoin, agus na duilgheadasan a tha
a' tighinn an lùib an sgaraidh eadar coimiseanadh agus
maoineachadh, cuid de na h-adhbharan a thug orra cùl
a chur ri dèanamh phrògraman Gàidhlig neo
a bhith a' dèanamh phrògraman idir. Tha gearainean
ann cuideachd mu dheidhinn dìth follaiseachd ann an co-dhùnaidhean
na CCG agus an dàil mhòr eadar an t-àm
tagraidh agus an t-àm nuair a thèid co-dhùnadh
a dhèanamh mu dheidhinn tabhartasan.
55. Tha an làn chaitheamh airgid bhon a thòisich
CCG air ruigsinn c£88 millain agus tha fianais ann nach
eil a' bhuannachd eaconamach cho mòr 's a bhiodh e nam
biodh an aon t-suim air a chaitheamh air leasachadh gnìomhachais.
56. Chan eil a' Chomataidh a' gabhail ris an argamaid seo ach
tha iad a' nochdadh dragh nach robh gu leòr brosnachaidh
agus taic ga thoirt do chompanaidhean beaga agus meadhanach
mòr agus, a' coimhead air ais air cùisean, nach
robh an CTG ceart aig toiseach tòiseachaidh a bhith a'
cur beum air obair-riochdachaidh a leasachadh ann an TBh na
h-Alba agus am BBC (a rinneadh fo stiùireadh chomhairlichean
bhon Chuimrigh a bha eòlach air margaidhean gu tur eadar-dhealaichte)
oir cha do chuir seo ri meudachadh sgilean agus obraichean ann
an sgìrean dùthchail agus mì-leasaichte
anns an dòigh a bha ga shùileachadh. Tha atharrachadh
air a' phoileasaidh air a bhith slaodach agus 's docha nach
biodh e air atharrachadh idir ach gu bheil eas-aonta air nochdadh
eadar na craoladairean agus an CCG. Bidh e duilich, ge-tà,
daoine agus companaidhean anns an raon neo-eisimeileach a lorg
a bhios deònach seasamh ris an dùbhlan, sa gheàrr-ùine
co-dhiù, ri linn a' phoileasaidh a bh' ann roimhe.
57. Bu toil leis a' Chomataidh nan toireadh an CCG barrachd
prìomhachais don raon riochdachaidh neo-eisimeileach
agus do sgilean riochdachaidh ann an sgìrean dùthchail
gus an tèid buannachd eaconamach na Maoin a sgaoileadh
do na sgìrean agus raointean obrach far am bi a' bhuaidh
as motha. Cuideachd, bu chòir don Chomataidh aithisg
eaconamach fhoillseachadh anns an lèirmheas bhliadhnail
aca air buaidh na h-obrach aca sa bhliadhna a chaidh seachad
agus bu chòir dhan fhiosrachadh seo a bhith air chothrom
gu cunabhalach a-mach bho seo.
Buaidh chultarach
58. Bha an fhianais a fhuair a' Chomataidh a thaobh buaidh
chultarach nam prògraman a mhaoinich an CCG brosnachail
airson a' mhòr-chuid agus a' nochdadh gu bheil deagh
mhac-meanmna agus sgilean aig na daoine a tha a' dèanamh
phrògraman Gàidhlig.
59. Mar eisimpleir, thuirt Dàibhidh Stevenson ann am
fianais sgrìobhte: `Bu toil leam a ràdh, gu bheil,
nam bheachd-sa, cuid de phrògraman Gàidhlig fìor
mhath ann agus, gun teagamh, còrdaidh iad ri Gàidheil
agus ri daoine aig nach eil Gàidhlig idir', agus tha
an stiùiriche fiolm ainmeil Murray Grigor ag ràdh:
`Aig àm nuair nach eil buidhnean craolaidh eile an Alba
a' dèanamh uiread de phrògraman neo uiread de
phrògraman math, tha obair lèirsinneach na CCG
air fàs gu tur cudromach. A thuilleadh air an obair aca
a bhith a' neartachadh na Gàidhlig, tha an CCG air buannachd
chultarach a ghlèidheadh le bhith a' cur air adhart prògraman
an Alba a tha còrdadh fiù's ri daoine aig nach
eil Gàidhlig.'
60. Tha Ùisdean Cheape, Glèidheadair a' Chruinneachaidh
Ùr-nodha Albannaich aig Taigh-tasgaidh na h-Alba ag aontachadh
nuair a tha e ag ràdh ann am fianais sgrìobhte
'Nam bheachdsa tha sreathan phrògraman mar Eòrpa
air soirbheachadh gu mòr agus air àrd-ìre
obrach a stèidheachadh. Tha iad suaicheanta anns a' mhìneachadh
bheachdail a tha iad a' toirt air gnothaichean Eòrpach,
poileataigeach, sòisealta, eaconamach agus cultarach
agus an sgrùdadh air leth tuigseach a nì iad a'
coimhead air cùisean tro shùilean nan Gàidheal,
sealladh a tha a' toirt dhaibh comas rannsachaidh sònraichte
air grunn cheistean a tha gu tur eadar-dhealaichte bho dhòigh-smaoineachaidh
àbhaisteach luchd na Beurla.'
61. Tha buidhnean cultarach cuideachd ag ràdh gu bheil
iad air buannachd fhaighinn bho bhith ag obair leis an CCG.
Thug Urras Brosnachaidh na Gàidhlig agus Comann Gàidhlig
Inbhir Nis fianais seachad còmhla agus sgrìobh
iad: `Cuideachd, tha iad [an CCG] air obair gu dlùth
le buidhnean coltach ruinn fhèin airson pròiseactan
cultarach a thoirt air adhart nach biodh air tachairt as aonais
oidhirp agus com-pàirt na CCG', agus tha fianais sgrìobhte
na Fèis Fiolm agus Telebhisein Cheilteach a' cumail a-mach
gu bheil `àite na CCG mar luchd-maoineachaidh raon farsaing
de phrògraman rèidio agus telebhisein Gàidhlig
a' cur saidhbhreas eaconamach agus shòisealta ann an
cultar agus dualchas na h-Alba san fharsaingeachd.'
62. Tha àireamhan an luchd-amhairc a' dearbhadh cho
soirbheachail 's a tha na sàr phrògraman aithriseach
agus fiosrachail. Tha Lèirsinn air àireamhan luchd-amhairc
nam prògraman a tha a' còrdadh ri mòran
a thoirt don Chomataidh (Eàrr-ràdh C) agus tha
iad a' nochdadh gu bheil taic làidir ann airson prògraman
den leithid. Ach, tha a' Chomataidh a' mothachadh gun robh cuid
de shreathan soirbheachail ann nach d' fhuair coimisean eile,
glè thric air sàilleibh dìth airgid nuair
a bha a' Mhaoin a' crìonadh neo ri linn's gun robh prìomhachasan
ùra aig an luchd-craolaidh. Tha na duilgheadasan a tha
an lùib sreath phrògraman a chruthachadh neo sreathan
a chur ri chèile ann an sreathan nas fhaide a' dol nas
miosa air sàilleibh an sgaraidh eadar coimiseanadh agus
maoineachadh.
63. Tha a' Chomataidh a' moladh na CCG agus na feadhainn
a tha a' dèanamh phrògraman soirbheachail a chòrdas
ri mòran agus aig a bheil buaidh làidir chultarach,
agus tha a' Chomataidh a' moladh gum bu chòir co-dhùnaidhean
maoineachadh phrògraman san àm ri teachd a bhith
air an stiùireadh nas dlùithe le comharran soirbheachais,
gu sònraichte an seòrsa soirbheachas a tha àireamhan
luchd-amhairc anns na bliadhnaichean mu dheireadh a comharrachadh.
Buaidh Shòisealta agus Buaidh air Foghlaim
64. Tha e follaiseach gu bheil buannachdan eaconamach agus
chultarach obair na CCG air deagh bhuaidh a thoirt air coimhearsnachd
na Gàidhlig air feadh Alba, ann an dà roinn gu
h-àraid; an t-àrdachadh misneachd a thàinig
air cànan agus cultar le craoladh na Gàidhlig
agus an deagh bhuaidh air beatha teaghlaich luchd na Gàidhlig.
65. Tha an CCG, anns an fhianais sgrìobhte aca, a' bruidhinn
air `an àrdachadh ann am misneachd nan Gàidheal
air sàilleibh barrachd craoladh Gàidhlig mar a
chaidh a chlàradh ann an rannsachadh neo-eisimeil le
Sproull agus Chalmers (1998)' agus tha Ionad Rannsachaidh Lèirsinn,
a bhios a' faighinn taic bhon CCG, air aire a thogail gu bheil
`deagh bheachd aig pàrantan air prògraman telebhisean
chloinne sa Ghàidhlig. Bidh pàrantan a' brosnachadh
an cuid chloinne ri bhith a' coimhead phrògraman Gàidhlig,
m.e. le bhith a' cur nan cuimhne (neo an cuimhne an teaghlaich
gu lèir) tionndadh gu BBC2 airson prògraman feasgar
Diardaoin. Glè thric bidh an teaghlach gu lèir
a' coimhead phrògraman Gàidhlig.'
66. Tha mòran den fhianais cuideachd a' cur beum air
cho cudromach 's a tha craoladh airson Gàidhlig a chumail
beò agus a bhrosnachadh. Dh'innis Domhnall MacAoidh bho
Comhairle nan Eilean Siar, don Chomataidh gum bi: `Clann a'
bruidhinn Beurla rin caraidean aig an sgoil, agus mura bruidhinn
iad Gàidhlig aig an taigh agus mura coimhead iad ri prògraman
Gàidhlig, caillidh iad a' chànan9',
agus chaidh fianais a thogail bho na mion-chànanan Eòrpach
eile, gu h-àraid Catalan, airson taic a thoirt do chaitheamh
airgid air craoladh. Chuir dà bhuidheann, Comann na Gàidhlig
agus Comhairle nan Eilean Siar, ìmpidh air a' Chomataidh
gun robh feum air inbhe thèarainte don Ghàidhlig
mar phàirt riatanach den ro-innleachd seo.
67. Tha e follaiseach gu bheil àite cudromach aig craoladh
ann am foghlam cuideachd, an dà chuid ann am foghlam
tro mheadhan na Gàidhlig agus ann an taic a thoirt do
luchd-ionnsachaidh. Sgrìobh neach-ionnsachaidh, Brian
Patton, ann am fianais gu robh `an t-seirbheis a bha ga lìbhrigeadh
le taic na CCG fìor fheumail' agus sgrìobh Rosemary
Nic a' Bhàird, Oifigear Leasachaidh agus Taice Foghlam
na Gàidhlig aig Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid,
(agus Leas-cathraiche na CCG an-dràsta) `Anns na deich
bliadhna a chaidh seachad, tha luchd-teagaisg foghlam tro mheadhan
na Gàidhlig air moladh mar a tha barrachd roghainn ann
air na prògraman Gàidhlig air rèidio agus
telebhisean a tha gan dèanamh le maoineadh na CCG. Chaidh
deagh obair a dhèanamh air foghlam bogaidh sa chànan
agus foghlam àrainneachd ann an 2 phrìomh shreath
thar trì seiseanan acadaimiceach. A thaobh phrògraman
sònraichte, fhuair am prògram tràth, ùr-ghnàthach
Speaking our Language deagh chliù aig an taigh
agus thall thairis.'
68. Tha cuid de luchd-poileataigs agus eile air a ràdh,
ma 's e foghlam as cudromaiche, gum bu chòir an t-airgead
a tha ga chaitheamh an-dràsta air craoladh a thoirt do
dh'obair foghlaim nas àbhaistiche. Chan eil sinne den
bheachd gum biodh seo ciallach. Tha Gàidhlig feumach
air taic ann an grunn riochdan, agus 's e ceum air ais a bhiodh
ann airgead a ghoid à aon stòr airson a chur ann
an stòr eile. Tha feum aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
agus teagasg Gàidhlig do dh'inbhich air barrachd airgid
airson ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig
a thogail. Cha dèanadh e feum sam bith don chànan
an-diugh neo san àm ri teachd nan rachadh an obair seo
a mhaoineachadh tro airgead a ghearradh ann an raointean eile
agus toirt air Gaidheil fhoghlamaichte a' Ghàidhealtachd
fhàgail agus lùghdachadh a thoirt air na cothroman
far an cluinn clann Gàidhlig ann an suidheachadh nàdarrach,
ùr-nodha.
69. A thaobh foghlaim, rinn aon fhianais (Raibeart Dunbar)
luaidh air ceist gluasad obrach, ag ràdh gu robh grunn
thidsearan le Gàidhlig air an dreuchd aca fhàgail
airson a dhol a-steach do chraoladh agus e a' nochdadh dragh
gur e craoladh an dreuchd as tarrangaiche do Ghàidheil
òga: `Ma thig meudachadh mòr air fastadh ann an
craoladh [mar a thathas a' sùileachadh ma thèid
molaidhean buidheann-ghnìomha Mhilne a chur an gnìomh]
bidh buaidh làidir aig an seo air an uiread luchd-obrach
le trèanadh a th' ann airson obraichean eile sa Ghàidhlig,
ach cha chuala mise duine, de luchd na Gàidhlig neo eile,
a' gabhail suim bheachdail air a' chùis chudromach seo.'
Tha sinn mothachail air an duilgheadas seo agus tha sinn an
dòchas gun leasaich àrdachadh maoineachaidh ann
an trèanadh thidsearan Gàidhlig an suidheachadh
sin. Tha sinn cuideachd a' moladh oidhirpean gus cothroman ùra
a chruthachadh a bhios nas èifeachdaiche agus nas fhosgailte
airson inbhich a dhèanamh fileanta sa Ghàidhlig
agus a mheudaicheas àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig.
70. Tha sinn a' co-dhùnadh gu bheil obair na CCG
air fìor dheagh bhuaidh a thoirt air a' chànan
fhèin, foghlam na Gàidhlig, agus cultar agus coimhearsnachd
nan Gàidheal. Tha sinn a' tuigsinn gu bheil an CCG cuingealaichte
leis am frèam-obrach sa bheil iad ag obair, ach a dh'aindeoin
sin, tha iad a' dìon, a' brosnachadh agus a' leasachadh
na Gàidhlig. Chan eil sinn den bheachd gum bu chòir
airgead a thoirt bhon CCG airson obair foghlaim eile a mhaoineachadh;
gu dearbh, bu chòir barrachd a thasgadh ann am foghlam
na Gàidhlig aig iomadh ìre.
Buaidh air an luchd-amhairc
71. Bha e na bu dhuiliche buaidh na CCG agus na Maoin air an
luchd-èisteachd a mheasadh. Gu dearbh, chan eil e idir
furasta mìneachadh a dhèanamh air an luchd-amhairc.
72. Tràth ann am beatha na CTG chaidh a h-uile h-oidhirp
a dhèanamh gus luchd-amhairc gun Ghàidhlig a thàladh.
Chuireadh fo-thiotalan air an sgrin agus chaidh sreathan leithid
Machair (dràma siabainn) an cur air adhart gu làidir
a dh'ionnsaigh daoine gun Gàidhlig. Gu sònraichte
buileach, thug an t-ullachadh reachdais airson craoladh aig
prìomh-ama na prògraman Gàidhlig gu aire
luchd-èisteachd gun Ghàidhlig.
73. Bha àireamhan luchd-amhairc cuid de na prògraman
seo anns na bliadhnaichean tràth àrd agus bha
fianais ann gu robh iad a' còrdadh ri daoine aig nach
robh Gàidhlig. Ach chaidh an deagh bhuaidh seo a lùghdachadh
nuair a lùghdaich craoladh aig prìomh-ama, gu
h-àraid air Telebhisean na h-Alba agus Grampian. Nuair
a tha prògraman gan craoladh fada san fheasgar (rud a
bha cumanta airson prògraman Gàidhlig mus tàinig
an CCG) tha prògraman Gàidhlig a' dol nas fhaide
agus nas fhaide air cùl-fraon.
74. Tha luchd-labhairt na Gàidhlig glè dhìleas
do phrògraman Gàidhlig. Tha mòran fianais
ann gu bheil bàigh aig luchd-èisteachd na Gàidhlig
air an t-seirbheis agus gu bheil iad deònach gabhail
ri mòran phrògraman eadar-dhealaichte. Tha meas
gu sònraichte mòr air sàr phrògraman
beachdail.
75. Ach, tha daoine gun Gàidhlig air tilleadh don bheachd
a bha aca mus tàinig an CCG ach a-mhàin airson
sreath fhada neo dhà aig a bheil luchd-amhairc shònraichte,
agus 's e Eòrpa, prògram aithriseach a' BhBC,
as ainmeil dhiubh sin. Tha e air leth sònraichte nach
eil prògam Beurla de shamail a' phrògraim seo
ga chraoladh ann an Alba.
76. Tha Lèirsinn air rannsachadh cudromach, mionaideach
a dhèanamh air an luchd-èisteachd airson na CCG
ach chan eil e soilleir dè a' bhuaidh a tha aig seo air
co-dhùnaidhean maoineachaidh. Gu dearbh, ma gheibh an
t-seirbheis seanail dhi fhèin feumar oidhirp a dhèanamh
gus luchd-èisteachd a bharrachd air daoine le Gàidhlig
a thàladh agus a chumail, ged is e Gàidheil a
bhios aig cridhe chùisean. Bu chòir pàirt
a bhith aig Lèirsinn ann a bhith a' cuideachadh na CCG
a' tuigse dè na prògraman as taitniche do Ghàidhil
agus do dhaoine gun Ghàidhlig cuideachd, agus na h-adhbharan
airson seo.
77. Tha a' Chomataidh a' brosnachadh na CCG gus na co-dhùnaidhean
maoineachaidh aca a ghleusadh agus suim a ghabhail air an fhiosrachadh
a tha a' tighinn bho Lèirsinn agus àiteachan eile
a thaobh an luchd-amhairc san fharsaingeachd, agus cuideachd
gam brosnachadh gabhail ris a' bheachd gum b' urrainn do dhaoine
gun Ghàidhlig neart a thoirt don chànan nam biodh
iad air am brosnachadh neo air an taladh ann an àireamhan
nas motha gus prògraman a chaidh a dhèanamh airson
coimhearsnachd na Gàidhlig sa chiad àite a choimhead.
CAIBIDEAL 3: CEISTEAN EILE A THOGADH LEIS
AN RANNSACHADH
78. A thuilleadh air na ceistean a thogadh gu h-àrd,
fhuair sinn fianais air puingean cudromach eile mar a leanas.
Buannachdan eile agus barrachd feum air teicneòlas
ùr
79. Bha beachd shoilleir ann am mòran den fhianas gu
bheil teicneòlas ùr a' toirt iomadh cothrom do
chraoladh na Gàidhlig, agus gu dearbh tha faireachdain
ann gun tig droch bhuaidh air a' chànan agus air a' chultair
mura tèid gabhail ris an teicneòlas seo. Thuirt
Comann na Gàidhlig anns an fhianais sgrìobhte
aca: 'Bheir frèam-obrach a' chraolaidh dhigitich cothroman
ùra seachad airson rèidio, telebhisean agus an
t-eadar-lìon a chleachdadh airson stuth oideachaidh a
sgaoileadh do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig de gach
ìre' agus thuirt Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid
'Feumaidh ùghdarrasan foghlaim ionadail taic bhon CCG
airson làraich-lìn eadar-obrachaidh a chruthachadh
do dh'òigridh airson Gàidhlig a dhèanamh
nas tarraingiche dhaibh mar a dh'fhàsas iad agus ìomhaigh
fhasanta a thogail dhan chànan, rud a tha air leth cudromach
do dhaoine òga.'
80. Bruidhnidh sinn air seanail sònraichte agus telebhisean
digiteach a-rithist, ach tha sinn a' creidsinn gum feum an CCG
a bhith nas mothachail air a' cho-fhilleadh a tha an luib meadhanan
an latha an-diugh. Chaidh obair ùr-ghnàthach a
dhèanamh mar-thà air làraich-lìn
eadar-obrachaidh ceangailte ri prògramadh, agus chaidh
beagan a thasgadh ann an teicneòlas CD-Rom. Ach chan
eil an CCG air a bhith cho drìpeil 's bu chòir
ann a bhith a' leasachadh buannachdan eile (ann an seann teicneòlas
leithid foillseachadh leabhraichean, neo teicneòlas ùr)
neo ann a bhith a' taisbeanadh agus a' reic nam prògraman
aca thall thairis neo ann am margaidhean ùra.
81. Cha bhi coimpiutaran dìreach a' bruidhinn Beurla.
Tha cothroman mòra ann don Ghàidhlig ann an cyber-space
agus tha an CCG ann an deagh àite airson pàirt
mhòr a ghabhail ann an tionnsgnaidhean den leithid. Cuideachd
tha còirichean aca ri iomadh prògram a rinneadh
thar nam bliadhnaichean bho thòisich iad agus dh'fhaodadh
feum a dhèanamh dhen seo cuideachd.
82. Tha a' Chomataidh a' brosnachadh na feadhainn a tha
an sàs ann an craoladh Gàidhlig beachdan nas cruthachail
a thoirt air adhart air buannachdan eile, teicneòlas
ùr, margaidheachd agus reic, agus feum a dhèanamh
de na seann phrògraman, a' co-obrachadh le luchd-cruthachaidh
nam prògraman agus an luchd-amhairc.
Cùisean a' Buntainn ri Rèidio agus Craoladh
Coitcheann
83. Tha a' Chomataidh mothachail nach d'fhuair iad mòran
fianais mu dheidhinn rèidio. Tha seo a' ciallachadh dhuinne
nach eil an CCG neo craoladairean san fharsaingeachd a' gabhail
suim gu leòr den mheadhan shùbailt, chosg-èifeachdach
seo. Tha fios againn nach d'fhuair an CCG airgead sam bith a
bharrachd airson prògraman rèidio a mhaoineachadh,
ach bu chòir don CCG, san ro-innleachd ùr aca,
beachdachadh air rèidio a chuideachadh agus tasgadh a
dhèanamh ann an cothroman rèidio ùra.
84. B' e aon chùis rèidio a thogadh san rannsachadh
nach robh Rèidio nan Gàidheal ri fhaighinn air
feadh na h-Alba gu lèir. Bha cuid a' ceangal seo ris
an duilgheadas nach robh TBh nan Crìochan a' sealltainn
phrògraman Gàidhlig, agus mar sin, nach fhaigheadh
daoine anns na Crìochan craoladh Gàidhlig sam
bith.
85. Bha fianais eile a fhuair a' Chomataidh a' nochdadh dragh
gun tèid daoine nach fhaigh craoladh analogue an-dràsta
fhàgail a-mach nuair a ghluaiseas an t-seirbheis gu digiteach.
Sgrìobh Iain Lincoln don Chomataidh: 'Caillidh cuid de
choimhearsnachdan craoladh Gàidhlig nuair a thig seirbheis
dhigiteach. An-dràsta, tha e doirbh rèidio a'
BhBC a thogail ann an Taobh Loch Tatha agus Cill Fhinn ann an
Siorrachd Pheairt. Tha Roinn Innleadaireachd a' BhBC air innse
dhomh nach eil dùil aca seirbheis a lìbhrigeadh
anns an sgìre seo.' Agus bha Comhairle na Gaidhealtachd
iomagaineach 'nach fhaigh raon mhòr den Chost an Iar
eadar Leòdhas agus an Gearasdan seirbheis talmhainn dhigiteach
nuair a sguireas an craoladh analogue a th' aca an-dràsta.'
86. Tha a' Chomataidh den bheachd gu bheil e ceart coimhead
ri cùisean rèidio agus gearradh na seirbheis analogue,
ach mar cheistean air leth:
87. A thaobh craoladh rèidio tha a' Chomataidh a'
brosnachadh BBC Alba feuchainn ri craoladh Rèidio nan
Gàidheal a sgaoileadh gus fìor sheirbheis nàiseanta
a dhèanamh dheth. Tha e a' còrdadh gu mòr
ris an luchd-èisteachd agus 's e dòigh gu math
saor a tha ann airson seirbheis Ghàidhlig a chraoladh
don dùthaich gu lèir. Tha sinn a' toirt taic don
bheachd ann an aithisg Mhilne: 'bhiodh an cànan air a
chuideachadh gu mòr nan rachadh uairean Rèidio
nan Gàidheal a leudachadh agus nan rachadh a chraoladh
air feadh na h-Alba gu lèir'. [Aithisg na Buidheann Gnìomha
air Craoladh Gàidhlig, Geàrr-chùnntas Gnìomhach]
88. A thaobh gearradh na seirbheis analogue, tha a' Chomataidh
a' tuigsinn iomagain dhaoine ach tha e coltach gum bi e nas
fhaide na 2010, an ceann-ama a bha aig an Riaghaltas an toiseach,
mus sguir an t-seirbheis. Anns an eadar-ama cumaidh seirbheisean
digiteach talmhainn a' sgaoileadh agus far nach fhaighear sin
bidh saiteal digiteach ri fhaighinn. Tha a' Chomataidh den bheachd
gum bi feum air caochladh dhòighean craolaidh airson
na Gàidhlig san àm ri teachd (a' gabhail a-steach
an t-eadar-lìon) fiù's ma bhios seanail shònraichte
ann, agus gum bi seo fìor airson craoladh san fharsaingeachd
cuideachd.
Feuman na h-òigridh
89. Tha e a' nochdadh uair is uair san fhianais mar a dh'fheumas
craoladh na Gàidhlig a bhith buntainneach agus freagarrach
do dhaoine òga. Ann an Steòrnabhagh thuirt Pròiseact
nan Ealan ris a' Chomataidh: `Chan eil cus diofar ann a bheil
iad ann an Gabhsann neo ann an Glaschu, tha an òigridh
Ghaidhealach - òigridh a tha a' bruidhinn na Gàidhlig
- a' coimhead ris an t-saoghal a tha a-muigh an sin timcheall
orra'10
90. Thog Magaidh NicFhionghuin, Stiùiriche, Paracas
Media, gun robh clàran-ama craolaidh air leth mì-ghoireasach
airson òigridh nuair a thuirt i 'Tha prògraman
Gàidhlig air an telebhisean fhathast air an craoladh
aig amannan nach eil idir freagarrach do mhuinntir na Gàidhlig
agus gu h-àraid don òigridh.'
91. Tha e coltach bho rannsachadh Lèirsinn gu bheil
clann agus òigridh a' sùileachadh mòran
bho phrògraman Gàidhlig, mar a chithear anns an
fhianais sgrìobhte aca: 'Chan eil Gàidheil òga
a' faicinn adhbhar sam bith carson nach biodh prògraman
Gàidhlig a cheart cho math ri prògraman Beurla.
Tha clann agus òigridh ag iarraidh an aon seòrsa
phrògraman sa Ghàidhlig 's a gheibhear sa Bheurla.
Ach, tha iad ag iarraidh gum bi brìgh nam prògraman
buntainneach agus freagarrach don Ghàidhlig seach a bhith
dìreach air eadar-theangachadh bhon Bheurla. Tha iad
ag iarraidh freumhan Gàidhlig fhaicinn anns na prògraman.
Feumaidh brìgh nam prògraman a bhith a' buntainn
ris an latha an-diugh, so-chreidsinneach agus a' riochdachadh
mar a tha iad fhèin a' faireachdainn mu dheidhinn cultar
agus cànan nan Gàidheal.'
92. Tha e follaiseach ma chuireas òigridh an cùl
ri craoladh na Gàidhlig nach bi uiread adhbhair ann seirbheis
a lìbhrigeadh agus, mean air mhean, fàsaidh buaidh
caiteachais na CCG air craoladh nas laige. Mar sin, feumar sùil
a thoirt gun dàil air prògraman òigridh
agus ruigsinneachd do chraoladh airson òigridh ann an
ro-innleachd na CCG.
93. Bha a' Chomataidh an còmhnaidh làidir
sa bheachd gum bu chòir òigridh bruidhinn air
an son fhèin agus pàirt a ghabhail ann an dèanamh
cho-dhùnaidhean. Tha sinn cuideachd den bheachd gum feum
suim shònraichte a ghabhail air feuman chloinne agus
òigridh ann an ro-innleachd ùr sam bith air craoladh
Gàidhlig, oir 's iadsan a chumas a' Ghàidhlig
beò anns na bliadhnaichean romhainn. Dh'fhaodadh leudachadh
air ballrachd a' bhùird, air an deach luaidh ann am para
49 gu h-àrd, cothrom a thoirt do na buidhnean sin pàirt
a ghabhail sa chùis tro bhallrachd, neo le buidheann
comhairleachaidh neo buidheann stiùiridh òigridh.
Feumaidh òigridh a bhith an sàs bhon toiseach
anns na structairean ùra.
Stiùidio Taigh Shìophoirt
94. Tha sinn den bheachd gum bu chòir aire a tharraing
chun na draghan a thog Caidreachas nan Riochdairean Fiolm agus
Telebhisean, Alba (PACT) a thaobh aon chùis chudromach
a nochd bho chionn ghoirid a' buntainn ri tagraidhean airson
phrògraman, a tha ag ràdh gum feum cuid de phrògraman
a tha a' faighinn maoineachadh bhon CCG an dèanamh aig
stiùidio Taigh Shìophoirt ann an Steòrnabhagh.
95. Tha PACT ag ràdh anns an fhianais sgrìobhte
aca gu bheil an riaghailt seo 'a' togail teagmhachd mu dheidhinn
dè cho neo-eisimeileach 's a tha na prògraman
seo, agus chanadh sinne nach eil iad neo-eisimeileach idir a
chionn 's gum feumar goireasan sònraichte a chleachdadh.
Feumaidh a' chompanaidh a gheibh an coimisean goireasan an stiùidio
a chleachdadh an àite na goireasan aca fhèin a
lorg aig reat fharpaiseach. [...] Tha luchd na Gàidhlig
sgapte agus chan eil e freagarrach gu bheil maoin na CCG uile
ga chumail ann an aon sgìre a-mhàin.' Tha PACT
cuideachd a' cumail a-mach gu bheil an suidheachadh seo an aghaidh
spiorad agus 's dòcha riaghailt lagh farpaiseachd mar
a bhuineas e ri riochdachadh neo-eisimeileach. Chan eil iad
sàsaichte leis an fhreagairt a fhuair iad bhon CCG anns
a' chùis seo.
96. Tha an CCG, ge-tà, den bheachd gur e pàirt
chudromach de bhun-structair a th' ann an Taigh Shìophoirt,
far a bheil iad air tasgadh airgid a dhèanamh, a tha
a' cuideachadh na CCG a' coileanadh amasan, agus ma chumas companaidhean
ga chleachdadh gum bi obair chunbhalach ann an craoladh do Ghàidheil.
Tha Stiùiriche na CCG air a bhith caran rag na bheachd
anns a' chùis seo.
97. Tha sinn den bheachd gu bheil PACT ceart a ràdh
gu bheil cumhaichean cùmhnant sam bith a thèid
an sparradh air daoine ann an rèiteachadh maoineachaidh
a' dol an aghaidh spiorad lagh farpaiseachd agus gu bheil aig
a char is lugha ceist orra co-dhiù a tha e glic dhan
CCG glic a bhith an sàs ann an Taigh Shìophoirt
agus ga chur mar fhiachaibh air companaidhean an stiùidio
a chleachdadh airson cuid de thabhartasan a bhuannachd. Bhiodh
an t-uallach air PACT dùbhlan a thoirt don CCG a thaobh
riaghailt an lagha anns a' chùirt as leth aon de na buill
aca, ach chan eil sinne den bheachd gum biodh e gu math a' phobaill
nan tachradh seo agus bu chòir don CCG a' chumha a leigeil
seachad. Chan urrainn agus chan fhaod an CCG Taigh Shìophoirt
a chumail a' dol dìreach le bhith a' cleachdadh cumhachd
maoineachaidh airson toirt air companaidhean a Chleachdadh an
aghaidh an toil. Chan e seo dòigh sam bu chòir
buidheann chunntachail phoblach sam bith a bhith ag obair.
CAIBIDEAL 4: AITHISG MHILNE AGUS AN T-SLIGHE
AIR ADHART
98. Fad's a bha an rannsachadh a' tòiseachadh - dìreach
as dèidh dhan Chomataidh tadhal air Steòrnabhagh
- bha a' Chomataidh toilichte faicinn, as dèidh Òraid
na Bànrigh do Phàrlamaid Westminster san Òg-mhìos
2001, gun do leig Oifis na Dùthcha fios gu bheil aonta
ann am prionnsabal ri Seanail shònraichte Ghàidhlig
a stèidheachadh. Tha sinn mothachail, ge-tà, gum
feum na cosgaisean a thig na lùib an dearbhadh a rèir
caiteachas phoblach san fharsaingeachd agus nach deach clàr-ama
a chur air dòigh airson an obair a chur an gnìomh.
Tha aithisg Mhilne a' gabhail a-steach moladh snasail, mac-meanmnail
air mar a ghabhadh sianal ùr maoineachadh , a' tarraing
a-steach airgead bho chompanaidhean ITV mu choinneamh dleastanas
reachdail prògraman Gàidhlig a shealltainn aig
prìomh uair, ach tha na duilgheadasan a th' aig companaidhean
ITV an ceartuair a ciallachadh gur e slighe neo-shoirbheachail
a dh'fhaodadh a bhith an seo. Bhiodh sinn airson tuilleadh deasbaid
a bhrosnachadh air mar a ghabhadh leidhid a shianal a mhaoineachadh,
a' toirt a-steach taghadh de roghainnean còmhla ri taic
phoblach bhunasach. Dh'fhaodadh pròiseas tagraidh malairteach
a bhith an luib na roghainnean airson còir air cò
a bhuidheann a bhiodh os cionn coimiseanadh agus craoladh.
99. Tha sinn den bheachd gum bu chòir seanal Ghàidhlig
('s dòcha le cuid de phrògraman cultarach eile)
a bhith mar amas aig a' cheann-thall. Ach, ann a bhith a'
gabhail ris an t-seanail seo, tha grunn cheistean ùra
gan togail a dh'fheumas freagairt fhad' s a tha an t-seanail
ga deasachadh agus ga stèidheachadh. Beachdaichidh sinn
air cuid dhiubh anns an earrann mu dheireadh dhen aithisg againn.
Na tha an Dàn dhan CCG
100. Tha a' Chomataidh dhen bheachd gu bheil an CCG air a bhith
na iomairt shoirbheachail airson nan 1990an ach iomairt anns
a bheil grunn laigsichean a thaobh a bhith leantail sna bliadhnaichean
a tha romhainn. Gu sònraichte nam measg seo tha an sgaradh
eadar coimiseanadh agus maoineachadh. Tha seo air làn
leasachadh craoladh Gàidhlig a chiorramachadh agus feumar
faighinn seachad air san aithghearrachd ma tha adhartas ciallach,
leantaileach gu bhith air a dhèanamh.
101. Ach ma thathar a' dol a dh'fhaighinn seanail Ghàidhlig
shònraichte cha ghabh sin a dheanamh ann an cabhag. Tha
SMG ag ràdh `Tha e ion-mholta gu bheileas airson trì
uairean a thìde san latha a chraoladh, ach nar beachdne,
cha ghabhadh seo a dhèanamh. Ged a tha àireamhan
luchd-cruthachaidh na Gàidhlig air a dhol am meud anns
na deich bliadhnaichean a chaidh seachad, air sàilleibh
innleachdan leithid Urras Telebhisean na Gàidhlig agus
roinnean riochdachaidh ann an companaidhean, tha sinne glè
theagmhach gu bheil gu leòr dhaoine sgileil ann airson
1000 uairean a thìde de phrògraman sa bhliadhna
a dhèanamh, trì uiread na th' againn an-dràsta.'
102. Chaidh Seanail 'Albannach' a mholadh mar aon dòigh
air a' bheàrn seo a lìonadh, a ghabhadh a-steach
prògraman air eachdraidh chultarach agus cànanan
agus dualchainntean Albannach eile agus tha an CCG fhèin
a' toirt taic don bheachd seo: `Chanainn-sa gum bu chòir
dhuinn mar Ghàidheil cumail a' dol an co-obrachadh a
tha air a bhith eadar sinn agus na daoine a tha a' bruidhinn
Doric, na daoine ann an Sealtainn a' bruidhinn an canain aca
fhèin, agus gun tòisicheadh sinn a' togail an
àrd còmhla ris na daoine sin, seòrsa seanail
a' sealltainn cultar na h-Alba, còmhla ris a' Phàrlamaid,
agus Gàidhlig ann cuideachd. B' urrainn dhuinn sin a
dhèanamh.' Iain Aonghas MacAoidh, Comataidh Craolaidh
Gàidhlig11
103. Tha molaidhean eile ann leithid cuid de na h-uairean a
chleachdadh airson Pàrlamaid na h-Alba a chraoladh beò,
neo airson seanal a chruthachadh a shealladh na prògraman
as fheàrr ann an Gàidhlig na h-Èireann,
Cuimris neo cànan na Breatainne Bige - tha seanailean
làn ùine anns na trì cànanan sin.
104. Fiù's a' gabhail ri clàr cho measgaichte
- a tharraingeadh càineadh bho mhòran a tha ag
obair ann an riochdachadh Gàidhlig - chan eil comharra
ann gu bheil an CCG san riochd agus an dòigh-obrach a
th' aca an dràst a' soirbheachadh ann a bhith leasachadh
am meudachd phrògraman air an gabhadh seanal togail ann
an ùine reusanta, neo gum b'urrainn dhan CCG a leithid
a dhèanamh le barrachd ghoireasan. Mar sin tha feum air
structair ùr eadar-amail a stèidheachadh a ghluaiseas
gu ruige seanal le bhith cur a-mach barrachd phrògraman
agus a thogas bun-structair.
105. Anns an earrann seo, matha, beachdaichidh sinn air cuid
dheth na molaidhean bho Aithisg Buidheann Gnìomha air
Craoladh Gàidhlig (Aithisg Mhilne) gan ceangal ri amasan
anns a' mheadhain agus ùine-fhada, ag amas air molaidhean
airson leantaileachd a thogas air an soirbheachadh thuige seo
agus a thigeadh an àite na CCG aig ìre thràth.
106. Tha Aithisg na Buidheann Gnìomha air Craoladh na
Gàidhlig12 (`Aithisg
Mhilne') a' moladh: `Ùghdarras Craolaidh Gàidhlig
a stèidheachadh le Rùnaire na Stàite airson
Cultar, nam Meadhanan agus Spòrs a bhiodh ag obair ann
am frèam-obrach riaghlaidh na RA. Bhiodh prìomh
dhleastanasan an Ùghdarrais mar a leanas:
i) stiùireadh a thoirt air Seirbheis Ghàidhlig
a stèidheachadh a' co-fhilleadh meadhanan na 21mh linn;
ii) riaghladh maoin na seirbheis;
iii) prìomh oifigearan fhastadh airson an t-seirbheis
a ruith;
iv) prìomh ùghdarras a ghabhail airson clàran-ama
agus craoladh na seirbheis; agus
107. ainmeachadh dè na seirbheisean taice a thèid
an craoladh nuair nach eil prògraman Gàidhlig
gan cur a-mach.' Geàrr-chùnntas Gnìomha
Aithisg na Buidheann Gnìomha air Craoladh na Gàidhlig
108. Tha a' mhòr-chuid den luchd-fianais a' toirt taic
do dh'Ùghdarras Craolaidh Gàidhlig den leithid
(GBA). Tha cuid nach eil ag aontachadh ge-tà; mar eisimpleir
tha SMG ag ràdh anns an fhianais sgrìobhte aca:
`Chan eil sinn a' creidsinn gum biodh Ùghdarras Craolaidh
Gàidhlig feumail neo riatanach. [..] Ma dh'aontaicheas
an Riaghaltas ri seanail air leth a stèidheachadh, mholadh
sinne rian-obrach coltach ris an fhear aig craoladairean eile,
sin, Bòrd Stiùiridh cunntachail ri Ofcom.'
109. Tha Co-bhanntachd nan Riochdairean Fiolm agus Telebhisean,
Alba (PACT) ag aontachadh ris a' bheachd seo: `Tha PACT den
bheachd gum bu chòir Ùghdarras Craolaidh Gàidhlig
a ruith air rian-obrach foillseachair/craoladair, anns an aon
dòigh ri Seanail Ceithir agus S4C. Bheireadh seo cothrom
airson tasgadh ann am prògraman agus companaidhean seach
togalaichean agus bun-structair agus bhiodh co-fharpais ann
a thaobh prìs agus ealain anns a' mhargaidh.' PACT, fianais
sgrìobhte
110. Tha iomagain a' BhBC mu dheidhinn GBA a' togail ceist
eile - gum faodadh gur e an CCG a bhios na bhunait do GBA: `Bu
toil leinn bruidhinn nas mionaidiche air na beachdan againn
air àite na CCG anns an àrainneachd ùr
dhigiteach a' buntainn ri aithisg Mhilne agus gu h-àraid
a chionn' s gu bheil am BBC air uiread de shàr phrògraman
a choimiseanadh, a dhèanamh agus a chraoladh thar ùine
mhòir.' (BBC Alba, fianais sgrìobhte).
111. Tha e cudromach anns an deasbad seo gun tèid sgaradh
a dhèanamh eadar ceist dreachd na buidhne a ruitheas
seanail dhigiteach sam bith, agus ceist ruith na seanail fhèin.
A thaobh ruith na seanail tha sinne ag aontachadh leis a' mhòr-chuid
den fhianais don Chomataidh a bha gu làidir den bheachd
gum bu chòir aon bhuidheann a-mhàin a bhith ann
a bhiodh a' coimiseanadh phrògraman agus a' suidheachadh
chlàran-ama agus gum biodh seo deatamach airson craoladh
na Gàidhlig a leasachadh sam àm ri teachd, agus
a bha ag aithneachadh, mar a tha an aithisg seo fhèin,
gu bheil an reachdas a tha againn an-dràsta a' dèanamh
duilgheadasan le bhith a' sgaradh coimiseanadh agus maoineachaidh,
rud nach eil gu feum.
112. Ach, dh'fhaodadh e cron a dhèanamh nan rachadh
cùisean ceum na b' fhaide agus gun stèidhichear
GBA mar bhuidheann riaghlaidh le buidheann riochdachaidh air
leth bhuaidhe agus fo ùghdarras, oir bheireadh seo neo-riaghailteachd
air riaghladh craoladh na UK aig àm nuair a tha an rian-obrach
a mhol SMG agus PACT gu h-àrd a' coimhead nas coltaiche.
113. Tha sinne den bheachd gu bheil e riatanach don Ghàidhlig
agus ann a bhith a' cumail craoladh na Gàidhlig beò
gum biodh aon bhuidheann ann le cumhachd coimiseanadh agus cumhachd
clàr-phrògraman a shocrachadh. Tha sinn ag iarraidh
"buidheann eadar-ama" a stèidheachadh gus an
amas sin a chur gu dol agus comas seirbheis a thogail airson
seanal le prògraman Gàidhlig. As dèidh
gach uile nì a mheas agus a' gabhail suim air a' bhile
conaltraidh a tha san amharc aig Westminster, tha sinn cuideachd
den bheachd aon uair's gun tèid seanal gum biodh e fo
ùghdarras Ofcomm, agus nach biodh feum air GBA a chur
air bhonn mar bhuidheann riaghlaidh air leth.
Clàr-ama agus dòighean leasachaidh.
114. Tha a' bhunait gum bu chòir aon bhuidheann le cumhachd
prògraman a choimiseanadh agus a chlàradh ("An
Seanal") air a riaghladh le Ofcomm a' toirt cothrom leithid
a bhuidheann a chur air bhonn aig am biodh uallach airson coimiseanadh
agus craoladh, ach chan ann airson seanal air leth. Bheireadh
seo fuasgladh dha na trioblaidean a th' ann an dràsta,
thogadh e air soirbheachadh CCG agus shuidhicheadh e ceann-uidhe
cinnteach agus a ghabhadh sgrùdadh air an t-slighe gu
ruige seanal. Bhiodh e na amas aig leithid a bhuidheann tasgadh
de phrògaman Gàidhlig a chruinneachadh airson
Seanal air leth. Dh'fhaodadh a ' bhuidheann cuideachadh le bhith
a leasachadh modail ùr airson leithid a sheanail, a'
toirt a-steach prògraman cultarach eile mar phàirt
dhen leasachadh sin.
115. Tha sinn a' tòiseachadh bhon bheachd gu bheil aon
bhuidheann a dhìth airson prògraman a choimiseanadh
agus an craoladh, air seanal neo seanalan a th' ann mar-tha.
Dh'fheumadh leithid a bhuidheann a bhith comasach air clàr-phrògraman
a chur air dòigh, air taobh a-staigh chrìochan
aontaichte, agus cùisean leithid clàr-phrògraman
agus coimiseanadh a thoirt còmhladh coltach ri craoladairean
àbhaisteach.
116. Tha seo ga fhàgail coltach gun tigeadh buidheann
mar seo a craoladair a th' ann mar-tha, leithid SMG neo BBC
- ged a dh'fhaodadh Seanal 4 a bhith na roghainn neo-choltach
cuideachd. Dh'fhaodadh craoladair a th' ann mar-thà tagradh
airson còir riaghlaidh air maoin a bheireadh an riaghaltas
seachad, obrachadh le amas bun-structair a thogail a chumadh
seanail a' dol agus planaichean a leasachadh airson seanail.
117. Dh'fheumadh am pròiseas tagraidh a bhith soilleir,
follaiseach agus le cumhaichean làidir a thaobh cùmhnantan
agus toradh aontaichte. Bhiodh inbhe "Roghainn is fheàrr"
aig a' chùmhnantair a ghlèidheadh an tagradh airson
an t-seanail aig a' cheann-thall fad's a thigeadh toradh a choileanadh.
'S dòcha nach biodh cuid a chompanaidhean deònach
tagradh a dhèanamh, ach bhiodh tagradh sam bith a' toirt
a-steach na suimean airgid a bhiodh air chothrom airson prògraman
agus rianachd phrògraman. Dh'fhaodadh gum biodh stòras
ionmhas cho tarraingeach agus cho cinnteach glè chudromach
do mhòran chompanaidhean aig an àm seo. Bu chòir
cuideachd beachdachadh air tairgseachadh airson còirichean
riaghlaidh na seanail craolaidh.
118. Ann an liosta de roghainnean cha bhiodh e ceart gun àite
a thoirt do co-bhanntachd de chompanaidhean neo-eisimileach
le cead sònraichte reachdail a dh'fhaodadh cothrom fhaighinn
air seanal craolaidh neo comas riaghlaidh air pàirt de
sheanal. 'S e suidheachadh gu tur annasach a bhiodh an sin ann
an craoladh Bhreatainn, ach ghabhadh a dhèanamh nan robh
adhbharan làidir ann airson a leithid. Beachdaichidh
sinn cuideachd air comas na CCG leithid a bhuidheann a thoirt
gu buil.
SMG
119. Tha e coltach gu bheil e na bheachd chumanta am measg
nan Gàidheal nach eil mòran gnothaich aig SMG
ri craoladh Gàidhlig tuilleadh, agus gum biodh iad air
cùl a thionndadh ris buileach mura robh cead craolaidh
an ITC ag ràdh gum feum iad Gàidhlig a chraoladh.
Tha fianais SMG fhèin a' toirt taic don bheachd seo:
`Cha ghabh an dleastanas air companaidhean marsantach Seanail
3 a bhith a' craoladh Gàidhlig aig prìomh-uair
a chumail a' dol nas fhaide. Tha àite ITV ann an saoghal
craolaidh na UK air atharrachadh thar nam bliadhnaichean agus
tha e a-nis a' frithealadh don mhòr-mhargaidh le prògraman
a tha a' tighinn ris a' mhòr-phoball agus, fad' s a tha
sinn deònach gabhail ris an dleastanas a tha an cead
craolaidh a' cur oirnn a thaobh roghainn agus eugsamhaileachd
a lìbhrigeadh ann am prògraman air feadh nan roinnean,
chanadh sinne nach e ITV an dachaidh cheart airson prògraman
Gàidhlig.'
120. Tha an suidheachadh seo eadar-dhealaichte bhon phrìomh
àite a ghabh Telebhisean na h-Alba agus Telebhisean Grampian
mus deach an CTG a stèidheachadh agus ann am bliadhnaichean
tràth na Maoin, agus tha Media Nan Eilean a' bruidhinn
air an seo anns an fhianais sgrìobhte aca: `Bha companaidhean
neo-eisimeileach ann a bha leagte ri prògraman Gàidhlig
a dhèanamh mus deach a' Mhaoin Ghàidhlig a stèidheachadh,
agus tha Telebhisean na h-Alba agus Telebhisean Grampian airidh
air mòran den mholadh airson seo.'
121. Tha beachd SMG an-dràsta agus an dòigh san
do dh'atharraich iad am beachd air gearain adhbharachadh bho
choimhearsnachd na Gàidhlig, ach tha SMG gan dìon
fhèin anns an fhianais sgrìobhte aca le bhith
ag ràdh gu bheil an craoladh prìomh-uair a tha
aca an-dràsta làn fhreagarrach airson àireamhan
an luchd-amhairc: `An-dràsta tha sinn a' sònrachadh
52 prìomh àite do phrògraman Gàidhlig
a tha a' faighinn maoineachaidh bhon CCG, sin, 64% den chraoladh
prìomh-uair gu lèir againn airson nan roinnean:
tha e follaiseach gu bheil seo mì-chuimseach agus nach
eil ach 2% den luchd-amhairc againn a' bruidhinn Gàidhlig.'
122. A dh'aindeoin na chaidh a ràdh roimhe bha SMG a'
leigeil fios san fhianais labhairt aca gu robh ùidh aca
pàirt mhòr a ghabhail ann an leasachadh na seanail
ùire san àm ri teachd. Gu dearbh tha luchd-obrach
eòlach aca, mòran fiosrachaidh air a' mhargaidh
Ghàidhlig agus Albannach agus 's e craoladair comasach
a tha a' toirt seachad luach an airgid a th' unnta. Cuideachd,
tha inntrigeadh dìreach aca don lìon chraolaidh,
ge-brith gur e fear analogue a th' ann airson a' mhòr-chuid,
agus b' urrainn dha inntrigeadh dìreach do chraoladh
digiteach a chur air dòigh anns a' chompanaidh aca fhèin
a' cleachdadh an luchd-obrach aca fhèin. Leis na trioblaidean
ionmhais a th' aig compnaidhean ITV an ceartuair 's dòcha
gum biodh SMG airson a dhol an sàs a-rithist ann an Gàidhlig
le bhith a' gabhail uallach, air chùmhnant coimearsealta,
mar mhanaidsear "eadar-ama" na maoin ged a tha teagamh
ann gum faigheadh iad na h-uairean air an t-seanal a th' aca
an dràst airson leithid a dhreuchd a choileanadh.
CCG
123. 'S e buidheann maoineachaidh a tha san CCG an-dràsta,
agus mar a chaidh a luaidh gu h-àrd, chan eil ach glè
bheag de dh'eòlas craolaidh aig buill a' Bhùird
neo an Sgioba-gnìomha. Nam biodh an CCG gu bhith na chraoladair
dh'fheumadh mòran sgilean a leasachadh, mòran
a thasgadh ann am bun-structair agus dh'fheumadh a' bhuidheann
tòiseachadh a-rithist agus inbhe ùr fhaighinn,
ri linn a' chàirdeas a tha aca an-dràsta leis
an ITC.
124. Chan eil e a' coimhead coltach gun tèid leithid
a sgilean agus airgead a lorg airson an CCG a thionndadh bhon
inbhe a th' aca an dràst gu dreuchd den t-seòrsa
sin. Cha mhotha a b'urrainn dha tagraidh coimearsealta a dhèanamh
airson craoladair eadar-ama nas lugha na gheibheadh iad ionmhas
bhon taobh a-muigh, rud a bhiodh a' ciallachadh gum biodh iad
ag obair mar chompanaidh neo-eisimeil, a' toirt an inbhe a th'
aca an dràst gu ceann.
Buidheann Neo-eisimeileach
125. Tha na companaidhean neo-eisimeileach an Alba a tha an
sàs ann an dèanamh phrògraman Gàidhlig
ann an staid chugallach airson gun deach maoin na CCG a ghearradh
agus gu bheil prìomhachas ga thoirt do na companaidhean
craolaidh. Tha co-dhiù a dhà ann, ge-tà,
leis a' chomas agus an luchd-obrach freagarrach. A thuilleadh
air sin tha mòran chompanaidhean Beurla ann a tha air
ùidh a nochdadh ann a bhith dèanamh phrògraman
Gàidhlig bho àm gu àm. Cuideachd, dh'fhaodadh
companaidhean bho dhùthchannan eile ùidh a nochdadh,
gu h-àraid a' Chuimrigh, far am biodh na sgilean aca
mar phàirt chudromach de thagradh sam bith.
126. Bho chionn ghoirid tha luchd-obrach bho na companaidhean
riochdachaidh neo-eisimeileach air gluasad a dhèanamh
gun trioblaid sam bith do phrìomh dhreuchdan riaghlaidh
anns na companaidhean craolaidh agus tha a chaochladh air tachairt
cuideachd. Thachair seo ann an Alba far an deach Ceannard na
Gàidhlig aig Grampian gu dreuchd Ceannard Media Nan Eilean,
companaidh a thòisich e mus deach e gu Grampian ach as
dèidh dha a bhith na Cheannard Gàidhlig aig a'
BhBC. Dh'fhaodadh cùmhnant ùr sam bith airson
seanail a leasachadh daoine a thàladh bho obraichean
eile, 's dòcha bho àrd ìre ann an craoladh,
agus dh'fhaodadh e cùisean a ghluasad ann an craoladh
na h-Alba, agus dùbhlan a thoirt don dà chompanaidh
mhòr a th' ann an-dràsta.
127. 'S e am prìomh dhuilgheadas airson companaidh neo-eisimeileach
ciamar a b' urrainn dhaibh ruigsinneachd a ghealltainn agus
smachd a chumail air toradh aig an aon àm. Bhiodh e neònach
nan robh SMG neo BBC deònach gabhail ri leithid a shuidheachadh
mar a tha lagh craolaidh a seasamh an dràst agus fiù's
nan robh e comasach, bhiodh duilgheadasan obrach mòr
na chois. Bhiodh duilgheadasan ann cuideachd a' cumail companaidh
neo-eisimeileach a' dol aig amannan an uair a tha mi-chìnnt
ionmhais ann bhon a bhiodh bun ghoireasan nas lugha air chothrom
aca seach craoladair stèidhichte.
BBC
128. Mar a chaidh a ràdh cheana, tha eòlas aig
a' BhBC a bhith a' coimiseanadh agus a' craoladh phrògraman
Gàidhlig aig na h-ìrean as àirde agus le
sàr inbhe obrach. Cuideachd, tha fianais sgrìobhte
agus labhairt a' BhBC a' dearbhadh an dealais a th' aca airson
craoladh Gàidhlig.
129. Tha an inntrigeadh as dìriche aig a' BhBC cuideachd
don lìon craolaidh agus tha an t-eòlas aca a bhith
a' stiùireadh phròiseactan toinnte, cosgail gu
ceann-uidhe shoirbheachail, agus tha iad mòr gu leòr
gus cùisean a chumail a' dol nuair a thig amannan duilich.
130. An aghaidh sin tha buaidh làidir aig Lunnainn air
obair a' BhBC agus dh'fhaodadh nach biodh ùidh acasan
anns a' phròiseict seo. Cuideachd dh'fhaodadh biurocrasaidh
a' BhBC bacadh a chur air companaidhean neo-eisimeileach a tha
a' faireachdainn gu tric nach eil uiread cothroim aca 's a tha
aig luchd-obrach a' BhBC fhèin. Tha am BBC cuideachd
air a bhith buailteach buidhnean eile a chur a dh'aon taobh
nuair a tha iad a' cruthachadh poileasaidh deasachaidh agus
feumaidh iad dearbhadh gun gabh iad suim air beachdan bhuidhnean
eile ann an iomairtean ùra sam bith.
131. As dèidh beachdachadh air na chaidh a ràdh
gu h-àrd, dhiùltadh a' Chomataidh modail na CCG
agus bhiodh sinn teagmhach mu dheidhinn companaidh riochdachaidh
neo-eisimeileach a th' ann mar-thà a chleachdadh, ged
a dh'fhaodadh gun gabhadh cùisean obrachadh gu soirbheachail
le companaidh ùr neo le co-bhanntachd. Anns na beagan
bhliadhnaichean a chaidh seachad chan eil SMG air dealas a nochdadh
airson telebhisean na Gàidhlig ach cha chuireadh sinn
cùl riubha fhad's a bhiodh barantais ann a thaobh coimiseanadh,
àite nan neo-eisimeilich agus leasachadh bun-structair
- barantais ris am feumadh am BBC gabhail cuideachd. Aig an
ìre seo matha b' fheàrr leinn nan gabhadh fear
dheth na craoladairean a tha an Alba cheana an t-uallach eadar-ama
seo, ach air taobh a-staigh chrìochan cùmhnantaichte.
Bhiodh an craoladair seo an uairsin a ruidh na "Seanail".
132. Tha a' Chomataidh ag aithneachadh gum biodh feum air
Prìomh Reachdas bho Westminster airson na h-atharrachaidhean
gu h-àrd a dhèanamh, gus craoladair eadar-ama
a chruthachadh agus am modail sin a chleachdadh mar bhunait
airson adhartas gu ruige Seanal Ghàidhlig. Tha a' Chomataidh
mothachail gu bheil Bile Conaltraidh ga thoirt a-steach aig
Westminster san ath sheisean agus tha sinn a moladh gum bu chòir
dhan fheadhainn air a bheil uallach airson a' Bhile sin beachdachadh
air na h-atharrachaidhean seo.
Àite suidheachaidh a' Chraoladair Eadar-ama agus
na Seanail Ghàidhlig
133. Bha grunn den luchd-fianais den bheachd gum bu chòir
seanail ùr dhigiteach sam bith a shuidheachadh air a'
Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan: cha robh Bill Howat,
bho Chomhairle nan Eilean Siar, na aonar nuair a thuirt e ris
a' Chomataidh ann an Steòrnabhagh: `Tha a' Chomhairle
agamsa den bheachd - agus tha mise ag aontachadh oir tha eòlas
phearsanta agam air - ma tha seanail gu bhith againn a chumas
a' chànan beò, feumar a suidheachadh ann an àite
far am bi i na pàirt de chultar an t-sluaigh bho latha
gu latha.'13
134. Ach, bha beachd eile aig BBC Alba: `Leis a h-uile urram,
anns an t-saoghal craobh-sgaoilidh a tha ri teachd, tha mi a'
smaoineachadh gu bheil e caran sean-fhasanta a bhith a' smaoineachadh
air ionad às am feum craobh-sgaoileadh a bhith a' tighinn.'
Donalda NicFhionghuin, BBC Alba14
135. Bha fianais BBC Alba airson eadar-dhealachadh a dhèanamh
eadar an t-àite far am bi ùghdarras agus an t-àite
far am bi an teicneòlas airson na prògraman a
chur a-mach, airson gu bheil feum air ionad teicnigeach foghainteach
agus dh'fhaodadh seo a thogail ri taobh nan goireasan a th'
ann mar thà ann am meadhan na h-Alba. Tha seo na thaisbeanadh
eile air cho feumail 's a bhiodh e craoladair a th' ann mar-thà
a chleachdadh aig am biodh na goireasan craolaidh freagarrach
ach a b'urrainn a bhith sùbailte mu dheidhinn far an
robh luchd-giollachd agus luchd-rianachd nam prògraman
stèidhichte.
136. Chuir grunn fianais sìos air cleachdadh na CCG
a bhith a' cumail nan goireasan gu lèir ann an Steòrnabhagh,
leithid Kirk Jones bho PACT a thuirt : `Tha iad [an CCG] air
togalach a ghabhail air mhàl bho chionn ghoirid air Rathad
Shìophoirt ann an Steòrnabhagh agus tha e coltach
gum feum luchd-giollachd phrògraman aontachadh na goireasan
seo a chleachdadh ma tha iad dol a dh'fhaighinn cuid de chùmhnantan
maoineachaidh. [...]Tha sin mì-fhortanach, oir tha cuid
de na companaidhean riochdachaidh againne nach eil stèidhichte
ann an Steòrnabhagh. Tha siostam den leithid seo a' dol
an aghaidh co-fharpais, oir tha bacaidhean ionmhais air companaidhean
airson gum feum iad na goireasan sin a chleachdadh neo airson
nach eil e coltach gun coisinn iad an coimisean.' Kirk Jones,
Co-bhanntachd nan Riochdairean Fiolm agus Telebhisean, Alba
15 col 2476. Ach tha iomagain
ann cuideachd ma thèid giollachd phrògraman a
stèidheachadh air taobh a-muigh na Gàidhealtachd
gun tèid barrachd dhaoine òga a tharraing a-mach
às an sgìre: `An àite nan companaidhean
mòra mar SMG agus am BBC a' dèanamh mòran
dhan a sin air falbh bho na h-eileanan againn, ach gidheadh
a tha crochadh air na Gàidheil a dh'fhalbhas às
na h-eileanan a tha seo airson na dreuchdan a tha sin a lìonadh,
mhiannaicheadh sinne barrachd de na dreuchdan sin a bhith anns
na h-eileanan againn fhèin.' Domhnall MacAoidh, Comhairle
nan Eilean Siar16
137. Tha sinn a' tuigsinn an teas a tha an deasbad seo a'
togail ach chan eil sinn a' smaoineachadh gur e argamaid fhìor
a th' ann. Airson luach an airgid fhaighinn bhon mhaoin phoblach
a chaitheas an CCG feumar a chosg anns gach pàirt den
Ghàidhealtachd agus ann am meadhan na h-Alba. Bu chòir
do bhuidheann ùr sam bith a tha a' ruith chùisean
san eadar-ama neo na seanail aig a' cheann-thall dèanamh
cinnteach nach biodh cus co-chruinneachadh ionmhais ann an Steòrnabhagh
neo an àite sam bith eile agus bu chòir dhan an
CCG stad a chur air a' chleachdadh seo. Tha sinn gu làidir
air taobh nan daoine a tha ag ràdh gum biodh e ceàrr
maoin a chaitheamh air 'prìomh oifis' seanail mòr
a thogail, agus dèanamh phrògraman a chur an dara
taobh, agus gum biodh e cheart cho ceàrr airgead a dhìol
air 'baile mheadhanan' na CCG ann an aon àite a-mhàin.
'S e Steòrnabhagh aon de na h-àiteachan as motha
agus as dripeil sa Ghaidhealtachd, agus mar sin bidh àite
mòr aige ann an craoladh na Gàidhlig an-dràst
agus san àm ri teachd, agus feumaidh a' mhòr-chuid
den stuth tighinn às a' Ghaidhealtachd, ach 's e aon
de shochairean na linne dhigitich gun gabh prògraman
an dèanamh bho iomadh àite air a' Ghaidhealtachd
agus na h-Eileanan agus àiteachan eile.
138. Tha sinne a' co-dhùnadh, airson adhbharan teicnigeach,
agus airson dèanamh cinnteach nach tèid airgead
a thoirt bho phrògraman gu togail bun-structair, gu bheil
e coltach gur e meadhan na h-Alba an t-àite as fheàrr
airson ionad-craolaidh teicnigeach craoladh Gàidhlig,
mar phàirt de dh'ionad-craolaidh a th' ann mar-thà.
Ach feumaidh riaghladh deatamach seanal agus buidheann eadar-ama
sam bith, a bhith stèidhichte agus ag obair bho chridhe
na Gaidhealtachd.
CAIBIDEAL 5: GEARR-CHUNNTAS, CO-DHÙNAIDHEAN
AGUS MOLAIDHEAN
139. Tha làn cho-dhùnaidhean agus molaidhean
na Comataidh air an liostadh gu h-ìosal mar a chaidh
an toirt seachad san aithisg. Mar gheàrr-chunntas ge-tà
tha a' Chomataidh a creidsinn:
· Gu bheil an CCG agus an fheadhainn a mhaoinich iad
air buaidh làidir chultarach, shòisealta agus
eaconamach a thoirt air Gàidhlig agus craoladh anns na
deich bliadhna a chaidh.
· Gu bheil laigsichean ann an dràst a thaobh
leasachadh, prìomhachas obrach agus innleachd iomlan
ris am feumar dèiligeadh.
· Gu bheil grunn chùisean obrach nan adhbhar
uallaich. Tha grunn fhianaisean air mothachadh dhan duilgheadas
sa chàirdeas eadar an stiùiriche agus buidhnean
co-cheangailte. Feumaidh an Cathraiche agus am Bòrd ùr
dèiligeadh ris an seo gu grad.
· Bha dragh air fianaisean eile mun chuideam a bha
an CCG a' cur air cleachdadh Taigh Shìophpoirt. Feumaidh
an Cathraiche agus am Bòrd ùr dèiligeadh
ris an seo gu grad cuideachd.
· Tha a' phrìomh laigse san structair a th'
ann an-dràst ri fhaighinn anns an dealachadh eadar coimiseanadh
agus maoineachadh agus 's e laigse a tha seo ris am feumar dèiligeadh
sa mhionaid ma tha tasgadh de phrògraman gu bhith air
a chruinneachadh airson Seanal Gàidhlig a stèidheachadh.
· Tha feum air buidheann eadar-ama gus togail air obair
na CCG agus ceumannan iomchaidh a ghabhail thairis air ùine
gus seanal a stèidheachadh.
· Bidh feum air Prìomh Reachdas aig Westminster
airson na h-atharrachaidhean seo agus bu chòir dhan fheadhainn
air a bheil uallach airson a' Bhile Conaltraidh a tha air fàire
beachdachadh orra.
· Bu chòir beachdachadh air tairgseachadh coimearsealta
airson dreuchd a' chraoladair eadar-ama mar roghainn, agus 's
dòcha gum biodh seo mar phàirt chudromach dhen
chùmhnant gus an t-seanal a ruidh aig a' cheann-thall.
· Bu chòir làn sheanal Gàidhlig
('s dòcha le cuid de phrògraman cultarach eile)
a bhith mar amas aig a' cheann-thall.
Co-dhùnaidhean agus Molaidhean.
|